
23/05/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 203
Duration: 05:03
Litir 203: Seòras Bochanan
Eadar Muileann Dhaidh agus Drumainn, tha Slighe Taobh an Iar na Gaidhealtachd a’ dol seachad air baile ris an canar Cill Earrain. Rugadh Seòras Bochanan làimh ris an t-Slighe faisg air Cill Earrainn ann an còig-deug ’s a sia (1506), ann am baile fearainn ris an canar a’ Mhòinteach, no The Moss. Chan eil an taigh aige ann am bith a-nise, ged a tha tuathanas fhathast ann. Thathar a’ smaoineachadh gu robh Gàidhlig aig Seòras mar chiad chànan, ach ’s ann airson na rinn e ann an Laidinn a tha e ainmeil an-diugh. Gu dearbh, b’ esan fear de na prìomh sgoilearan Laidinn anns an Roinn Eòrpa aig an àm.
Ged a bha a phàrantan bochd, bha airgead aig bràthair a mhàthar, Seumas Heriot, agus chuir esan Seòras gu ruige Paris airson Laideann ionnsachadh. Chaochail Seumas, ge-tà, agus b’ fheudar do Sheòras tilleadh dhachaigh. Ach, an ceann greis, chaidh e a dh’Oilthigh Chill Rìmhinn, far an do dh’ionnsaich e feallsanachd bho Albannach cliùiteach eile, Iain Major. An uair sin, thill e don Fhraing, far an do dh’fhuirich e airson beagan bhliadhnaichean.
Ann an còig-deug, trithead ’s a sia (1536), thill Bochanan a dh’Alba agus fhuair e obair mar fhear-teagaisg do dh’fhear de na mic dhìolain aig Rìgh Seumas a Còig. Dh’iarr an Rìgh air aiste sgaiteach a sgrìobhadh mu na Franciscanaich. Rinn e sin, a’ cur sìos air suidheachadh moralta nam manach, ach chuir e fearg mhòr air àrd-urrachan na h-Eaglaise Caitligich. Thachair seo aig àm nuair a bha mòran a’ dol an aghaidh cumhachd is doigh-riaghlaidh na h-eaglaise.
Chaidh Bochanan a chur ann am Prìosan Chill Rìmhinn, airson saobh-chreidmheachd, leis a’ Chardanal Peutan. Ach rinn e dol-às tro uinneag. Theich e a Lunnainn far an robh e an dòchas gum biodh saorsa aige fo Eanraig a h-Ochd a bhith ag adhradh a rèir a chogais. Ach thog e droch bheachd air suidheachadh a’ chreideimh ann an rìoghachd Eanraig, agus ghluais e a Pharis. Agus cò bh’ ann am Paris roimhe, ag obair ann an ambasaid anns a’ bhaile sin, ach an Cardanal Peutan! Chum Bochanan air a shlighe gu deas - gu Bordeaux far an d’ fhuair e obair ann a bhith a’ teagasg Laidinn.
As dèidh bliadhnaichean san Fhraing agus san Eadailt, thill e a dh’Alba agus fhuair e obair mar fhear-teagaisg don Bhànrigh ùir, Màiri. Ghabh e gnothach mòr ris an eaglais ùir ath-leasaichte, agus bha e airson greis na Mhodaràtor, fear dhen fheadhainn, agus tha glè bheag dhiubh ann, a fhuair an dreuchd sin nach robh na mhinistear.
Aig an toiseach, bha Bochanan gu math taiceil don Bhànrigh, ach dh’atharraich a bheachd oirre as dèidh gun deach Darnley a mhurt, agus mòran dhen bharail gu robh làmh aig a’ Bhànrigh fhèin anns an eucoir. Ghabh Bochanan pàirt ann a bhith ag ullachadh na cùise-lagha an aghaidh Màiri. Chaidh an fhianais a chruinnich e fhèin is feadhainn eile a thoirt do Ealasaid, Bànrigh Shasainn, agus rinn ise co-dhùnadh Màiri a chur gu bàs aig a’ cheann thall.
Bha Bochanan an uair sin na fhear-teagaisg don Rìgh ùr Albannach, Seumas a Sia, agus chuir e seachad na bliadhnaichean mu dheireadh aige a’ sgrìobhadh. Am measg na sgrìobh e, bha eachdraidh de dh’Alba ann am fichead leabhar agus De Juri Regni apud Scotos, leabhar anns an do chuir e air adhart a bheachd-smuain gum bi rìghrean is bànrighrean a’ riaghladh a-mhàin le cead a’ mhòr-shluaigh agus airson math a’ mhòr-shluaigh.
Chaochail Seòras Bochanan ann an Dùn Eideann ann an còig-deug, ochdad ’s a dhà (1582). Agus thachair rudeigin inntinneach do bhodhaig as dèidh a bhàis. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.