
12/03/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 245
Duration: 05:01
Litir 245: Geamhraidhean fuara sneachdach
An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mu thuathanaich is croitearan, agus caoraich gu dearbh, a dh’fhulaing nuair a thàinig sneachd mòr air a’ Ghaidhealtachd o chionn bhliadhnaichean. Bha e dona gu leòr, ’s dòcha, ann an seachdad ’s a h-ochd (1978) is leth-cheud ’s a còig (1955), agus anns na bliadhnaichean ceathrad ’s a seachd (1947) is seasgad ’s a trì (1963). Ach ma thèid sinn air ais barrachd na dà cheud bliadhna, tha e coltach gu robh geamhraidhean fada na bu mhiosa ann.
Thathar ag aithris gu robh an t-uamhas sneachda ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a dhà (1772) agus gun d’ fhuair seachd cìobairean deug bàs anns an fhuachd. Trì bliadhna fichead às dèidh sin, bha aithrisean ann de chathaidhean ann an coireachan air a’ Ghaidhealtachd a ràinig doimhneachd de cheud troigh – còrr is trithead meatairean.
Nuair a bha geamhraidhean fuara sneachdach mar sin ann, bhiodh Albannaich a’ cluich gu tric air deigh, agus ’s e an spòrs a bu mhò a bh’ aca ann am mòran sgìrean – tè ris an canar curling ann am Beurla. Nise, sgrìobh mi air a’ chuspair seo ann an Litir o chionn dà bhliadhna, agus cha robh fios agam aig an àm gu dè a’ Ghàidhlig a bh’ air curling oir cha robh e air a chluich gu mòr air taobh an iar na Gaidhealtachd no anns na h-eileanan, far a bheil an cànan as làidire an-diugh.
Bhon uair sin, chaidh mo chur ceart. Bhiodh na Gaidheil ann am meadhan is taobh an ear na Gaidhealtachd, far a bheil na geamhraidhean nas fhuaire na tha iad air an taobh an iar, a’ gabhail “cròladh” air. Agus chuala mi am facal a-rithist an là eile nuair a bha mi ann an còmhradh le fear à Sràth Spè. Bha e a-mach air mar a bhiodh na daoine anns gach baile anns an sgìre ri cròladh anns a’ gheamhradh air lochan beaga reòta. Gu mì-fhortanach, chan eil na geamhraidhean fuar gu leòr an là an-diugh airson sin, agus feumaidh muinntir an àite siubhal gu ruige Inbhir Nis no Eilginn airson cluich fo chabair air raon-deighe.
Tha fhios gum bi feadhainn ann an Canada ag èisteachd ris na Litrichean agam air an eadar-lìon, agus bu mhath leam cluinntinn bho dhuine sam bith aca a dh’innseas dhomh na chanas iad fhèin ri cròladh ann an Gàidhlig. Agus chòrdadh e rium cluinntinn bho neach-èisteachd nam b’ urrainn dha no dhi innse dhomh rud sam bith mun bhriathrachas Ghàidhlig a tha co-cheangailte ris a’ gheam.
Carson a tha ùidh agam? Uill, chan eil fhios agam am bu chòir dhomh seo aideachadh, ach dh’fheuch mi cròladh airson a’ chiad turas a-riamh o chionn ghoirid. Chan urrainn dhomh ràdh carson a thug e cho fada dhomh, gu h-àraidh leis gu robh clachan cròlaidh taobh a-muigh doras mo nabannan nuair a bha mi òg. Bha iadsan uabhasach measail air a’ gheam. Bhiodh iad a’ cluich ann am pàirc far an cluichinn-sa ball-coise as t-samhradh. Bhiodh a’ chomhairle ionadail ga lionadh le uisge nuair a thigeadh an geamhradh, agus bhiodh na ficheadan, no na ceudan, de luchd-cròlaidh a’ tighinn cruinn oirre airson gheamannan.
Feumaidh mi ràdh gun do chòrd an geam rium an là eile. Bidh cuid ag ràdh gu bheil cròladh car coltach ri bowls air deigh, agus ’s dòcha gu bheil. Ach dhomhsa bha e na bu tlachdmhoire na bowls, leis mar a bhios tu a’ sleamhnadh air an deigh. Agus tha am fuaim a chluinnear nuair a bhuaileas dà chloich na chèile rudeigin àrsaidh prìomhadail. Car coltach rium fhìn, a rèir na cloinne agam!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine: Bhiodh iad a’ cluich ann am pàirc far an cluichinn-sa ball-coise: they would play in a park where I would play football. Do you notice that far takes the dependent form of the verb? We don’t say far a chluichinn. Similarly we would say sin far a bheil i (that is where she is) not sin far a tha i. I also want to make a point about the verbal tense used in this part of the litir: Bhiodh a’ chomhairle ga lionadh ... nuair a thigeadh an geamhradh... agus bhiodh na ficheadan ...a’ tighinn cruinn. Can you identify it and explain why it is used? It is the past habitual, which is equivalent to the conditional, and I used it because these past events were habitual events – ie every year the council would fill the park with water when the winter came (would come) and the people would come to play curling.
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.