
26/11/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 282
Duration: 04:59
Litir 282: Dòmhnall Horne MacPhàrlain
B’ e Dòmhnall Horne MacPhàrlain fear de ghaisgich Ghàidhealach na Pàrlamaid anns na h-ochdadan dhen naoidheamh linn deug. Rugadh e ann an ochd ceud deug is trithead (1830) ann an Gallaibh. Bha athair, Ailean MacPhàrlain, na oifigear iasgaich ann an Inbhir Ùige. ’S e Mairead Horne a bh’ air a mhàthair, is bha ise à Gallaibh cuideachd.
Bha trì duine deug aca de chloinn. Bha ceathrar mhac am measg sin, agus b’ e Dòmhnall am fear a b’ òige dhiubh. Nuair a bha e ochd bliadhna a dh’aois, rinn an teaghlach eilthireachd gu Astràilia. Aig an aon àm, chaidh cuid de na càirdean aca a dh’fhuireach anns na h-Innseachan. Nuair a bha Dòmhnall fichead bliadhna a dh’aois, dh’fhàg e Astràilia, agus chaidh e a dh’fhuireach còmhla ri chàirdean anns na h-Innseachan.
Chaidh cùisean gu math dha ann a sin. Dh’èirich e gu bhith na cheannard air companaidh de mharsantan ann an Calcutta. Tha e coltach gun do choisinn e airgead mòr an sin. Gu cinnteach, leis gu robh e beartach, bha e gu math eadar-dhealaichte bho na daoine – na croitearan bochda Albannach – a bha e a’ dol a riochdachadh anns a’ Phàrlamaid. Ach chan ann as leth muinntir na h-Alba a sheas e, anns a’ chiad dol a-mach co-dhiù.
Phòs Dòmhnall tè, Mary Isabella Bagshawe, ann an ochd ceud deug, caogad ’s a seachd (1857). Bhathar ag ràdh gun do bhuin ise do shliochd na h-Èireann. Agus bhathar ag ràdh gur ann troimhpese a thog e ùidh ann am poileataics na h-Èireann, agus anns an Eaglais Chaitligich.
Thòisich e ann am poileataics gu dreuchdail, ann an Èirinn, ann an ochd ceud deug is ochdad (1880), nuair a chaidh a thaghadh mar bhall do Chontae a’ Cheatharlaich, no Carlow. Thuirt e mu dhèidhinn fhèin gur e “Libearalach” a bh’ ann, a bha a’ creidsinn ann am fèin-riaghladh do dh’Èirinn. Ach tha e coltach nach robh e cho làidir ri cuid de na Nàiseantaich, agus gun deach e an aghaidh seasamh ceannard pàrtaidh na h-Èireann anns a’ Phàrlamaid, Teàrlach Stiùbhart Parnell.
Fhad ’s a bha Dòmhnall MacPhàrlain na bhall pàrlamaid do sgìre Èireannach, thog e ùidh ann an ceist an fhearainn ann an Alba. Cha b’ fhada gus an robh e aithnichte mar fhear de luchd na pàrlamaid a bha taiceil do na croitearan Albannach. Às dèidh Blàr a’ Chumhaing anns an Eilean Sgitheanach ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a dhà (1882), eadar croitearan is na h-ùghdarrasan, thog MacPhàrlain a ghuth aig Westminster. Dh’iarr e air a’ Phàrlamaid Coimisean Rìoghail a stèidheachadh a bheireadh sùil air ceist an fhearainn ann an Alba.
Cha deach leis aig an toiseach, ach mu dheireadh chuir a’ Phàrlamaid Coimisean Napier air dòigh airson an gnothach a sgrùdadh. Ged a bha e aig an àm ud a’ riochdachadh sgìre Èireannach, bhiodh MacPhàrlain cho tric a’ bruidhinn mu shuidheachadh na h-Alba, ’s gun do chuir cuid de na buill am far-ainm air “Ball Pàrlamaid an Eilein Sgitheanaich”.
B’ e Dòmhnall MacPhàrlain a’ chiad cheann-suidhe air Comann Ath-leasachadh Lagh Fearainn na Gàidhealtachd, buidheann-choiteachaidh a bha stèidhichte ann an Lunnainn. Mean air mhean, dh’fhàs croitearan na h-Alba eòlach air ainm. Bha sin gu h-àraidh fìor ann an Earra-Ghàidheal far an robh mòran nam buill dhen Chomann.
Anns an Ògmhìos ochd ceud deug, ochdad ’s a còig (1885), chaill riaghaltas Ghladstone bhòt ann an Taigh nan Cumantan agus chum am Morair Salisbury air mar phrìomhaire gus am biodh taghadh nàiseanta ann san t-Samhain. Chuir Dòmhnall Horne MacPhàrlain roimhe seasamh anns an taghadh airson Earra-Ghàidheal. Chì sinn mar a chaidh dha an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chànain na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.