
08/08/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 214
Duration: 04:41
Litir 214: Air muin tairbh dhuibh
Chuir mi ceist oirbh an t-seachdain sa chaidh anns na nòtaichean-gràmair – ciamar a chanadh sibh ann an Gàidhlig “on top of a black bull”? Mholainn-sa gun tòisich sibh le “on top of the bull”? ’S e sin air muin an tairbh. Agus on top of the black bull – air muin an tairbh dhuibh. A-nise, thoiribh an t-alt air falbh, agus dè th’ agaibh? On top of a black bull – air muin tairbh dhuibh.
Nise, chan eil mi a’ moladh gum feuch sibh dhol air muin tairbh dhuibh, oir tha e dona gu leòr dhol air muin eich, ge bith dè an dath a th’ air. Ach ma thachras e dòigh air choreigin, ann am Pamplona no Pabail, bidh fios agaibh dè chanas sibh ris an nurs – “bha mi air muin tairbh dhuibh agus thuit mi!” Uill, ’s dòcha nach biodh sin gu cus feum ann am Pamplona!
Fàgamaid an tarbh an dàrna taobh. A bheil fios agaibh dè th’ ann an caora chrom? Tha i co-cheangailte ri uisge-beatha. Caoraich agus uisge-beatha? Mmm. Feumaidh mi mìneachadh…
Cha do ghabh mi uisge-beatha mì-laghail a-riamh ach aon turas a-mhàin. Agus, mus gabh luchd na cusbainn no na poilis cus gnothaich rium, cha robh mi ann an Alba ach ann an Thailand, ann am baile beag iomallach far a bheil treubhan nam beann a’ fuireach.
’S e an duilgheadas a bh’ ann gu robh mi a’ faighinn aoigheachd ann an taigh ceannaire a’ bhaile, far am biodh e mì-mhodhail deoch a dhiùltadh. Co-dhiù, cha b’ fhada gus an robh an smùid orm. Chan eil fhios agam dè an seòrsa arbhair a bha iad a’ cleachdadh airson uisge-beatha a dhèanamh, ach tha fhios againn ann an Alba air an t-seòrsa as fheàrr – eòrna.
Anns an t-seann aimsir, bhiodh mòran de mhuinntir Dùthaich MhicAoidh a’ dèanamh uisge-beatha dhaibh fhèin, ged a bha e an aghaidh an lagh. Gu tric, bhiodh iad a’ ceannach eòrna ann an Gallaibh agus dh’fheumadh iad a bhith cinnteach nach fhaiceadh poileas na pocannan aca air an rathad dhachaigh.
Bha fear ann turas a thàinig dhachaigh le pocannan làn eòrna, ach chunnaic dithis phoileas e agus lean iad air. Nuair a ràinig e an taigh aige, bha na poilis air a shàil. Bha iad a’ coimhead airson rudeigin a dhearbhadh gu robh poit-dhubh aige.
Uill, bha aon rud anns a’ chidsin – a’ chliath bhon phoit-dhuibh. ’S e sin a’ phìob shnìomhach, a th’ air a dèanamh le meatailt, anns am bi an ceò a’ tiughachadh. Bhiodh a’ phoit-dhubh ann am badeigin anns a’ mhonadh, ach feumaidh gu robh an croitear air a’ chliath a thoirt dhachaigh leis. Nam faigheadh na poilis greim air a’ chlèith, bhiodh fios aca gu robh poit-dhubh aige.
Bha an croitear air dìochuimhneachadh mu dheidhinn na clèithe, a bha ri taobh an t-sinc. Gu fortanach dha, ge-tà, thòisich na poilis anns a’ bhàthaich agus fhad ’s a bha iad a-muigh an sin, ruith e timcheall an taighe, a’ coimhead airson fianais sam bith gu robh e a’ dèanamh uisge-beatha. Chunnaic e a’ chliath. Ach cho luath ’s a chunnaic e i, chual’ e cas-cheuman nam poileas, agus iad a’ tighinn a-steach. Dè dhèanadh e leis a’ chlèith?!
Chunnaic e siuga mhòr de bhàinne air a’ bhòrd. Am biodh i mòr gu leòr? Dh’fhosgail an doras ach, mus do chuir a’ chiad phoileas a cheann a-steach, chuir an croitear a’ chliath anns an t-siuga agus, gu fortanach, cha robh i faicsinneach. Bha an croitear sàbhailte! Agus a’ chaora chrom? O … seallaibh air an uair. Seo deireadh na Litreach! Feumaidh a’ chaora – agus sibh fhèin – a bhith foighidneach!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.