
10/05/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 149
Duration: 04:31
Litir 149: Sin Mar a Bha
Dè an ceangal a th’ ann eadar Leabhar Habacuic anns a’ Bhìoball agus an catalog aig J D Williams trom biodh mòran air a’ Ghaidhealtachd uaireigin a’ ceannach aodach? Mmm. Ceist dhoirbh, is cinnteach. Uill, bha mi a’ leughadh leabhar o chionn ghoirid, a bh’ air a sgrìobhadh leis an Urramach Dòmhnall Uilleam MacCoinnich – “As it Was – Sin Mar a Bha”, mu dheidhinn bliadhnaichean òige ann an eilean Ulbha, làimh ri Muile.
Anns an leabhar, tha an t-ùghdar ag innse dhuinn mu dheidhinn ministear anns an Eilean Sgitheanach a bha a’ searmonachadh turas. Dh’iarr e air a’ choitheanal sùil a thoirt air earrann de Leabhar Habacuic. Uill, chan eil anns an leabhar sin ach mu dhà dhuilleig, agus bha duilgheadas aig mòran anns a’ choitheanal a lorg am measg leabhraichean an t-Seann Tiomnaidh.
Thug iad ùine, a’ tionndadh duilleagan is a’ cur dàil air an t-searmon, agus dh’fhàs am ministear mì-fhoighidneach. Mu dheireadh, thuirt e, “A, nam b’ e leabhar J D Williams a bh’ ann, ’s fhada bhon a bha e air a bhith agaibh!” Cha robh e fhèin a’ saoilsinn mòran dhen chatalog sin!
Thachair mi ri Mgr MacCoinnich o chionn beagan bhliadhnaichean, nuair a bha mi a’ dèanamh prògram-rèidio mu dheidhinn Ulbha, agus bha e ag obair air an leabhar aige aig an àm. Tha mi air leth toilichte gun deach a chur an clò, oir tha e gu math inntinneach agus tha e ag innse dhuinn mòran mu dheidhinn eilean snog a bha, tràth anns an fhicheadamh linn, cho Gaidhealach ri gin.
Tha mòran naidheachdan beaga anns an leabhar a chòrdas ri duine sam bith aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig. Mar eisimpleir, bha calmain aca a bhiodh a’ caoirean fad an là agus bhiodh Dòmhnall òg a’ faighneachd de athair, a bha cuideachd na mhinistear, gu dè bha na h-eòin ag ràdh. Chanadh athair ris gur ann a’ bruidhinn ri chèile a bha iad agus gu robh iad ag ràdh, “cha b’ ann de mo chuideachd thu.” Ma chanas sibh sin tri tursan sreath chèile gu luath, chì sibh dè bha e a’ ciallachadh.
Agus nuair a bhiodh daoine ag ithe uighean, chuireadh iad spàin an toiseach ann an luath no salann. Bha beachd ann am Muile gu robh uighean cunnartach agus ’s dòcha gun do dh’èirich an saobh-chràbhadh air sàilleamh sin. Co-dhiù, bha seanfhacal aca:
Ugh gun ìm, gun luath, gun salann
’n ceann seachd bliadhna gun tig galar.
Is tha an t-ùghdar ag innse seanfhacal eile, air am bi feadhainn agaibh eòlach ’s dòcha, co-cheangailte ris mar a ghuir cearc aca uighean tunnaig turas a bha seo. A dh’aindeoin ’s nach robh a h-àl coltach rithe idir, cha do ghabh a’ chearc dragh sam bith. Agus bha na h-iseanan fhèin toilichte gu leòr leantainn oirre mar gum b’ i am màthair - fhad ’s a bha an turadh ann.
Ach là bha seo, bha i fliuch agus bha glumagan ann. Ged nach robh a’ chearc airson ’s gun rachadh na tunnagan beaga faisg air an uisge, cha b’ urrainn dhi stad a chur orra. Bha iad air an dòigh glan, a’ plubadaich anns na glumagan. Agus ’s e an seanfhacal – thèid dualchas an aghaidh nan creag. Thèid dualchas an aghaidh nan creag.
Nuair a bha mi a’ dèanamh a’ phrògram mu dheidhinn Ulbha, thachair mi ri fear eile a bha mion-eòlach air an eilean agus aig an robh eòlas fìor mhath air taobh siar Mhuile – Ruairidh MacNèill nach maireann. Innsidh mi dhuibh beagan mu dheidhinn-san an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.