
07/11/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 227
Duration: 05:10
Litir 227: Stairsneach nan Gaidheal
An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh stòiridh beag à stòras de bheul-aithris à Srath Narann a chruinnich Andaidh MacCuimein nach maireann. Nuair a bha mi a’ coimhead tron chruinneachadh aige de dh’fhiosrachadh air ainmean-àite na sgìre, mhothaich mi don fhear seo: Stairsneach nan Gaidheal.
Cha do lorg mi an t-ainm seo air na mapaichean ach, a rèir na sgrìobh Andaidh, tha e faisg air a’ Mhòigh, gu deas air Inbhir Nis, eadar an srath aige fhèin agus an ath-shrath air an taobh a deas dheth. Stairsneach nan Gaidheal – the threshold of the Gaels. Carson a bhiodh ainm mar sin ann oir nach robh na Gaidheil air feadh na Gaidhealtachd? Ciamar a bhiodh stairsneach aca, mar gu robh iad air aon taobh dhith, gun a bhith air an taobh eile?
Uill, bha na Gaidheil pailt air feadh na Gaidhealtachd airson mìle gu leth bliadhna ach, ma thèid sinn air ais fada gu leòr, gu àm nuair a bha iad ag àiteach na dùthcha an toiseach, bha cuid de ghlinn is srathan na bu Ghaidhealaiche na feadhainn eile. ’S dòcha gun do dh’èirich an t-ainm aig an àm sin.
Bha Andaidh a’ smaoineachadh gu robh uaireigin diofar chànan air a bruidhinn ann an Srath Narann bhon tè a bh’ air a bruidhinn anns an ath-shrath. Agus nuair a chluinneas sibh ainm an ath-shratha, ’s dòcha gum bi sibh ag aontachadh ris. ’S e an t-ainm a th’ air – Srath Eireann. Strath of Ireland. Bha Andaidh dhen bheachd, nuair a bha Srath Eireann gu tur Gaidhealach, is Gàidhlig ann mar chànan an t-sluaigh, gu robh seann chànan nan Cruithneach fhathast aig muinntir Shrath Narainn. Agus eatarra bha Stairsneach nan Gaidheal.
Airson tuilleadh fhaighinn a-mach mun chùis, choimhead mi ann an seann phàipear air ainmean-àite na sgìre. ’S e am Proifeasair Uilleam MacBhàtair a sgrìobh e, agus cha robh duine na b’ eòlaiche na esan air ainmean-àite Ceilteach na h-Alba.
Cha robh dad aige mu Stairsneach nan Gaidheal, ach bha fiosrachadh aige mun ainm-àite Srath Eireann. ’S e an t-ainm a th’ air an abhainn a tha a’ sruthadh tron t-srath Uisge Eire no Uisge Eireann – the Findhorn River. ’S e a’ Ghàidhlig a th’ air baile Findhorn – Inbhir Eireann, agus tha àiteachan eile anns an t-srath air a bheil Dunearn no Dùn Eireann, Nook of Earn no Cùil Eireann agus Earnhill no Cnoc Eireann. Bha MacBhàtair dhen bheachd gur e “Eire” no “Ireland” an t-ainm a bh’ air an sgìre.
A’ coimhead air an ainm Findhorn, thàinig sin bho “Finn-Eire” no White Ireland, leis gu bheil tràigh mhòr bhàn ann aig beul na h-aibhne. Gu sear air an abhainn sin tha tè eile air a bheil an Deveron ann am Beurla. Ann an Gàidhlig, ’s e sin Dubh Eireann no “Dubh Eireann” mar a chanas sinn an-diugh – Black Ireland. Bha MacBhàtair dhen bheachd gun deach seann dùthaich nan Gaidheal a chuimhneachadh anns na h-ainmean sin nuair a thàinig sluagh Gaidhealach a dh’fhuireach ann an Alba.
’S docha, ma-thà, gu robh Andaidh còir ceart, agus gu robh Srath Eireann lan Ghaidheal nuair a bha Srath Narann fhathast làn Chruithneach. Tha e doirbh a bhith cinnteach, agus chan eil an t-ainm Narann, a bh’ air an abhainn an toiseach, a’ toirt mòran fiosrachaidh dhuinn, oir tha e gu math sean. ’S dòcha gu bheil e a’ dol air ais gu linn ro na Cruithnich fhèin. Co-dhiù, tuigidh sinn mar a dh’fhaodadh na Gaidheil “stairsneach” ainmeachadh eadar an dà ghleann. Agus nach eil e iongantach, ùine mhòr mhòr as dèidh làimh, gu bheil an t-ainm sin fhathast aithnichte air aghaidh na dùthcha.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.