
15/10/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 276
Duration: 05:11
Litir 276: Cnoc glas fada bhuam – lom lom nuair a ruigeas mi e
Thàinig mi tarsainn air seanfhacal anns a’ Ghàidhlig Mhanainnich an là eile. Nise, chan eil an cànan sin agam ach saoilidh mi gun tuigeadh Gàidheil na h-Alba gu leòr dhith. Seo an seanfhacal, agus tha mi a’ dol a dh’fheuchainn ri leughadh cho math ’s as urrainn dhomh. Ach ma tha duine ag èisteachd aig a’ bheil Gàidhlig Eilein Mhanainn, tha mi an dòchas gun gabh e mo leisgeul ma thèid mi ceàrr: Cronk ghlass foddey voym – loam loam tra roshym eh.
Cuiridh mi Gàidhlig na h-Alba air, agus chì sibh dè tha e a’ ciallachadh: Cnoc glas fada bhuam – lom lom nuair a ruigeas mi e. Tha glas a’ ciallachadh dath gorm an fheòir – mar a bha e a’ ciallachadh ann an Alba o shean. Cnoc glas fada bhuam – lom lom nuair a ruigeas mi e. Cha chreid mi nach e brìgh an t-seanfhacail gu bheil uaireannan cùisean a’ coimhead nas fheàrr nuair a tha thu fad air falbh. Agus nuair a thèid thu faisg, chan eil iad buileach cho math ’s a bha thu an dùil. Cnoc glas fada bhuam – lom lom nuair a ruigeas mi e.
’S e facal a th’ ann an glas a nochdas air feadh nan cànanan Ceilteach. Tha am faclair Cuimreach agam ag ràdh, “glas: blue or green”. Agus tha faclair ùr Gàidhlig agam ag innse dhomh gu robh am facal anns an t-seann Ghàidhlig is seann Chuimris, is gu bheil e fhathast ann an cànan na Breatainne Bige. Tha fhios gum bi sibh a’ faighneachd, “dè bha sin? Dè thuirt Ruairidh? Faclair Gàidhlig ùr eile?” Uill, feumaidh a bhith onarach – tha e ùr dhomhsa, ach chan eil e idir ùr.
O chionn ghoirid, às dèidh dhomh a bhith a’ feuchainn airson ùine mhòr ri fear a cheannach, fhuair mi grèim air an fhaclair air a bheil An Etymological Dictionary of the Gaelic Language, le Alasdair MacBheathain. Tha e ri fhaighinn air an eadar-lìon ach tha rudeigin mu dheidhinn leabhraichean a tha fhathast tarraingeach dhomh, agus bha mi uabhasach toilichte nuair a cheannaich mi an leabhar. ’S e an dàrna iris dheth is chaidh fhoillseachadh ann an naoi ceud deug is aon-deug (1911), ceithir bhliadhna an dèidh bàs an ùghdair. Thàinig a’ chiad iris dheth a-mach ann an ochd ceud deug, naochad ’s a sia (1896).
Anns a’ chòrr dhen Litir bu toigh leam rudeigin innse dhuibh mu ùghdar an fhaclair, Alasdair MacBheathain. Rugadh is thogadh e ann an Gleann Fèithisidh ann am Bàideanach, an cois a’ Mhonaidh Ruaidh, anns a’ bhliadhna ochd ceud deug, leth-cheud ’s a còig (1855). ’S e àite gu math Gàidhealach a bh’ ann aig an àm ud.
Thòisich Alasdair mar thidsear anns an sgìre aige fhèin is an uair sin dh’fhalbh e a dh’obair airson an t-Suirbhidh Òrdanais anns a’ Chuimrigh. Nuair a bha e naoi bliadhn’ deug a dh’aois, chaidh e don t-Seann Sgoil-ghràmair ann an Obar Dheathain is an uair sin a Cholaiste an Rìgh. Aig aois còig ar fhichead (25), fhuair e obair mar cheannard sgoile ann an Inbhir Nis, agus ’s ann anns a’ bhaile sin a dh’fhuirich e airson a’ chòrr de bheatha.
Bha Alasdair an sàs ann an Comunn Gàidhlig Inbhir Nis agus sgrìobh e gu leòr phàipearan air cuspairean co-cheangailte ri eachdraidh, dualchas is cànanachas. Tha e fìor dhuilich nach robh cothrom aige dhol a theagasg ann an oilthigh, oir bha e geur is foghlamaichte. Dh’fhàg e dìleab mhòr dhuinn le fhaclair, agus feumaidh mi ràdh, nuair a dh’fhosgail mi an leabhar, nach ann lom a bha an cnoc, a bh’ air a bhith fada bhuam, ach glas is torrach.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chànain na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.