
12/09/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 219
Duration: 05:33
Litir 219: Sgeulachd bho Leathad Leacachain
Bha mi anns a’ mhonadh an là eile, air taobh an iar na Gaidhealtachd, agus lorg mi “banana”. A’ fàs. Seadh, “banana” a’ fàs. Bha e beag, ach fallain gu leòr. Nise, tha fhios a’m nach eil sibh gam chreidsinn, oir bidh sibh ag ràdh nach eil bananathan a’ fàs ann an Alba. Ach ’s e an fhìrinn a th’ agam agus mìnichidh mi an gnothach dhuibh ro dheireadh na Litreach.
Gu h-annasach, nuair a chunnaic mi am “banana”, bha mi anns an dearbh àite anns an robh mi leis an Litir an t-seachdain sa chaidh – air Leathad Leacachain, gu deas air Ulapul. Thachair sin mar thuiteamas, ge-tà. Bha mi air iarraidh air tè as aithne dhomh, a tha na lus-eòlaiche, dhol a choimhead air lusan nàdarrach a’ mhonaidh. “Uill,” thuirt i, “is aithne dhomh àite a tha glè mhath – Beinn Inagleir, faisg air Ulapul.” Bha sin math gu leòr dhomhsa, ach bha e fìor annasach dhomh nuair a thòisich sinn air ar slighe aig Leathad Leacachain.
“A bheil fios agad gu bheil stòiridh annasach ann mu thachartas an seo?” dh’fhaighnich mi dhi. Cha robh fios aice, agus dh’innis mi dhi mun fhear a lorg am boireannach a bha a’ breith leanabh air oidhche fhuar, agus mar a shàbhail e an dithis le bhith a’ toirt greallach à each.
Co-dhiù, thòisich sinn air cabadaich mu ainm an àite – Leathad Leacachain. Tha e a’ ciallachadh “the slope of the place of the flagstones.” Ach nuair a choimheadas tu air a’ mhonadh, chan eil leacan nàdarrach rim faicinn – dìreach corra chreag an siud ’s an seo.
As dèidh beagan mhionaidean, thàinig sinn gu toll mòr anns an talamh, anns am b’ urrainn ceithir no còig taighean a chur. Bha e follaiseach gu robh e uaireigin na chuaraidh, às am biodh daoine a’ toirt clach. Saoil an e leacan a bha iad a’ toirt às, agus gur e sin as coireach ris an ainm?
Agus dè an seòrsa cloiche? Uill, thug sinn sùil air na lusan faisg air làimh. Bha Siabann nam Bàn-sìdh ann. Sin lus ris an canar Heath Milkwort ann am Beurla, agus tha e a’ fàs a-mhàin air mòinteach feurach far a bheil aol fon talamh. Chan fhàs e far a bheil an talamh searbh. Tha an aon rud fìor mu dhà lus eile a lorg sinn – Lìon nam Bàn-sìdh no Fairy Flax, agus an Dubhan Ceann-chòsach no Selfheal. Tha iadsan a’ fàs a-mhàin air talamh far a bheil am pH nas àirde nan àbhaist airson Alba. Agus saoilidh mi gu robh iad nan deagh chomharra gu bheil clach-aoil aig Leathad Leacachain agus gur e sin a bha iad a’ cladhach anns a’ chuaraidh.
Lean sinn oirnn suas am bruach gu bealach agus sin far an robh am “banana”. Nise, feumaidh mi rudeigin a mhìneachadh. Tha trì seòrsaichean de bheithe – craobhan-beithe – ann an Alba, agus buinidh iad uile don bhuidhinn, no genus, Betula. Tha na dhà dhiubh cumanta – Betula pendula, a’ Bheith Dhubhach no Silver Birch, agus Betula pubescens, a’ Bheith Charraigeach no Downy Birch. Nuair a tha lus-eòlaichean a’ bruidhinn ri chèile mu deidhinn nan seòrsaichean de
Betula, cha chan iad “Betula” a h-uile turas idir. Canaidh iad dìreach “B”. B. pendula agus B. pubescens.
Uill, ’s e an treas seòrsa, a tha rudeigin gann ann an Alba, agus a tha na phreas ìosal seach na chraobh, Betula nana, a’ Bheith Bheag no Dwarf Birch. Agus canaidh na h-eòlaichean, B. nana ris. No, ma tha iad ri beagan spòrs – “banana”. Agus sin am “banana” a lorg mi-fhìn is mo bhana-charaid, a’ fàs gu math air monadh àrd air taobh an iar na Gaidhealtachd.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.