
14/05/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 254
Duration: 05:04
Litir 254: Loch mo Nàire
An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mu Loch mo Nàire ann an Srath Nabhair, is mar a bha mòran dhen bheachd gu robh uisge draoidheil ann. An-diugh, tha mi a’ dol a thoirt cunntas air mar a bhiodh fear a bha tinn a’ dèanamh leigheas air fhèin anns an loch. Bhiodh e a’ dol ann ann an dorchadas na h-oidhche agus, nuair a thigeadh a’ chiad aiteal de sholas an là, chuireadh e a chuid aodaich dheth agus rachadh e don uisge.
Thilgeadh e bonn airgid fad’ a-mach don loch, agus chuireadh e a cheann fodha trì tursan. Agus gach turas, dh’iarradh e air spiorad an uisge faighinn cuidhteas a thinneis. An uair sin, chuireadh e aodach air a-rithist, agus bhiodh e a’ coiseachd gu deiseil timcheall an locha. Dh’fheumadh e an uair sin teicheadh ann an cabhaig. Bha aige ri dèanamh cinnteach gu robh an loch a-mach à sealladh mus biodh a’ ghrian air èirigh.
Fad na h-ùine sin dh’fheumadh e a bhith sàmhach, gun facal a ràdh ach a-mhàin ri spiorad an uisge. Nan leanadh e an dòigh sin, bhiodh cothrom math aige faighinn cuidhteas an tinneis a bha a’ bualadh air, a rèir beul-aithris co-dhiù.
Thathar ag aithris gum biodh na h-uibhir de dhaoine a’ dol gu ruige Loch mo Nàire eadhon tràth anns an fhicheadamh linn, agus gum biodh sluagh mòr mòr ann air a’ chiad Dhiluain dhen Lùnastal gach bliadhna. Thigeadh iad cruinn aig an loch eadar meadhan-oidhche is uair sa mhadainn.
Thathar ag aithris gum bithear a’ lorg buinn airgid anns an loch, is gu bheil iad air am milleadh le uisge searbh an locha. Ach thathar a’ toirt rabhadh do dhaoine gun a bhith a’ toirt nam bonn air falbh. Oir ma nì duine sin, gheibh e fhèin an dearbh thinneas a bh’ air an euslainteach a thilg am bonn don loch anns a’ chiad àite.
Chan eil fhios agam cia mheud duine a tha a’ creidsinn a leithid an-diugh, eadhon anns an sgìre fhèin. Agus tha fhios nach robh a h-uile duine a’ gabhail ris co-dhiù, fiù ’s nuair a bhiodh na ceudan a’ tighinn cruinn air bruach Loch mo Nàire. Seo naidheachd eile às an sgìre a tha a’ sealltainn taobh eile dhen ghnothach.
Bha seann bhoireannach a bha seo a’ fuireach leatha fhèin. Cha robh comas coiseachd aice agus, mar sin, dh’iarr i air balach a b’ aithne dhi dhol don loch as a leth air Là Buidhe Bealltainn, is botal dhen uisge a thoirt air ais dhi. Dh’iarr i air sin a dhèanamh gu sgiobalta, gun a bhith a’ caitheamh ùine air an rathad.
Ach, air an rathad a dh’ionnsaigh an locha, thachair an gille ri balaich eile a b’ aithne dha, is chuir e seachad ùine còmhla riutha. Agus dhìochuimhnich e mun uisge bhon loch. Nuair a chuimhnich e mu dheidhinn, bha am feasgar ann agus bha e air a bhith dorch mus fhaigheadh e ann agus air ais gu taigh na caillich. An àite tilleadh gun uisge sam bith, lion e am botal anns an abhainn, seach anns an loch, agus thug e don bhoireannach e gun guth a ràdh.
Bha i air leth toilichte agus thug i a beannachd dha, oir cha robh càil a dh’fhios aice nach ann bhon loch a thàinig e. Dh’òl i an t-uisge agus, ceart gu leòr, bha deagh shlàinte aice chun an là air an do chaochail i. Agus bha i a’ cumail a-mach chun an là sin gum b’ e an t-uisge coisrigte sin an aon stuth-leigheis a rinn feum dhi a-riamh!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.