
18/01/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 133
Duration: 04:43
Litir 133: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir
Tha an eilid anns an fhrìth
Mar bu chòir dhi bhith
Far am faigh i millteach
Glan, feòirneanach.
A bheil fhios agaibh cò sgrìobh na faclan sin? Tha iad mu dheidhinn nàdair agus beanntan na h-Alba, agus bha iad air an sgrìobhadh le fear de na bàird as ainmeile a bh’ againn – Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir. Seo iad a-rithist. ’S dòcha gum bi fios agaibh gu bheil eilid a’ ciallachadh “fiadh boireann”. Agus millteach – uill, ’s e sin seòrsa feòir a bhios a’ fàs air na beanntan.
Tha an eilid anns an fhrìth
Mar bu chòir dhi bhith
Far am faigh i millteach
Glan, feòirneanach.
Leugh mi na faclan sin an t-seachdain-sa ann an leabhar ùr mu dheidhinn tè de bheanntan na h-Alba. Chan i Bèinn Dòrain ann an Earra-Ghaidheal, a bha Donnchadh Bàn a’ moladh na bhàrdachd, ach tè fada gu tuath air a sin, tè de bheanntan Thoirbheartain ann an taobh siar Rois – Beinn Eighe. Ged is ann ann am Beurla a tha an leabhar, le Laughton MacIain agus Dick Balharry, tha criomag de bhàrdachd Ghàidhlig ann an siud ’s an seo agus is math sin.
Ach tha beagan dragh orm gur dòcha nach tuig an luchd-leughaidh gu lèir dè dìreach a tha an t-eadar-theangachadh a’ ciallachadh, oir seo mar a chaidh a chur ann am Beurla:
The hind is in the forest, as she ought to be, where she may have sweet grass, clean, fine-bladed. Tha a h-uile càil sin ceart gu leòr ach, ’s dòcha aon rud. ’S e sin gu bheilear ag eadar-theangachadh an fhacail “frìth” mar “forest”.
Tuigidh mi carson, oir ’s e sin an t-eadar-theangachadh as trice a nochdas airson frìth, ach le “deer” ann roimhe – deer forest. Tha pàirt dhen leabhar, ge-tà, mu dheidhinn na coille aig bonn Beinn Eighe ris an canar Coille na Glas Leitir agus tha amharas agam gum bi cuid, a leughas an leabhar agus nach eil fiosraichte mu dheidhinn na Gaidhealtachd, dhen bheachd gu robh Donnchadh Bàn a-mach air àite anns an robh craobhan. Seo na chanas faclair Chox, “Brìgh nam Facal”, airson “frìth”: àite air a’ mhòintich no air na beanntan far am bi fèidh a’ fuireach agus a’ biathadh. Chan eil guth aige air craobhan. Chan eil “forest” anns an t-suidheachadh seo ann am Beurla a’ ciallachadh àite le craobhan, ach tha amharas agam gum bi mòran ann aig nach eil fios air a sin.
Co-dhiù, tha an leabhar fhèin glè inntinneach. Tha e mu dheidhinn mar a chaidh a’ chiad thèarmann nàdair nàiseanta ann am Breatainn a stèidheachadh air Beinn Eighe o chionn leth-cheud bliadhna. Ged is e beinn is mòinteach a tha anns a’ mhòr-chuid dhen tèarmann, ’s ann gu h-àraidh airson coille a dhìon a chaidh a chomharrachadh. Bhathar dhen bheachd gu robh Coille na Glas Leitir, coille-ghiuthais nàdarrach de sheòrsa a tha gu math gann an-diugh, cho prìseil ’s gu robh feum ann a sàbhaladh agus a dìon an aghaidh, am measg eile, èildean dhen t-seòrsa air an robh Donnchadh Bàn a-mach na chuid bhàrdachd.
An-diugh, tha a’ choille a’ sgaoileadh mean air mhean, agus ’s e deagh rud a tha sin. Tha i a’ cur ri bòidhchead na sgìre. Gu h-oifigeil, ’s e Tèarmann Nàdair Nàiseanta Beinn Eighe a th’ air an àite an-diugh. Ach gu h-eachdraidheil, agus don fheadhainn aig a bheil Gàidhlig a tha a’ fuireach anns an sgìre timcheall baile beag Cheann Loch Iù, ’s e a bh’ ann, agus a th’ ann – Frìth Cheann Loch Iù. Àite math airson èildean a bhios ag ithe millteach nam beann – fhad ’s nach eil cus dhiubh ann.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine: Tha criomag de bhàrdachd Ghàidhlig ann an siud ’s an seo: there is a fragment of Gaelic poetry here and there. An siud ’s an seo : here and there (lit. yonder and here).
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.