
20/09/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 168
Duration: 05:11
Litir 168: An t-Alltan Dubh
’S dòcha gum bi sibh eòlach air an òran, an t-Alltan Dubh – Tha ligh’ an-diugh san Alltan Dubh, chan urrainn mi dhol thairis air… Uill, chan eil fhios a’m mun Alltan Dubh, ach cuiridh mi geall gu bheil an t-Allt Muirneach a’ ruith gu làidir an-dràsta, oir tha uisge trom ann. Tha mi cinnteach gu bheil an t-Allt Muirneach fhathast ann am bith, ged nach fhaca mi a-riamh e. Agus cuiridh mi geall gu bheil glè bheag de mhuinntir Inbhir Nis, far a bheil e, air càil a chluinntinn mu dheidhinn.
Ach tha e ann, a’ sruthadh an là an-diugh fon talamh ann am pìoban tro àiteachan le ainmean math Gàidhlig orra – Cùil na Càbaig is Sloc Dhonnchaidh. Tha e a’ dol fo Rathad Allt a’ Mhuilinn don mhuir ann an Linne Mhoireibh. Agus ’s e an ceangal a th’ aig an allt seo ris a’ mhuir a tha a’ toirt orm smaoineachadh gur e The Marram Grass Burn a tha an t-ainm – an t-Allt Muirneach – a’ ciallachadh.
’S e muran a’ Ghàidhlig air marram grass. Tha e a’ coimhead coltach gu bheil an t-ainm co-cheangailte ri muir, oir ’s ann air tràigh ghainmhich agus aig oir machair mar as trice a chithear an lus seo. ’S e an t-ainm saidheansail air Ammophila, a tha a’ tighinn bho dhà fhacal Greugach a tha a’ ciallachadh gu bheil e toigheach air gainmheach. Ged nach eil gin ann an-diugh ann an Inbhir Nis, chanainn gum biodh e gu math coltach gu robh muran an ìre mhath pailt uaireigin air na cladaichean timcheall a’ bhaile.
Mura h-eil sibh eòlach air a’ mhuran, mholainn dhuibh cuairt a ghabhail anns na h-eileanan machaireach air taobh siar na h-Alba. Agus cha b’ urrainn na b’ fheàrr na Uibhist a Deas oir ’s e Tìr a’ Mhurain a chanas bàird ris an eilean sin, dìreach mar a chanas iad Eilean a’ Chèo ris an Eilean Sgitheanach no Eilean an Fhraoich ri Leòdhas.
’S e lus àraidh a th’ anns a’ mhuran. Leis gu bheil e a’ fàs air gainmheach, feumaidh e a bhith comasach dèiligeadh ri tiormachd. Ma choimheadas sibh air na duilleagan air là blàth tioram, chì sibh gu bheil iad air an roiligeadh gu teann. Tha sin a’ cumail nam pòraichean, na stomata, trom biodh deatach-uisge a’ falbh, dùinte.
Anns an t-seann aimsir, bhiodh muinntir na Gaidhealtachd a’ cur a’ mhurain gu feum de chaochladh sheòrsachan. Bhiodh iad a’ fighe nan duilleagan airson pocannan a dhèanamh, a chumadh rudan mar min-eòrna is min-choirce. Dhèanadh iad sguaban leotha agus sgìopan airson seilleanan-meala, agus tughadh airson mullaichean taighean.
Anns an leabhar aige, Gruth is Uachdar, no Crowdie and Cream, oir ’s e leabhar Beurla a bh’ ann, tha Fionnladh Dòmhnallach, Finlay J, mar a chanadh iad ris, a’ dèanamh tuairisgeul de mhealtrach agus mar a chaidh a chleachdadh na là le muinntir taobh siar Na Hearadh. ’S e mealtrach na freumaichean aig a’ mhuran.
Bhiodh aig Fionnladh òg ri falbh a-mach gach Disathairne airson poca de mhealtrach a chruinneachadh do mhàthair. Sin agus làn pheile de ghainmheach. Goirid mus deigheadh màthair Fhionnlaidh innte oidhche Shathairne, bhiodh i a’ sguabadh làr fiodha an taighe le siabann, ga shuathachadh leis a’ mhealtrach. Agus mus biodh an t-ùrlar tioram, sgaoileadh i gainmheach air. An uairsin, bhiodh i a’ sguabadh a’ ghainmhich air falbh, a’ fàgail ùrlar cho glan ris an òr, deiseil airson na Sàbaid. Tha Fionnladh ag innse dhuinn nach robh cead aig duine sam bith falbh a-mach don taigh bheag as dèidh gun deach a’ ghainmheach a chur air an ùrlar!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.