
15/02/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 137
Duration: 04:24
Litir 137: Caiptean Dòmhnall MacFhiongain
Ann an Tiriodh, thathar fhathast a’ cuimhneachadh seòladair an naoidheamh linn deug air an robh an Caiptean Dòmhnall MacFhiongain mar ainm. B’ e a shloinneadh Dòmhnall mac Nèill ’ic Dhòmhnaill Ruaidh agus tha e air a chuimhneachadh fhathast ann an Tiriodh air sàilleamh gnothaichean a rinn e aig muir, fad air falbh o eilean a bhreith.
Bha e na sgiobair air longan de sheòrsa sònraichte a bha a’ toirt carago – gu h-àraidh tì – eadar Sìna agus Breatainn – na clipearan. Bhiodh farpais mhòr ann eadar na companaidhean, agus na sgiobairean, a bha a’ ruith diofar chlipearan. Agus bhiodh moit mhòr à sgiobair soithich nan tigeadh e dhachaigh na bu luaithe na càch. Bidh sibh a’ tuigsinn gu robh seo mus robh einnseanan ann am bàtaichean. Bha iad an urra ris a’ ghaoith a-mhàin.
Chaidh uabhasach math do Dhòmhnall MacFhiongain ann an ochd deug, seasgad ’s a ceithir (1864) nuair a thug e dìreach ochdad ’s a h-ochd là eadar Sìna is Lunnainn. A’ bhliadhna as dèidh sin, b’ e a bu luaithe a-rithist, ged a thug e beagan na b’ fhaide an turas sin - ceud’s a dhà là.
Agus bliadhna as dèidh sin, chaidh farpais cheart a chur air dòigh, le duais luach ceud not airson an sgiobair a dhèanadh a’ chùis. Uill, bha cabhag mhòr air muinntir gach luinge faighinn air falbh agus gu h-annasach, dh’fhalbh seachd soithichean an ìre mhath aig an aon àm. Bha iad gu bhith a’ rèiseadh thar a’ chuain mhòir fad na slighe a Bhreatainn.
As dèidh greis, bha dà shoitheach air thoiseach, agus a’ strì gu làidir an aghaidh a’ chèile airson a bhith anns a’ phrìomh àite. ’S iad na h-ainmean a bh’ orra an Taeping agus an Ariel agus bha iad le chèile air an togail air Abhainn Chluaidh. Agus b’ iad na sgiobairean dithis Albannach, an Caiptean Keay anns an Ariel agus an Caiptean Dòmhnall MacFhiongain anns an Taeping.
Chaidh na seachdainean seachad agus bha an dà chlipear aig fairge, fad air falbh o chèile, ach a’ dèanamh air Lunnainn aig an aon astar. Thar a’ Chuain Innseanaich is faisg air costa Afraga, ann am Bàgh Bhiscèidh agus ann an Caolas Shasainn, chan fhaca MacFhiongain an Ariel, is chan fhaca Keay an Taeping. Ach nuair a bha an Ariel aig beul Abhainn Thames, chunnaic Keay seòl air fàire – an Taeping agus bha i a’ seòladh aig astar!
Bha a’ ghaoth na b’ fheàrr do MhacFhiongain agus rinn e a’ chùis ann a bhith a’ faighinn gu tuga a bheireadh suas an abhainn e. Agus ràinig an Taeping an cidhe fichead mionaid air thoiseach air an Ariel. Dìreach fichead mionaid as dèidh seachdainean os cionn na doimhne!
Uill, dè seòrsa duine a bh’ ann an Dòmhnall mac Nèill ’ic Dhòmhnaill Ruaidh? Duine math, a rèir choltais, oir shaoil e gu robh an rèis air a bhith cho math, agus na longan cho faisg air a’ chèile aig an deireadh, ’s gun do cho-dhùin e gum biodh e iomchaidh dha leth dhen duais a thoirt seachad don Chaiptean Keay.
Tha an duine agus an rèis air an cuimhneachadh ann am beul-aithris Thiriodh. Ach tha iad cuideachd air an cuimhneachadh ann an òran, “Deoch-slàinte nan Gillean” a chaidh a sgrìobhadh le fear dhen chriubha air bòrd an Taeping. Cha chreid mi nach ann à Muile a bha e, oir ’s e an loighne mu dheireadh dhen òran: “Gum b’ fheàrr a bhith ’m Muile fo dhubhar nam beann.” Mar iomadach Gaidheal eile, ged a sheòl e tric gu ceann thall an t-saoghail, bha a chridhe a-riamh ann an dùthaich a bhreith.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.