
02/07/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 261
Duration: 05:44
Litir 261: Doilearan Spàinnteach a’ cuairteachadh ann an Steòrnabhagh
Tràth anns an naoidheamh linn deug, bha doilearan Spàinnteach a’ cuairteachadh ann an Steòrnabhagh. Is dòcha nach eil sin na iongnadh oir bhiodh maraichean bho air feadh na Roinn Eòrpa a’ dol ann, agus tha fhios gun tug iad airgead leotha. Ach fhuair na doilearan seo ann air sàilleamh eucoir a ghabh àite ann am meadhan a’ chuain. Seo mar a thachair e a rèir an leabhair, Tales and Traditions of the Lews, le Dòmhnall Dòmhnallach nach maireann, leabhar a tha làn naidheachdan inntinneach a Leòdhas.
Dh’fhàg an soitheach, an Jane, anns an robh naochad tunna de chuideam, Gibraltar anns a’ Chèitean, ochd ceud deug is aon ar fhichead (1821). Bha i a’ deanamh air Brasail. B’ e fear Sasannach, Tòmas MacIain, an sgiobair oirre agus bha criubha oirre de sheachdnar, nam measg còcaire Frangach air an robh François Gautiez mar ainm. Is bha airgead mòr aca air bòrd – còrr is trithead ’s a h-ochd mìle doilear-airgid Spàinnteach.
Bha na doilearan ann am pocannan beaga canabhais. Bha na pocannan air an stòradh ann am min-sàibh ann an ochd cisteachan ann an toll na luinge. Thathar ag ràdh “gur math an còcaire an t-acras”, ach is dona an còcaire a dh’fhàsas sanntach, saoilidh mi – co-dhiù, ma tha e air bòrd soitheach anns a bheil airgead mòr.
Fhad ’s a bha iad air an t-slighe thar a’ Chuain Siar, thòisich an còcaire, Gautiez, air beachdachadh air an Jane a ghabhail thairis, airson greim fhaighinn air an airgead. Fhuair e taic bhon mheite, fear Heaman à Sasainn. Ach bha fear eile, fear Mac Pheadrais, fada an aghaidh ar-a-mach sam bith.
Oidhche a bha seo, bha Mac Pheadrais aig an stiùir fhad ’s a bha Heaman os cionn sgioba na faire. Thug Heaman ionnsaigh air Mac Pheadrais, agus thilg e am maraiche eile far na luinge don chuan. Fhad ’s a bha sin a’ tachairt, mhuirt Gautiez an sgiobair le gunna, agus e na leabaidh.
Chaidh feadhainn eile a ghlasadh anns an taigh-thoisich ach chan eil Dòmhnall Dòmhnallach ag innse dhuinn gu dè thachair dhaibh. Co-dhiù, bha an soitheach aig àm an ar-a-mach dìreach pìos beag gu tuath air a’ chrios mheadhain. Bha i faisg air seachdain seòlaidh gu siar air Na h-Eileanan Cainèiridh. Càite an rachadh iad, ma-thà? Cha b’ urrainn dhaibh cumail a dol a Bhrasail.
Airson adhbhar air choreigin, roghnaich iad thighinn a dh’Alba. Agus b’ e a’ chiad àite far an deach iad air tìr – Eilean Bharraigh far an do cheannaich am meite biadh agus eathar fosgailte.
Ghearr luchd an ar-a-mach tuill ann an slige an Jane airson a cur fodha. Ach cha deach i fodha. Chaidh iad air bòrd an eathair len airgead mòr, agus dh’fheuch iad ri faighinn air falbh gu tìr-mòr. Ach dh’èirich stoirm agus cha do rinn iad adhartas a
dh’ionnsaigh tìr-mòr. Chaidh iad gu tuath agus thill iad gu tìr anns na h-Eileanan Siar – ann an Leòdhas, faisg air Suardail anns an Rubha.
Ach, obh obh, bha an Jane air an dearbh shlighe a ghabhail agus chaidh ise air na creagan aig Ceann Tholastaidh, gu tuath air an Rubha. Chaidh na maraichean a cheasnachadh mun ghnothach amharasach, agus fhuair fear na cusbainn ann an Steòrnabhagh, fear MacIomhair, aithris fhìrinneach bho fhear dhiubh.
Chaidh an cur an greim agus chaidh an toirt air falbh gu ruige Lìte, faisg air Dùn Eideann, far an deach an crochadh. Ach fhuair cuid de na doilearan aca ma sgaoil ann an Steòrnabhagh, agus thathar ag aithris gu robh iad a’ dol bho làimh gu làimh airson iomadh bliadhna.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.