
08/02/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 136
Duration: 04:54
Litir 136: Seanfhaclan
Tha caraid dhomh ag ionnsachadh na Gàidhlig. Agus tha e fhèin is a bhean a’ dèanamh oidhirp mhòr. ’S ann ann an Gàidhlig a bhios iad a’ bruidhinn ri chèile mar as trice, agus tha iad a’ togail an cuid cloinne le Gàidhlig mar phrìomh chànan – is tha Gàidhlig mhath dha-rìreabh acasan. B’ fheàrr leam gu robh barrachd de a leithid ann an Alba!
Thàinig mo charaid thugam an là eile agus dh’innis e dhomh gun tuirt fear, a tha a’ fuireach anns an aon bhaile ris, agus a bhuineas don Eilean Sgitheanach, rudeigin ris ann an Gàidhlig nach do thuig e. Thuirt am fear eile, “’S ann dhutsa a rug an cat an cuilean.” ’S ann dhutsa a rug an cat an cuilean. “Uill,” thuirt mo charaid rium, “dè tha sin a’ ciallachadh?!” Cha robh e cinnteach idir co-dhiù bha am fear eile ga chàineadh no ga mholadh!
Agus, tha an gnàths-cainnt seo rudeigin neònach, nach eil? Dè a’ Bheurla a chuireadh sibh air? Uill, tha e agam an seo ann an cruinneachadh de ghnàthsan-cainnt à Leòdhas, a chaidh a chur ri chèile le Donnchadh Dòmhnallach a bha na Mhaighstir-sgoile ann an Sgoil Shanndabhaig ann an naoi deug, trithead ’s a dha (1932). ’S e an t-eadar-theangachadh a thug esan – you were born with a silver spoon in your mouth. Bha thu gu math fortanach. Rinn an cat rudeigin dhut nach tachradh ach glè glè ainneamh!
Tha fhios againn uile gur e piseagan a bhios cat a’ breith, seach cuileanan. Ach cha bhi am facal cuilean an-còmhnaidh a’ ciallachadh cù òg. Uaireannan bidh e a’ ciallachadh beathach òg de sheòrsa eile, co-dhiù de mhamail eile. Mar eisimpleir, canaidh sinn cuilean-ròin airson ròn òg, cuilean-leòmhainn airson leòmhann òg agus cuilean-maighich airson maigheach òg.
Is bidh sinn uaireannan a’ cleachdadh an fhacail ann an co-cheangal ri daoine. Seo mar a nochdas e ann an seann leabhar, ris an canar “Leabhar nan Cnoc”, a chaidh a sgrìobhadh leis an Ollamh Urramach Tormod MacLeòid ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Anns an earrainn seo, tha Màiri a’ Ghlinne a’ dèanamh iomradh air a h-athair: ‘Is minig a chanadh e rium, ’s na deòir a’ tuiteam gu frasach: “A Mhàiri, a chuilean mo rùin, chan eil thusa mar bu mhiann le d’ athair.”’
Tha fhios nach dèanadh sibh eadar-theangachadh air “cuilean” anns an t-seadh sin mar “puppy”. ’S e a th’ ann an “cuilean mo rùin” ach, mar a chanas faclair Dwelly, a “term of familiar endearment.”
Nise, tha e inntinneach gu bheilear a’ cleachdadh ann an cuid de sgìrean facal eile an àite cuilean airson beathaichean òga ainmeachadh – isean. Mar as trice tha isean a’ ciallachadh eun òg ach faodaidh e cuideachd a bhith air a chleachdadh airson mamailean òga. Mar eisimpleir, canaidh cuid “isean ròin” airson ròn òg agus “isean cait” airson piseag. Agus ann am pàirtean de Leòdhas canaidh daoine isean ri eun sam bith, sean no òg.
Agus ann am mòran sgìrean bithear a’ cantainn “isean” ri daoine cuideachd – gu h-àraidh ri clann òg. Uaireannan tha e a’ sealltainn gu bheil gràdh aig an neach-labhairt air an leanabh. Ach, uaireannan eile, bidh daoine ag ràdh “droch isean” ri pàiste nach eil idir math no modhail. Nan robh athair Màiri a’ Ghlinne air a bhith na bu chrosta le nighinn dh’fhaodadh e seo a ràdh rithe: ‘A Mhàiri, chan eil thusa mar bu mhiann le d’ athair. ’S e fìor dhroch isean a th’ annad.’ Ach ’s dòcha gur ann bho shùilean Màiri a bhiodh na deòir a’ tuiteam gu frasach an uairsin!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.