
18/10/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 172
Duration: 05:00
Litir 172: An t-Athair Urramach Raghnall Burn
An t-seachdain sa chaidh dh’innis mi dhuibh mun t-sagart, an t-Athair Urramach Raghnall Burn. Aig àm a’ Chogaidh Mhòir, thòisich e air coiseachd air mòran de bheanntan na Gaidhealtachd.
Bha e luath air a chasan agus chuir e iongnadh air muinntir an àite leis cho fada ’s a chumadh e a’ dol, le glè bheag de bhiadh. Cha toireadh e teanta leis ach, aig deireadh gach là, dhèanadh e air an taigh a b’ fhaisge. Mar bu trice, bha sin aig geamair no cìobair agus, mar bu trice, gheibheadh e cuid-oidhche leotha – ach a-mhàin nuair a bha an t-uachdaran air casg a chur air a leithid.
Bha fad’ a bharrachd dhaoine a’ fuireach anns na glinn aig an àm sin. Agus bha Gàidhlig aig cuid mhath aca. Dh’fhàs Raghnall uabhasach dèidheil orra agus air an cànan, agus dh’fhàs e gu math fileanta a rèir choltais, le blas math air a’ Ghàidhlig aige.
B’ e fear dhiubh geamair ann an Gleann Srath Farair, Theodore Caimbeul, a bha eòlach air an sgoilear Ghàidhlig, Uilleam MacBhàtair, a bh’ air a bhith a’ bruidhinn ris mu ainmean-àite. Bha Theodore gu math fiosrachail mu eachdraidh is dualchas, agus chuir Maighstir Raghnall seachad mòran ùine ris a’ chagailt a’ còmhradh leis, is a’ faighinn sgeulachdan bhuaithe.
Fhuair e deagh eòlas cuideachd air dà theaghlach eile anns an sgìre sin – na Boas aig Lungard ann an Gleann Canaich agus na Scotts aig Allt Beithe ann an Gleann Afraig, far a bheil Ostail Òigridh Ghleann Afraig an-diugh. Bhuineadh athraichean an dithis fhear sin do na Crìochan. Bha iad air tighinn chun na Gaidhealtachd le treudan chaorach anns an naoidheamh linn deug. Mar a shaoileadh tu, cha robh Gàidhlig aca.
Ach bha Gàidhlig aig na gillean aca agus phòs Aonghas Scott tè às Na Hearadh is, gu dearbh, bha i fhèin làn Gàidhlig, ged nach robh a’ chlann aca cho fileanta rim pàrantan. Chòrd na feasgairean a chuir e seachad nan cuideachd gu mòr ris an t-sagart. Bha e a’ faireachdainn airson greis gu robh e mar gu robh teaghlach aige. Tha e coltach gu robh meas aig na Scotts airsan cuideachd, ged a shaoil iad gu robh cuid de na cleachdaidhean pearsanta aige car annasach. Mar eisimpleir, chuireadh e siabann mìn am broinn nan stocainnean aige gus nach fhaigheadh e balgan air buinn a chas.
Chòrd Deas-àirigh ann an Cnòideart gu mòr ris cuideachd. Bha teaghlach de Stiùbhartaich a’ fuireach anns an t-Srathan aig bonn a’ ghlinne, agus gheibheadh Raghnall fàilte is furan ann an sin. Bha Gàidhlig aca uile agus bha iad làn sgeulachdan is òran is beul-aithris. Aig an àm sin bha ochd taighean anns a’ ghleann anns an robh daoine a’ fuireach, agus bha sgoil ann anns an robh suas ri dusan duine cloinne. An-diugh chan eil duine a’ fuireach ann.
Bho Ruairidh MacMhathain aig Loch a’ Bhraoin ann an Siorrachd Rois, fhuair Maighstir Raghnall co-dhiù ceud ainm-àite nach robh sgrìobhte aig duine roimhe. Fhad ’s as aithne dhomh, tha iad fhathast ann an tasg ann an Oilthigh Obair Dheathain, a’ feitheamh ri sgrùdadh le sgoilear.
Chaochail Raghnall Burn ann an naoi deug, seachdad ’s a dhà (1972). Aig àm a bhàis, bha na glinn a chuimhnich e bho na bliadhnaichean eadar an dà chogadh air atharrachadh gu tur. Bha mòran aca fo uisgeachan dhamaichean is bha na seann teaghlaichean air falbh. Cha mhòr gu robh duine ann a chuimhneachadh an sagart annasach. Tha e math, ma-thà, gun do sgrìobh Ealasaid Ailean leabhar mu dheidhinn – “Burn on the Hill”. Ma tha ùidh agaibh ann an eachdraidh nan gleann iomallach, mholainn e dhuibh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.