
31/01/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 187
Duration: 04:43
Litir 187: Iomain
‘Air Gaidhealtachd na h-Alba,’ leugh mi o chionn ghoirid, ‘tha e na chleachdadh aig a’ mhòr-shluagh a bhith ri cur-seachad anns a’ gheamhradh, air a bheil “iomain”… Thig buidhnean mòra cruinn ann an saor-làithean na Nollaig, uaireannan le dàrna paraiste a’ cluich an aghaidh tè eile. Anns an spàirn eadar na cluicheadairean, nithear buillean cruaidh, agus gu tric bidh lurgann air a briseadh, no bho àm gu àm tachraidh tubaist nas miosa na sin.’
Chaidh an tuairisgeul sin de spòrs nàiseanta nan Gaidheal a sgrìobhadh o chionn fhada – ann an ochd-deug, trithead ’s a còig (1835). Agus, uill, dh’fhaodadh gu bheil e fìor gu ìre fhathast, ged a tha beagan òrdugh anns na geamannan an là an-diugh.
’S dòcha gur e an geam as ainmeile a th’ air a chluich ann am meadhan a’ gheamhraidh an-diugh, am fear aig àm na Bliadhna Ùire eadar dà sgioba faisg air Inbhir Nis – Lòbhat, a tha stèidhichte ann an Cill Targhlain, agus a’ Mhanachainn. Tha iad nan nàbannan do chèile agus bidh còmhstri mhòr ann eatarra. Am-bliadhna, bha an geam air an dàrna là dhen Fhaoilleach anns a’ Mhanachainn agus thàinig sluagh mòr ga choimhead.
Agus bha spàirn gu leòr ann. Fhuair aon chluicheadair, airson na Manachainn, sgleog air a cheann agus bha fuil a’ sruthadh às a’ chluais aige. Ach chan eil an iomain mar a tha spòrs eile. Chithear, fiù ’s ann an rugbaidh, gu feum cluicheadair a’ phàirc fhàgail ma bhios fuil a’ sruthadh às. Is, gu dearbh, tha daoine gu math faiceallach an-diugh mun dòigh ’s a bheil iad a’ dèiligeadh ri fuil, eagal ’s nach gabh iad galar air choreigin.
Ach tha iomain eadar-dhealaichte. As dèidh greis, gun iarrtas sam bith bhon chluicheadair, rinn an rèitire fead agus rinn feadhainn cobhair air a’ chluicheadair. Cha tàinig e far na pàirce, ge-tà. Chaidh uisge a dhortadh air a chluais, chaidh a shuathadh le spong mòr, agus a thiormachadh le searbhadair, agus rinn an rèitire fead a-rithist, is lean an geam. Cha do rinn an cluicheadair bìog de ghearan. Chan e sin an dòigh aig cluicheadairean iomain!
Tha e inntinneach anns an t-seann airteagal gu robh an iomain air a comharrachadh mar spòrs geamhraidh, oir ’s e sin a th’ ann fhathast, agus tha eachdraidh mhòr aig geamannan na Bliadhna Ùire. Ach tha beachd aig cuid ann an saoghal na h-iomain gum bu chòir dhaibh cluich as t-samhradh agus feumaidh na clubaichean beachdachadh air.
Saoilidh mise gur e deagh rud a bhiodh ann, oir ’s e spòrs a th’ ann a tha nas fheàrr air pàirc thioram luath, seach air feur fliuch trom a’ gheamhraidh. Uaireannan, tha na geamannan as t-samhradh, mar Chuairt Dheireannach Chupa na Camanachd, air leth math. Tha a’ ghrian a’ deàrrsadh, tha i blàth, agus tha na cluicheadairean is an luchd-coimhead air an dòigh. Agus, air a’ Ghaidhealtachd, chan eil spòrs mòr sam bith eile a’ dol, oir tha seusan a’ bhall-coise seachad. Chanainn gur e sin an argamaid as mò a th’ ann airson iomain a chluich as t-samhradh – nach bi i ann am farpais le ball-coise. Cha robh farpais sam bith ann bho bhall-coise ann an ochd-deug, trithead ’s a còig.
Seo pìos eile dhen airteagal, agus mar a bhuannaich aon sgioba: ‘Chunnaic an sgrìobhadair geam anns an do ruith fear de na cluicheadairean … mìle leis a’ bhall na làimh, agus an sgioba aige fhèin agus an fheadhainn eile, an tòir air, gus an do ràinig e an ceann thall.’ Chan fhaod thu tadhal a chur mar sin ann an iomain an-diugh!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.