Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 288: Beantainn

Halò a-rithist. Agus fàilte chrìdheil oirbh don chiad Litir dhen bhliadhna 2005. Tha fichead bliadhna air a dhol seachad am-bliadhna bho sheas a’ chiad duine air a h-uile mullach as àirde anns gach mòr-thìr air an t-saoghal. B’ esan Dick Bass, fear Ameireaganach a tha beò fhathast, agus ràinig e mullach na tè mu dheireadh – Beinn Everest – anns a’ bhliadhna ochdad ’s a còig.

Am measg nan seachd mullaichean sin, tha tè dhiubh air a bheil ainm Gàidhealach. Cò an tè? Uill, tòisicheamaid anns an Roinn-Eòrpa – le Elbrus no Mont Blanc, a rèir mar a thathar a’ comharrachadh crìochan na Roinn-Eòrpa. Kilimanjaro ann an Afraga. Beinn Vinson anns an Antartaig. Carstenz ann am Papua an Iar no Beinn Khosciusko ann an Astràilia, a rèir do bheachd air crìochan Astràilia no Astralàisia.

Dè th’ air fhàgail? Aconcagua ann an Ameireagaidh a Deas, Chomolungma no Beinn Everest ann an Àisia agus … aha … an tè mu dheireadh – an tè as àirde ann an Ameireagaidh a Tuath. Tha i ann an Alasga. Beinn MhicFhionnlaidh a chanamaid rithe ann an Gàidhlig, ach bidh daoine nas eòlaiche oirre mar Mt. McKinley.

Chaidh a h-ainmeachadh le fear Uilleam Dickey a bha a’ rannsachadh creagan Alasga airson stuthan prìseil. Chuir esan ainm fear de bhuill an t-Seanaidh air a’ bheinn – Uilleam MacFhionnlaidh. An dèidh sin, dh’èirich MacFhionnlaidh gu bhith na Cheann-suidhe do na Stàitean Aonaichte. B’ esan fear de na cinn-suidhe a chaidh a mhurt fhad ’s a bha e fhathast na dhreuchd. Thachair sin ann am Buffalo ann an stàit New York ann an naoi ceud deug ’s a h-aon (1901).

Ged a tha an t-ainm sin fhathast air a’ bheinn, tha an t-ainm dùthchasach a’ nochdadh nas trice an là an-diugh – Denali – a’ ciallachadh “am fear mòr” ann an cànan nan Ameireaganach dùthchasach a bhuineas don sgìre, agus cò chanadh nach eil sin iomchaidh? Tha Beinn MhicFhionnlaidh ann am meadhan Pàirc Nàiseanta Denali.

Ach bu mhath leam Alasga fhàgail is tilleadh gu Astràilia. Aig dà mhìle, dà cheud is trithead (2,230) meatair os cionn na mara – sin beagan is seachd mìle troigh – chan eil Beinn Khosciusko uabhasach àrd – agus tha i furasta a streap. Agus tha cuid ann an Astràilia dhen bheachd nach i a’ bheinn as àirde san rìoghachd aca co-dhiù. Oir tha eilean anns a’ Chuan a Deas, faisg air an Antartaig, air a bheil beinn a ruigeas dà mhìle, seachd ceud, ceathrad ’s a còig (2,745) meatair os cionn na mara – còig ceud meatair nas àirde na Kosciusko.

Tha sin air Eilean Heard agus ’s ann le Astràilia a tha an t-eilean. Airson greis bhathar a’ smaoineachadh gur e maraiche Breatannach (tha dùil a’m gu robh e Albannach) a lorg an t-eilean anns an Fhaoilleach ochd ceud deug, leth-cheud ’s a ceithir (1854). B’ esan an Caiptean Uilleam Dòmhnallach, a bh’ air bòrd an t-soithich, an Samarang.

Chunnaic e an t-eilean, agus eileanan eile faisg air làimh, agus chaidh an ainmeachadh gu lèir mar “Eileanan an Dòmhnallaich” no the “McDonald Islands”. Ach thàinig e am bàrr gu robh fear Ameireaganach, an Caiptean Iain Heard, ann as t-Samhain ochd ceud deug, leth-cheud ’s a trì (1853). Agus, leis gu robh esan ann an toiseach, ’s e Eilean Heard a chanar ris an eilean sin an-diugh.

Ach ’s e an t-ainm a th’ air a’ bheinn air Eilean Heard – Big Ben. Tha fhios gur e sin A’ Bheinn Mhòr ann an Gàidhlig. Tha na h-eileanan sin fada bho Alasga is Alba, ach tha rudeigin ann a cheanglas na trì àiteachan sin ri chèile – dualchas nan ainmean Gàidhealach a th’ air a’ mhap an là an-diugh.

Faclan na seachdaine

Faclan na seachdaine: Alasga: Alaska; Astralàisia: Australasia; Uilleam MacFhionnlaidh: William McKinley; dùthchasach: indigenous; an Cuan a Deas: the Southern Ocean.

Abairtean na seachdaine

Abairtean na seachdaine: anns gach mòr-thìr: in every continent; ràinig e mullach na tè mu dheireadh: he reached the summit of the final one [fem]; a rèir mar a thathar a’ comharrachadh crìochan na Roinn-Eòrpa: depending on how the borders of Europe are distinguished; dè th’ air fhàgail?: what is left?; ann an Ameireagaidh a Tuath: in North America; chaidh a h-ainmeachadh: it [fem] was named; ainm fear de bhuill an t-Seanaidh: the name of a member of the Senate; b’ esan fear de na cinn-suidhe: he was one of the presidents; a chaidh a mhurt fhad ’s a bha e fhathast na dhreuchd: who was murdered while he was still in office; cò chanadh nach eil sin iomchaidh?: who would say that is not appropriate?; nach i a’ bheinn as àirde san rìoghachd aca co-dhiù: that she is not the highest mountain in the country anyway; ’s ann le Astràilia a tha an t-eilean: the island belongs to Australia; bhathar a’ smaoineachadh gur e maraiche Breatannach a lorg e: it was thought that it was a British seaman who found it; b’ esan an Caiptean Uilleam Dòmhnallach, a bh’ air bòrd an t-soithich, an Samarang: he was Captain William McDonald who was on board the vessel, the Samarang; as t-Samhain: in November; leis gu robh esan ann an toiseach: because he was there first; tha rudeigin ann a cheanglas na trì àiteachan sin ri chèile: there is something that links the three places to each other.

Puing-chànain na seachdaine

Puing-chànain na seachdaine: Tòisicheamaid anns an Roinn-Eòrpa: let us start in Europe. Did you immediately understand this, and know the difference between tòisicheamaid (unlenited) and thòisicheamaid (lenited). The first form is the first person plural of the imperative. Other examples are coisicheamaid (let us walk), suidheamaid (let us sit). The second, with lenition, is the first person plural of the conditional/past habitual eg thòisicheamaid means “we would start, used to start”. Choisicheamaid means “we would walk/used to walk” and shuidheamaid means “we would sit/used to sit”. Where the verb starts with a non-lenitable consonant (at least in its written form), it might be either – leughamaid can mean “let us read” or “we would/used to read”. In the Litir, we have Beinn MhicFhionnlaidh a chanamaid rithe ann an Gàidhlig – “we would call her Beinn MhicFhionnlaidh in Gaelic”.

Gnàths-cainnt na seachdaine

Gnàths-cainnt na seachdaine: bidh daoine nas eòlaiche oirre mar Mt. McKinley: people will know her better as Mt. McKinley. Tha mi eòlach air X: I know X.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast