
09/04/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 249
Duration: 05:28
Litir 249: Loch Langavat
An t-seachdain sa chaidh, rinn mi mo shlighe thairis air grunn lochan gun a bhith a’ cleachdadh bàta, oir bha iad reòta. Cha robh mi ann an Alba, ge-tà, ach ann am beanntan Nirribhidh, aig còrr is mìle meatair os cionn na mara. Bha a h-uile loch còmhdaichte le deigh thiugh, agus le sneachd geal glan air muin na deighe. Rinn mi mo shlighe air na lochan le bhith a’ sgitheadh orra.
Air an dàrna là de mo thuras, agus mi-fhìn is feadhainn eile à Alba a’ sgitheadh eadar loidsichean is bothain, chaidh sinn tarsainn loch air an robh ainm a thog m’ aire. Litrichidh mi dhuibh e, agus tuigidh sibh carson – LANGAVATNET. Shaoileadh tu gur e “Langa-VAT-net” a chanadh muinntir na dùthcha, ach dh’fhaighnich mi de nighean ann am fear de na loidsichean, agus thuirt ise “Langa-VA-nuh”. Co-dhiù, thuirt mi rithe, “tha e a’ ciallachadh ‘loch fada’, nach eil?” Dh’aidich i gu robh mi ceart.
Bidh mòran agaibh eòlach air loch mòr fada ann an Eilean Leòdhais air a bheil “Loch Langavat”. ’S e ainm annasach a th’ ann, oir tha “Langavat” fhèin a’ ciallachadh “loch fada”. Thàinig e bho na Lochlannaich a bha uaireigin a’ fuireach anns an eilean.
Lorg mi ainmean eile ann an Nirribhidh a bha cuideachd gu math inntinneach dhuinne a tha a’ fuireach ann an Alba. Sanddalsvatnet mar eisimpleir – “Loch Dail na Gainmhich”. Thàinig am facal “dail” againne bhon t-seann Lochlannais. Is chaidh sinn seachad air beinn mhòr bhrèagha ris an canar Blåberge – coltach ri Blàbheinn anns an Eilean Sgitheanach. Tha an dà ainm a’ ciallachadh “blue mountain” ann am Beurla.
Agus tha an eileamaid “bu” a’ nochdadh an siud ’s an seo, leithid ann am Bjordalsbu agus Kjeldebu. Tha e a’ ciallachadh both no bothan. Thàinig na faclan sin, agus bùth, a tha a’ ciallachadh “shop”, bhon t-seann Lochlannais. Thàinig, agus am facal booth ann am Beurla.
Mus deach mi gu ruige na beanntan, chuir mi seachad madainn ann am Bergen, baile mòr air cladach an iar na dùthcha. Thathar a’ moladh don a h-uile duine a thèid a Bhergen dhol a mhargaidh an èisg. Chan fhaighear iasg nas fheàrr na gheibhear ann a sin. Gu dearbh, tha truisg bheò, a thàinig bhon mhuir an là roimhe, a’ snàmh ann an amar mòr, agus faodaidh tu fear a thaghadh dhut fhèin.
’S e torsk a chanas na Nirribhich riutha, agus chan eil duilgheadas ann do Ghaidheal fios a bhith aige gu dè seòrsa èisg a th’ ann, oir thàinig am facal
againne trosg bho na seann Lochlannaich. Choimhead mi air na h-èisg is maoraich gu lèir anns a’ mhargaidh, agus chan fhaca mi gin eile air an robh ainm coltach ris an ainm Ghàidhlig. Ach dh’aithnich mi ainm fear dhiubh sa spot, oir tha e cumanta ann an ainmean-àite ann an Alba – laks, no bradan. Ann an Leòdhas tha Lacasaigh (“abhainn nam bradan”) ann, agus Lacasdail (“dail nam bradan”). Agus faisg air Càrlabhagh ann an taobh iar an eilein tha Loch Lacsabhat Àrd agus Loch Lacsabhat Ìorach ann. Tha Lacsabhat a’ ciallachadh “loch nam bradan”.
Aig toiseach na litreach, bha mi a-mach air Langavatnet no Langavat. Nuair a choimheadas tu air map de dh’Eilean Leòdhais, chì thu gu bheil barrachd na aon loch air a bheil Loch Langavat. Uill, tha an aon rud fìor ann an Nirribhidh. Ann an aon sgìre, chithear grunn lochan air a bheil Langavatnet, ged a tha cuid mòran nas fhaide na feadhainn eile. Chan ann dìreach air map na h-Alba a nochdas na h-aon ainmean-àite a-rithist is a-rithist.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine: Thàinig, agus am facal booth ann am Beurla: so did the word booth in English. Note the repetition of the verb (thàinig) here, followed by agus – this is the idiomatic way of saying “so did…” in Gaelic. Here are two other examples and note the repetition of the verb: Bha Iain ann. Bha agus Sìne (John was there. So was Jean); Chrìochnaich Ailig an rèis. Chrìochnaich agus Anna (Alex finished the race. So did Ann).
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.