
27/12/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 182
Duration: 04:35
Litir 182: Clach na h-Aire
Tha ainm-àite air m’ aire an-drasta. Clachnaharry. ’S e baile beag air leth a bh’ ann uaireigin, pìos beag a-mach à baile Inbhir Nis air an taobh an iar, air an rathad a tha a’ dol a dh’ionnsaigh na Manachainn. Bha e gu math Gaidhealach, fiù ’s anns an naoidheamh linn deug, nuair a bha Inbhir Nis a’ fàs na bu ghallda. Bha sgoil Ghàidhlig ann airson greis. A-nise, ge-tà, tha e aig fìor iomall a’ bhaile mhòir.
Agus carson a tha e air m’ aire? Uill, air sàilleamh ’s gu bheil cuid a’ dèanamh dheth gur Clach na h-Aire an t-ainm a th’ air ann an Gàidhlig – gu robh clach ann a sin far am biodh muinntir an àite a’ cumail sùil air an rathad bhon taobh an iar, air eagal ’s gum biodh daoine a’ dèanamh air Inbhir Nis le droch rùn.
Tha sin ceàrr, ge-tà. Tha seann làmh-sgrìobhainn ag innse dhuinn gur e Clach na h-Aithrigh a bh’ air bho shean – dìreach mar a tha daoine ga ràdh ann am Beurla – Clachnaharry, agus gu robh sin a’ ciallachadh The Stone of Repentance no Stone of Penance. Tha am facal aithreachas againn fhathast, ach tha aithrigh air a dhol à bith, ged a tha e fhathast beò ann an Gàidhlig na h-Eireann. Ach bha e againn o shean agus ’s e sin a tha an t-ainm a’ ciallachadh. Tha dùil gu robh clach ann far am biodh peacaich a’ dol, airson aithreachas a ghabhail. Bha sin nuair a bha làmh-an-uachdair aig an Eaglais Chaitligich air a’ Ghàidhealtachd.
Tha Clach na h-Aithrigh air a bhith anns na naidheachdan air sgàth ’s gu robh an drochaid air an rathad mhòr anns a’ bhaile dùinte airson greis. Agus b’ fheudar do mhòran slighe fhada a ghabhail a-steach a dh’Inbhir Nis. Ach chaidh nàdar de cheann-bliadhna do Chlach na h-Aithrigh seachad o chionn ghoirid, an ìre mhath gun fhiosta don mhòr-shluagh. Oir, aig deireadh an Dàmhair, o chionn ceud is ceithir fichead bliadhna, chaidh Faoighteach a’ Chaledonian – an Caledonian Canal – fhosgladh gu h-oifigeil. Agus ’s e am baile a th’ aig ceann a tuath na faoightich – Clach na h-Aithrigh.
A bharrachd air sin, tha dà cheud bliadhna air a dhol seachad am-bliadhna bho sgrìobh an t-innleadair, Tòmas Telford, aithris don Riaghaltas, a’ moladh faoighteach a thogail – no a chladhach ’s dòcha – eadar Inbhir Nis (no Clach na h-Aithrigh airson a bhith fìrinneach) agus an Gearastan.
Rugadh Tòmas Telford ann an Siorrachd Dhùn Phris anns a’ bhliadhna seachd-deug, caogad ’s a seachd (1757). Bha athair na chìobair, agus chaochail e nuair a bha Tòmas dìreach na leanabh òg. Fhuair Tòmas foghlam anns an sgoil ionadail, agus fhuair e trèanadh an uairsin mar chlachair, mus deach e a dh’obair ann an Dùn Èideann.
Chuir e seachad tìde ann an Sasainn an uair sin, ann an Lunnainn, Portsmouth agus Shropshire. ’S ann nuair a bha e stèidhichte ann an Shropshire a fhuair e dreuchd airson a’ chiad turas mar innleadair ag obair air faoightich, agus choisinn e cliù dha fhèin leis na rinn e, agus cuideachd le phlana airson drochaid mhòr iarainn thar Abhainn Thames ann an Lunnainn. Cha deach an drochaid sin a thogail, ge-tà, oir bha i gu bhith ro chosgail.
Ach bha an Riaghaltas dhen bheachd gum b’ esan an duine a’ b’ fheàrr airson dèiligeadh ri duilgheadas mòr air a’ Ghaidhealtachd – cho truagh ’s a bha na goireasan siubhail. Ann am beachd Thelford fhèin ’s e a bh’ ann fear de na pròiseactan ‘a b’ uaisle a bh’ air a chur mu choinneamh rìoghachd sam bith a-riamh’. Bheir sinn sùil air a’ phròiseact sin an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.