
19/04/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 146
Duration: 05:01
Litir 146: Ainmean-àite ann an Ros an Iar
An do mhothaich sibh a-riamh cho feumail ’s tha mapaichean na Gaidhealtachd do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig? Air gach clàr-dùthcha, chì sibh ainmean-àite a tha a’ sealltainn mar a tha cuid de riaghailtean-gràmair air an cur an sàs. Agus mholainn dhuibh sùil a thoirt air mapaichean bho àm gu àm is eadar-theangachadh a dhèanamh air na h-ainmean-àite.
Tha mi dìreach air greim fhaighinn air CD-ROM a tha uabhasach fhèin inntinneach. Tha e a’ clàradh agus a’ mìneachadh ainmean-àite sgìre na Còigich ann an Ros an Iar, gu tuath air Ulapul. Tha e a’ tarraing air obair a rinn fear às an sgìre - Donaidh Friseal nach maireann – agus a chaidh a chlàradh airson Sgoil Eòlais na h-Alba. Chuir feadhainn eile ris an obair aig Donaidh agus gheibhear cothrom sùil a thoirt air na mapaichean aige agus air eadar-theangachadh de na h-ainmean-àite, air an CD-ROM. Obair mhòr is obair mhath.
Ma bheir sibh sùil air cuid de na h-ainmean a nochdas air na h-Eileanan Samhraidh, chì sibh dè tha mi a’ ciallachadh a thaobh gràmar. Air fear de na h-eileanan, Tanara Beag, tha àite ann a ghabhas eadar-theangachadh mar “Frenchman’s Harbour or Anchorage”. Dè bhiodh ann ann an Gàidhlig? Uill, ’s e Acarsaid a’ Ghàidhlig air anchorage. Agus ’s e Frangach a’ Ghàidhlig air Frenchman. Mar sin, ’s e a th’ ann – Acarsaid an Fhrangaich.
Tha dà atharrachadh a’ gabhail àite ann am Frangach – sèimheachadh aig toiseach an fhacail agus caolachadh aig an deireadh. Tha e ag atharrachadh bho Frangach anns an tuiseal ainmneach gu Fhrangaich anns an tuiseal ghinideach. Chan eil an t-ainm-àite sin ag innse dhuinn co-dhiù tha acarsaid boireann no fireann. Ach faisg air Acarsaid an Fhrangaich, tha an Acarsaid Mhòr. Agus tha sin fhèin ag innse dhuinn gur e facal boireann a th’ ann. Air neo, ’s e “an t-Acarsaid Mòr” a chanamaid – agus bhiodh sin ceàrr.
Tha rubha faisg air an Acarsaid Mhòir, air a bheil ainm a tha a’ ciallachadh, ann am Beurla, “the point of the big anchorage”. Cho luath ’s as urrainn dhuibh, cuiribh Gàidhlig air sin… the point of the big anchorage. Tha acarsaid boireann, cuimhnichibh… Rubha na h-Acarsaid … Mòire. Rubha na h-Acarsaid Mòire. Tha sin a’ cur an sàs nan riaghailtean, nach eil – gur e “na” an t-alt, no “article”, anns an tuiseal ghinideach shingilte airson ainmear boireann, agus gu bheil am buadhair, an “adjective”, air a chaolachadh, le “e” aig an deireadh. Ach chan eil e air a shèimheachadh.
Tha eilean eile ann air a bheil an t-Eilean Fada Mòr. Agus aig ceann a deas an eilein sin, tha cnoc, no meall, air a bheil am Meall Garbh, “the rough lump-shaped hill”. Nise, tha caolas faisg air làimh, eadar an t-eilean seo agus Tanara Mòr, a tha a’ ciallachadh “the narrows of the rough hill”. Tha mi airson ’s gun innis sibh ann an tiotan dè a’ Ghàidhlig a th’ air.
Anns a’ chiad dol a-mach a bheil meall boireann no fireann? Uill, ’s e am Meall Garbh a th’ ann, is chan e a’ Mheall Gharbh. Tha e fireann. Mar sin, anns an tuiseal ghinideach, bidh sinn a’ sèimheachadh agus a’ caolachadh an dà chuid, an t-ainmear agus am buadhair.
Caolas a’ Mhill Ghairbh. Caolas a’ Mhill Ghairbh. Mar a thuirt mi, tha mòran a ghabhas ionnsachadh mu ghràmar na Gàidhlig ann am mapaichean na Gaidhealtachd. An ath-sheachdain, bheir sinn sùil air cuid eile de na h-ainmean-àite a chruinnich Donaidh Friseal ann an sgìre na Còigich.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.