
11/02/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 293
Duration: 05:46
Litir 293: Arm nan Seumasach agus Dudley Bradstreet
Cò chuir arm nan Seumasach air ais dhachaigh anns an Dùbhlachd seachd ceud deug, ceathrad ’s a còig (1745) nuair a bha e ann an Derby? Uill, tha fhios gum bi diofar bheachdan air sin. Ach dh’fhaodamaid argamaid a dhèanamh gur e Èireannach – aon duine – a sheas ann an rathad a’ Phrionnsa Theàrlaich is a thug air tionndadh air ais gu tuath. B’ esan Dudley Bradstreet agus ’s e fear-brathaidh a bh’ ann. Bha e ag obair do na Hanoibhèirianaich. Thug esan comhairle do bhuidheann stiùiridh nan Seumasach nach b’ urrainn dhaibh a’ chùis a dhèanamh air feachdan mòra an Rìgh a bha a’ feitheamh riutha. Ach ’s e breug a bh’ aige.
Rugadh is thogadh Bradstreet ann an Èirinn. ’S e Pròstanach a bh’ ann – fear dhen fheadhainn aig an robh buinteanas do Shasainn o shean. Ged a dh’fheuch e ri obair onarach a dhèanamh ann an Èirinn agus Sasainn airson greis, ’s e foill a b’ fheàrr leis. Agus bha e fìor mhath air.
Bha e ann an Lunnainn nuair a chualas gu robh arm a’ Phrionnsa a’ briseadh a-mach à Alba is a’ dèanamh air Sasainn. Bha eagal air muinntir Lunnainn ro na Seumasaich agus bha am prìomh bhaile air bhoil. Bha daoine a’ tarraing an cuid airgid bhon bhanca, bha bùthan a’ dùnadh agus bhathar ag aithris gu robh an Rìgh a’ dèanamh deiseil airson teicheadh.
’S ann aig an àm ud a chaidh Dudley Bradstreet a bhruidhinn ri Rùnaire Diùc a’ Chaisteil Nuaidh – am fear a bha an urra ri tèarainteachd na rìoghachd. Thabhainn e obair a dhèanamh don riaghaltas mar fhear-brathaidh. An toiseach, chaidh iarraidh air faighinn a-mach dè an seasamh a bh’ aig an luchd-obrach Èireannach a bha a’ fuireach ann an Lunnainn. An robh iad airson no an aghaidh an riaghaltais?
An uair sin ghluais e am measg feadhainn a bha taiceil do na Seumasaich, agus fhuair e a-mach mu phlana airson Tùr Lunnainn a ghabhail thairis. An dèidh sin, chaidh a chur don phrìosan gus gum faigheadh e a-mach bho phrìosanaich eile mu phlana sam bith airson na Seumasaich a chuideachadh.
Nuair a ràinig am Prionnsa Teàrlach Manchester, chuir Bradstreet beachd-smuain ùr mu choinneimh Diùc a’ Chaisteil Nuaidh. Bha e airson a dhol am measg nan saighdearan Seumasach agus am brosnachadh gus ar-a-mach a dhèanamh an aghaidh an ceannardan. Thug an Diùc cead dha rudeigin a dhèanamh airson maill a chur air an arm, agus thug e ceud not dha.
Cheannaich Bradstreet deise spaideil de sheòrsa a bhiodh aig fear beartach. Rinn e tiomnadh, eagal ’s nach tilleadh e, agus chuir e ainm ùr air fhèin – “Oliver Williams”. Dh’fhàg e Lunnainn ann an coidse air an oidhche air an dàrna là dhen Dùbhlachd. Nuair a ràinig e Lichfield, sia mìle deug bho Derby, thachair e ri Diùc Richmond. Dh’innis an Diùc dha gu robh dùil air Diùc Chumberland an ceann ùine gun a bhith fada.
Stad Bradstreet ann an Lichfield, a’ feitheamh ri Cumberland. Nuair a choinnich iad, mhol Bradstreet gun sgriosadh an Diùc an rathad eadar Derby is Northampton gus an gabhadh na Seumasaich rathad eile gu deas. Bhiodh saighdearan an riaghaltais a’ feitheamh riutha air an rathad sin. Dh’èist Cumberland ris is an uair sin dh’iarr e air Bradstreet dèanamh air arm nan Seumasach airson dàil dusan uair a thìde a chur air. Aig ceithir uairean feasgar, dh’fhalbh Bradstreet air muin eich.
Mus do ràinig e Derby thachair e ri saighdearan Seumasach agus thug e tastan do gach duine aca. Carson? Uill, innsidh mi sin dhuibh – agus na thachair dha ann an Derby – anns an ath Litir.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chànain na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.