
14/06/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 154
Duration: 05:07
Litir 154: Sùla Sgeir
Thathar ag ràdh mas toigh leibh guga, gu bheil fuil Niseach a’ sruthadh nur cuislean. Chan eil daoine eile cho measail ’s a tha na Nisich air gugaichean – sùlairean òga. Agus leanaidh muinntir Nis le seann chleachdadh fhathast, anns am bi feadhainn a’ falbh a-mach gach samhradh gu ruige Sùla Sgeir airson gugaichean a ghlacadh. Ach saoilidh mi gu bheil e car annasach mar a tha daoine eile a’ cur sìos air blas a’ ghuga oir, mar as trice, is toigh leotha fhèin cearc-fheòil agus iasg, agus tha an guga letheach-slighe eadar na dha!
Tha Sùla Sgeir cho fad’ air falbh o àiteachan eile, cho beag is cho doirbh faighinn air is dheth, ’s gu bheil e iongantach gu robh daoine uaireigin a’ fuireach ann. Tha i còrr is ceathrad mìle gu tuath air Eilean Leòdhais, agus aona mhìle dheug gu siar air Rònaigh.
Uill, ’s dòcha nach robh daoine a’ fuireach air an sgeir fada oir chan eil tobar no fuaran oirre is cha bhiodh uisge, no bùrn, aca ri òl. ’S dòcha gur ann dìreach as t-samhradh a bhiodh iad ann nuair a gheibheadh iad biadh gu leòr le bhith a’ glacadh eòin-mhara. Ach tha fhios againn gum biodh uaireigin manaich a’ falbh a-mach gu eileanan iomallach airson fuireach orra, agus tha togalach cloiche ann an Sùla Sgeir a dh’fhaodadh a bhith na chealla.
Nuair a chaidh muinntir an t-Suirbhidh Òrdanais ann, ann am meadhan an naoidheamh linn deug, lorg iad grunn bhothan. Sgrìobh iad gur e am fear a bu shine is a bu mhò dhiubh “an Teampall”. Mun aon àm, chaidh T.S. Muir ann agus sgrìobh esan gum b’ e ainm an togalaich seo “An Taigh Beannaichte”, agus gu robh mullach air.
An là an-diugh, chan eil daoine ag aontachadh mun togalach. Tha cuid a’ dèanamh dheth gu robh e air a chleachdadh dìreach le fir Nis, airson fuireach ann, nuair a chaidh iad ann airson gugaichean. Tha cuid eile ag ràdh gum biodh na h-eunadairean ag adhradh ann. Ach cha chuala Muir beul-aithris sam bith a dh’innseadh dha cò an duine, no cò na daoine, a dh’fhaodadh a bhith co-cheangailte ris.
Ach fhuair an Suirbhidh Òrdanais fios air a sin bho dhithis a bhuineadh do Nis. B’ e a’ chiad sgeulachd gu robh fear ann o chionn fhada, air an robh Maoldòmhnaich mar ainm, a bha a’ fuireach ann an Rònaigh. Feumaidh gun do rinn e rudeigin ceàrr agus chaidh a thoirt a-null a Shùla Sgeir, far an do dh’fhuirich e ann am bothan beag. Nuair a chaidh bàta ann air a shon as dèidh còig no sia seachdainean, bha e marbh. Tha e coltach gur e cion-bìdh no cion-uisge a chur às dha.
Tha an sgeulachd eile ag innse mu bhoireannach, Brianuilt, tè de na peathraichean aig an Naomh Rònan, a bha a’ fuireach ann an Rònaigh còmhla ris an naomh. Bha e fhèin is i fhèin a’ coiseachd còmhla là a bha seo nuair a dh’innis e do phiuthar cho tarraingeach ’s a bha i dha. Shaoil ise gum biodh e glic dhi falbh, agus chaidh i a dh’fhuireach ann an Sùla Sgeir far am faiceadh i eilean a bràthar fhathast.
Is tha àiteachan ann an Sùla Sgeir a’ cumail cuimhne air Brianuilt fhathast, agus mar a bhiodh i na suidhe, a’ coimhead thar a’ chuain a dh’ionnsaigh Rònaigh – àiteachan mar Suidhe Bhrianuilt agus Bealach an t-Suidhe. Agus tha e coltach gur e an t-ainm a bha uaireigin aig muinntir Nis airson an t-sùlaire – eun Bhrianuilt.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.