
04/02/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 292
Duration: 05:37
Litir 292: Am bàta-smùid, an Comet
Nuair a nochd am bàta-smùid, an Comet, air Abhainn Chluaidh airson a’ chiad turais ann an ochd ceud deug ’s a dhà-dheug (1812), bha Eanraig Bell gu math toilichte. Is esan a chruthaich an soitheach.
Rugadh Bell ann an Tòrr Fhitheachan ann an Lodainn an Iar. Dh’obraich e ann an diofar dhreuchdan, agus ann an diofar àiteachan, mus do thòisich e air bàtaichean-smùid a dhealbh. Cha do ghabh Roinn a’ Chabhlaich Rìoghail ris na smuaintean aige agus bhruidhinn e ri feadhainn ann an dùthchannan thall thairis. Am measg sin bha fear Fulton anns Na Stàitean Aonaichte. Ann an ochd ceud deug ’s a seachd (1807), bha bàtaichean-smùid a’ seòladh air aibhnichean mòra Ameireagaidh a Tuath.
Bliadhna às dèidh sin, ghluais Bell gu Baile Eilidh air Abhainn Chluaidh. Bha a bhean a’ ruith taigh-òsta agus amar-snàimh anns a’ bhaile. ’S e neach-gnothaich air leth math a bh’ innte, agus tha e coltach gun do chuir ise airgead mu choinneimh a’ phròiseict airson an Comet a thogail ann an Glaschu.
Cha robh an soitheach uabhasach mòr. Cha robh innte ach trithead ’s a trì troighean de dh’fhad, agus bha i car coltach ri bàt-iasgaich, ach a-mhàin gu robh dà roth mòr air gach taobh dhith. Ach bha droch bheachd aig cuid oirre. Bha i salach is fuaimneach. Agus cha robh i mòr gu leòr, no làidir gu leòr, airson a dhol fada aig muir. Air là math ciùin air Abhainn Chluaidh, ruigeadh i astar de shia mìle mara san uair. Ann an ochd ceud deug is ochd-deug (1818), shaoil Eanraig Bell gu robh an t-àm ann an t-seirbheis a leudachadh – agus am bàta a leudachadh leis. Bha an Comet gu bhith a’ seòladh eadar Glaschu is An Gearasdan. Chaidh a gearradh ann an dà leth, agus chaidh sia troighean a bharrachd de dh’fhad a chur innte. Is chaidh einnsean na bu mhò a chur innte.
A bharrachd air an sgiobair, bhiodh criutha de sheachdnar air bòrd agus b’ e fear dhiubh sin am pìobaire. Uaireannan bhiodh an luchd-siubhail a’ dannsadh air bòrd gu ceòl na pìoba – airson an cumail fhèin blàth!
Air a’ chiad là dhen turas chun a’ Ghearasdain, bhiodh an Comet a’ dol bho Ghlaschu gu ruige Canàl a’ Chrìonain. Chuireadh an luchd-siubhail seachad an oidhche ann a sin. Air an làrna-mhàireach, bhiodh an soitheach a’ fàgail a’ chanàil is a’ tionndadh gu tuath.
Bha an leabhar fiosrachail, Lumsden’s Steam Boat Companion, a’ toirt rabhadh seachad mun chaolas ceithir mìle gu tuath air beul a’ chanàil. B’ e sin an Doras Mòr. “Nuair a bhios i a’ lìonadh agus a’ tràghadh, gu h-àraidh aig àm an reothairt,” sgrìobh ùghdar an leabhair, “tha an sruth an seo uabhasach luath, is uaireannan cho làidir ’s nach dèan soitheach a’ chùis na aghaidh.” Bhiodh an Comet a’ dol tron Doras leis an t-sruth.
Ach cha deach cùisean gu math dhi anns an Dùbhlachd ochd ceud deug is fichead (1820). Bha dà thubaist bheag aice, is chaidh beagan millidh a dhèanamh oirre. Bha i slaodach agus, nuair a ràinig i an Doras Mòr, bha i air dheireadh. Bha an tìde-mhara a’ tionndadh na h-aghaidh.
Bha gèile ann agus bha i a’ cur sneachd. Dh’fheuch an sgiobair ri adhartas a dhèanamh ann an saobh-shruth. ’S e sin fear de na sruthan faisg air a’ chladach, a tha a’ ruith an aghaidh an t-strutha mhòir. Bhuail an Comet anns na creagan agus bhris i ann an dà leth – dìreach far an deach a leudachadh dà bhliadhna roimhe. Gu fortanach, fhuair a h-uile duine gu tìr, ach b’ e sin an deireadh don Chomet.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chànain na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.