
12/07/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 158
Duration: 04:42
Litir 158: Leverhulme
Anns an litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mar a thrèig am Morair Leverhulme Eilean Leòdhais. Ach cha b’ e sin deireadh na sgeòil dha anns na h-Eileanan Siar, oir bha e fhathast na uachdaran air Na Hearadh. Agus bha e dhen bheachd gum b’ urrainn dha an aon seòrsa de phlana a bh’ aige airson Steòrnabhagh a chur an sàs anns an t-Òb, ann an ceann a deas Na Hearadh. Gu dearbh, ’s e Leverburgh a th’ air a’ bhaile sin fhathast ann am Beurla.
Thòisich Leverhulme air an obair-leasachaidh air cidhe an t-Òib, agus anns a’ bhaile fhèin, agus chuir e airgead mu choinneamh pròiseactan airson rathaidean a thogail. Ach cha do mhair an obair sin fada oir chaochail e anns a’ Chèitean, naoi deug is còig ar fhichead (1925). Seachdain as dèidh a bhàis, thug bòrd-stiùiridh ùr na companaidh, Lever Brothers, òrdugh seachad gu feumadh an obair anns an t-Òb sgur, ach a-mhàin air taighean ùra a bha faisg air a bhith deiseil.
Cha robh ùidh sam bith aig càch air a’ bhòrd anns na h-Eileanan Siar. Gu dearbh, bha droch bheachd aig feadhainn aca orra. Thuirt an cathraiche ùr ri Leòdhasach a bha càirdeach do Leverhulme tro phòsadh: “’S e an rud a b’ fheàrr a b’ urrainn dhut dèanamh leis na h-eileanan agad – an cur fodha anns a’ Chuan Siar airson ceithir uairean a thìde, agus an uairsin an togail suas a-rithist.” Cha robh spèis sam bith aige do mhuinntir nan eilean.
Tha e coltach nach robh mac Leverhulme mòran na b’ fheàrr. Thathar ag aithris gu robh e uaireigin a’ coimhead air map air balla, map de dh’Alba, a bha as aonais nan Eilean Siar. “’S e sin,” thuirt e, “am map as fheàrr de dh’Alba a chunnaic mi a-riamh.”
Nas lugha na sia mìosan as dèidh bàs Leverhulme, chaidh Na Hearadh air a’ mhargaidh, aig rùp ann an Lunnainn. Cha robh e air a reic ann an aon chnap, ge-tà, ach ann am pìosan agus cha d’ fhuair e prìs mhath idir. Tha e coltach gu robh cuid, a bha ag iarraidh oighreachd airson sealg, amharasach mun t-suidheachadh as dèidh na thachair do Leverhulme ann an Leòdhas.
Dh’fhalbh na togalaichean mòra aig port an t-Òib airson còig mìle not – cuibhreann bheag de na chosg iad airson a thogail anns a’ chiad dol a-mach. Cheannaich an sgrìobhadair Compton MacCoinnich na h-Eileanan Mòra. Agus chaidh Caisteal Amhuinnsuidhe a reic, cuide ri Loids Àird a’ Mhùlaidh, Taigh-òsta Na Hearadh agus sia mìle acaire de thalamh airson … uill … dè tha sibh a’ smaoineachadh…? Dà mhìle not. Seadh, agus thathar ag iarraidh còrr is ceithir gu leth millean not airson oighreachd Cheann a Tuath Na Hearadh, a’ gabhail a-staigh Caisteal Amhuinnsuidhe, an-diugh.
Bidh luchd-eachdraidh ag argamaid gu sìorraidh buan air buaidh Leverhulme air Leòdhas agus Na Hearadh. An e droch rud neo deagh rud a bh’ ann gun do dh’fheuch e ri tionnsgal mòr a chruthachadh anns na h-eileanan? An e an dòigh anns an do dh’fhàg e Leòdhas na dhearbhadh air misneachd nan eileanach nach gabhadh mùchadh le duine sam bith, ge bith dè cho beartach ’s a bha e? No an robh e na dhearbhadh air a’ chasaid, a chualas bho mhòran, nach b’ urrainn do chroitearachd agus dòigh-beatha ùr nodha a bhith beò còmhla?
Agus dè thachradh nan robh na h-eileanaich air an còraichean-fearainn a leigeil seachad, agus nan robh an gnìomhachas aig Leverhulme air tuiteam as a chèile tro thìde co-dhiù? Mmm. Uill, tha aon rud cinnteach. Chan fhaic sinn a leithid tuilleadh anns na h-Eileanan Siar.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.