
03/01/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 183
Duration: 04:51
Litir 183: Tòmas Telford
Air an aonamh là fichead dhen Dàmhair, ochd deug ’s a còig (1805), chaochail am Morair Nelson, agus an cabhlach aige a’ dèanamh a’ ghnothaich air na Spàinntich is na Frangaich aig Trafalgar. Aig an dearbh àm ’s a bha Nelson a’ bàsachadh, is ag iarraidh air a charaid Hardy pòg a thoirt dha, bha mòran air a’ Ghaidhealtachd an sàs ann an obair a dh’fhàgadh dìleab mhòr as an dèidh.
Bha còig ceud aca timcheall Inbhir Nis, agus bha na ficheadan eile anns a’ Chorpaich, faisg air a’ Ghearastan. Bha iad le chèile a’ togail Faoighteach a’ Chaledonian – aig gach ceann dhith. Ann an Inbhir Nis, bha clachairean ann, feadhainn aca à Sasainn is a’ Chuimrigh. Bha seòladairean air eathraichean a bha a’ giùlain clachan a dh’ionnsaigh beul na faoightich aig Clach na h-Aithrigh. Agus bha làmh-obraichean ann a bha a’ dèanamh obair-làimhe a bha gu math trom.
Anns a’ Chorpaich, ge-tà, cha robh cùisean cho math. Bha an àireamh de làmh-obraichean a bh’ aig a’ mhanaidsear ann a sin, Iain Telford (nach robh càirdeach don fhear a bha os cionn a’ phròiseict gu lèir, Tòmas Telford), air tuiteam gu mòr. Cha robh aige anns an Dàmhair ach an treas cuid de na bh’ aige trì mìosan roimhe sin.
Agus dè bh’ air tachairt don luchd-obrach? Uill, bha mòran aca air a dhol dhachaigh airson an arbhar a bhuain no airson iasgach an sgadain. ’S dòcha gu robh duine no dithis trang anns a’ mhonadh a’ dèanamh uisge-beatha! Bha Iain Telford air a shàrachadh.
Ach bha spèis aige do mhuinntir na Gaidhealtachd a dh’aindeoin sin. Cha b’ ann mar sin a bha e do Mhata MacDhaibhidh, ge-tà. Bha esan os cionn ghnothaichean aig ceann a tuath na faoightich, agus chanadh Iain Telford mu dheidhinn nach ‘gabhadh e suidheachan ann an nèamh nan robh Albannach sam bith a’ faighinn àite ann’! Bha sin a dh’aindeoin ’s gun do rugadh e ann an ceann a deas na h-Alba fhèin!
Chan eil fhios a’m dè lorg e ann an nèamh oir chaochail e ann an ochd-deug is a naoi-deug (1819), agus cha robh an fhaoighteach deiseil fhathast, ged a bha i fosgailte eadar Inbhir Nis agus Cille Chuimein. Ach chum e a’ dol na b’ fhaide na Iain Telford a chaochail ann an ochd-deug ’s a seachd (1807)
Bha Tòmas Telford dhen bheachd gun cosgadh e seachd bliadhna ann a bhith a’ togail na faoightich agus gum biodh i feumail do bhataichean-cogaidh airson a dhol bho chosta gu costa anns a’ chogadh an aghaidh Napoleon. Uill, bha an cogadh an aghaidh Napoleon seachad agus bha an fhaoighteach fhathast gun a bhith deiseil. Am measg na dh’adhbharaich an dàil bha fear de na h-uachdarain leis an robh fearann trom biodh an fhaoighteach a’ dol – Alasdair MacDhòmhnaill à Gleanna Garadh.
Bha am fearann aige timcheall Loch Omhaich – fear de na lochan anns a’ Ghleann Mhòr trom bi bàtaichean a’ dol. Ann an ochd-deug is aon-deug (1811), chaidh airgead a thabhann dha ach dhiùlt e e. Bha e ag iarraidh barrachd. Grunn tursan as dèidh sin, dh’fheuch Tòmas Telford agus an luchd-lagha aige tighinn gu aonta leis air a’ phrìs. Mu dheireadh chaidh iad gu cùirt agus chaidh deich mìle not a thoirt dha.
Cha robh MacDhòmhnaill riaraichte agus dh’adhbharaich e tòrr thrioblaidean. Air an là a dh’fhosgail an fhaoighteach mu dheireadh ann an ochd-deug is dhà ar fhichead (1822), bha an t-eagal ann gun cuireadh e fhèin is luchd-obrach aige (aig an robh armachd) stad air an t-soitheach a bha làn àrd-urrachan. An àite sin, ge-tà, chaidh e air bòrd is chaidh e don chuirm anns a’ Ghearastan, far an do ghabh e deoch-slàinte còmhla ri càch.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.