
21/02/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 190
Duration: 04:58
Litir 190: Eilean Bharraigh
Tha mi airson ’s gun smaoinich sibh tiotan air Eilean Bharraigh. ’S e eilean brèagha a th’ ann co-dhiù, ach tha e a’ coimhead nas brèagha nan àbhaist, leis gu bheil an là àlainn, agus a’ ghrian a’ deàrrsadh. Tha triùir bhoireannach còmhla air tràigh – tràigh mhòr le gainmheach bhàn oirre. ’S e luchd-ciùil a th’ annta agus tha dithis (’s e peathraichean a th’ annta) ag iarraidh air an tè eile òran a ghabhail. Chan e òran àbhaisteach, ge-tà, oir tha na boireannaich a’ coimhead air grunn ròn air sgeirean faisg air a’ chladach, a tha gam blianadh fhèin.
Tha iad ag iarraidh air am bana-chompanach òran eileanach a ghabhail mu dheidhinn ròn a bha beò ann an riochd boireannaich. Tha a’ bhana-sheinneadair a’ coimhead timcheall oirre, eagal ’s gu bheil duine eile ann. Ach chan eil sgeul air duine eile. Chan eil dad beò ri fhaicinn ach iad fhèin, na ròin agus faoileagan. Tha i a’ tòiseachadh air seinn. Agus dè tha sin, thall air na sgeirean? Tha na ròin a’ toirt freagairt dhi. Tha iad a’ seinn air ais dhi nan dòigh fhèin. Agus tha fear dhiubh uabhasach math, a’ seinn cha mhòr mar a bhiodh boireannach le guth math – aig ìre mezzo-soprano.
Tha peansail agus pàipear aig a’ bhoireannach, oir tha i air a bhith ag obair air ceòl is òrain a chlàradh ann am Barraigh, agus tha i a’ cur fonn an ròin sìos air a’ phàipear aice. Tha i a’ dèanamh dheth, agus tha na boireannaich eile ag aontachadh rithe, gu bheil an ròn gun teagamh a’ seinn.
Thachair sin uaireigin as t-samhradh eadar na bliadhnaichean naoi-deug is fichead (1920) agus naoi-deug, fichead ’s a seachd (1927), agus ’s i am boireannach a sheinn an t-òran agus a sgrìobh fonn an ròin tè-chiùil ainmeil a dh’fhàg dìleab mhòr co-cheangailte ri òrain nan Gaidheal. Deagh dhìleab no droch dhìleab a rèir do sheallaidh fhèin. B’ ise Marsaili Cheanadach-Fhriseal, Marjory Kennedy-Fraser, no, mar a bh’ aithne do mhòran air a’ Ghaidhealtachd i, Marsaili nan Òran.
Bhiodh Marsaili tric a’ nochdadh air an àrd-ùrlar ann an Lunnainn, agus dh’innis i don luchd-amharc anns a’ bhaile sin turas mu dheidhinn na thachair dhi air an là sin ann am Barraigh, agus mar a sheinn ròn dhi. Rinn an iris aoireil Punch fealla-dhà mun chùis, agus iad a’ cur adhart a’ bheachd gum bu chòir don Chompanaidh Opera Nàiseanta an ròn a ghlacadh is a chur air an àrd-ùrlar an àite a’ phrima donna a bh’ aca, leis gum biodh e fada na bu shaoire dhaibh!
Bha Marsaili uabhasach measail air Barraigh agus na Barraich. Chruinnich i tòrr òran anns an eilean, leithid bho Anna NicIain ann am Bàgh a’ Chaisteil agus bhon ‘Mrs Mackinnon’ mar a bh’ aice fhèin oirre, no Bean Shomhairle Bhig, mar a b’ aithne do mhuinntir an àite i, anns a’ Bhàgh a Tuath. Chaidh i timcheall gu taighean nan daoine, ag iarraidh orra òrain a ghabhail dhi agus, eadar peansail is pàipear, agus inneal-clàraidh air an robh graphophone, rinn i clàr de dh’òrain gu leòr.
Ach cha b’ e Barraigh a’ chiad eilean anns na h-Eileanan an Iar dhan deach Marsaili. Thòisich i air a’ chruinneachadh a rinn ainmeil i ann an eilean eile beagan gu tuath air Barraidh – Eirisgeigh. Bho chaidh i an sin ann an naoi-deug ’s a còig (1905) gus an do chaochail i ann an naoi-deug is trithead (1930), bha Marsaili gu mòr an sàs ann an cruinneachadh, agus ’s dòcha ath-chruthachadh, òrain nan Gaidheal. Anns na litrichean romhainn bheir sinn sùil air a beatha.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.