
18/04/203
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 198
Duration: 04:49
Litir 198: An àite tuiseal tabhartach
Cuin’ a leigeas sinn seachad seann chleachdaidhean gràmair dha nach bi a h-uile duine a’ cumail an là an-diugh? Deagh cheist, gu dearbh, is chan eil freagairt agamsa air a son, ged a tha e inntinneach meòmhrachadh oirre. Tha an tuiseal tabhartach iolra anns an t-suidheachadh sin. ’S e sin, mura h-eil sibh eòlach air na tuisealan ann an Gàidhlig, an dative plural. An àite tuiseal tabhartach, bidh cuid ag ràdh tuiseal roimhearach oir bidh ainmearan as dèidh roimhear sìmplidh a’ dol don tuiseal sin.
Ann an leabhraichean is bàrdachd is òrain an naoidheamh linn deug chithear rudan mar “tha na h-eòin anns na crannaibh”, “guma slàn do na fearaibh”, “còmhdaichte le luideagaibh”. Tha na faclan mar crannaibh, fearaibh agus luideagaibh anns an tuiseal thabhartach iolra, mar a bha e, le –aibh aig an deireadh.
An là an-diugh airson crannaibh chanamaid crainn no mar as trice, leis an fhìrinn innse, craobhan – tha na h-eòin anns na craobhan. Chanamaid guma slàn do na fir agus còmhdaichte le luideagan. ’S e na th’ air tachairt gu bheil an seann tuiseal tabhartach iolra air a dhol à bith. Anns an t-seadh sin tha an cànan nas sìmplidhe na bha i – is bidh sibh toilichte mu dheidhinn sin, tha mi cinnteach!
Bha mi a’ smaoineachadh gu robh an tuiseal sin air a dhol à bith buileach ach gu h-iongantach, thachair mi ri fear turas a bha ga chleachdadh gu nàdarrach. Agus gabhaidh sibh iongnadh nuair a dh’innseas mi ca’ robh e a’ fuireach. Ann an Astràilia! Bha e a’ fuireach anns na Beanntan Gorma gu siar air Sydney agus ag obair mar fhear-lagh’ ann an Sydney fhèin. ’S dòcha gu bheil e a’ dèanamh sin fhathast oir cha chuala mi guth air airson greis.
Chanadh esan rudan mar fearaibh an àite fir. Agus tha cuimhne agam gun tuirt e seo turas – “Bha am Bìoball na mo làmhaibh”. Ghabh mi iongnadh aig an àm agus thuirt mi sin ris. Agus mhìnich e dhomh gur e “Gàidhlig a’ Bhìobaill” a bh’ aige, seann Ghàidhlig, oir bha e air a h-ionnsachadh bho Ghaidheil anns a’ choitheanal aige – an Eaglais Shaor – agus le bhith a’ leughadh an t-seann Bhìobaill. B’ iad na daoine na choitheanal Gaidheil à Alba agus luchd-labhairt na Gàidhlig a rugadh ann an Astràilia fhèin. Tha glè bheag dhiubhsan air fhàgail a-nise.
Tha m’ inntinn air a’ cheist seo an-dràsta oir bha mi a’ toirt sùil air an fhaclair Ghàidhlig ùr air an robh mi a-mach an t-seachdain sa chaidh – Am Faclair Gaidhlig-Beurla le Cailean Mark – agus mhothaich mi gu robh e a’ cumail ris an t-seann chruth a th’ air an fhacal bean anns an tuiseal thabhartach shingilte – mnaoi. Chanamaid a’ Bhean-phòsta NicDhòmhnaill, ach leis a’ Mhnaoi-phòsta NicDhòmhnaill.
Uill, ’s e sin a chanadh na seann ghinealaich, ach an là an-diugh? Cha chreid mi gu bheil mòran ga ràdh an-diugh. Chanadh a’ chuid mhòr leis a’ Bhean-phòsta NicDhòmhnaill. Agus tha sin a’ sealltainn cho doirbh ’s a tha e faclair a chruthachadh aig àm nuair a tha an cànan ag atharrachadh gu luath. Chuala mi fear aineolach air an rèidio an-uiridh, fear a tha fada an aghaidh na Gàidhlig airson adhbhar air choreigin, agus thuirt e gur e an rud a bu mhò a bha ceàrr oirre nach robh i ga h-ùrachadh mar chànan an là an-diugh.
Uill, tha sin cho ceàrr ’s a ghabhas. Mar a chì sinn le bean is mnaoi, agus le mòran fhaclan eile, tha a’ Ghàidhlig a’ sìor atharrachadh mar a tha a h-uile cànan a tha beò ann an coimhearsnachd.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.