
08/04/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 301
Duration: 05:26
Litir 301: Ge h-olc am bothan bochd, ’s e a tha olc a bhith gun olc
Tha mi dìreach air a bhith a’ coimhead air map de sgìre air a’ Ghàidhealtachd far nach eil daoine a’ fuireach an-diugh, a’ coimhead airson cheàrnagan beaga a dh’innseadh dhomh gu bheil bothan ann. Tha e math a bhith a’ campachadh sna beanntan ann an deagh shìde ach, ann an droch shìde, tha e nas cofhurtaile oidhche a chur seachad ann am bothan. Eadhon ged a bhiodh e grànda, salach.
’S iomadh trup a dh’fhaodainn aontachadh ris an t-seanfhacal: Ge h-olc am bothan bochd, ’s e a tha olc a bhith gun olc ’s gun mhath. Is fheàrr rudeigin truagh a bhith agad na bhith as aonais, ’s dòcha. Ge h-olc am bothan bochd, ’s e a tha olc a bhith gun olc ’s gun mhath.
Is iongantach an dualchas a tha co-cheangailte ri bothain na h-Alba oir anns an t-seann aimsir ’s e dachannan a bh’ annta. Bha mi ann am fear an-uiridh a bha còrr is ceud bliadhna a dh’aois, is a chaidh a thogail le teaghlach de Dhòmhnallaich. Bidh sliochd an teaghlaich sin a’ tilleadh à Sasainn as t-samhradh gach bliadhna airson fuireach anns an taigh anns an robh an sinnsirean a’ fuireach. Chuir mi seachad an oidhche ann agus bha e uabhasach sàmhach sìtheil na bhroinn. Ged a bha mi a’ leughadh stòiridhean mu thaibhsean mus deach mi innte, cha robh droch aisling sam bith agam.
Ach tha cuid de bhothain ann far a bheil daoine ag aithris gum bi rudan fìor annasach a’ tachairt. B’ e fear dhiubh sin bothan nach eil ann an-diugh – seann Loids na Beithneig ann an ceann shuas Ghleann Teilt ann an Athall. Sgrìobh ceannard aig còmhlan de Scouts à Pàislig mu dheidhinn na thachair dhaibh sa bhothan ann an naoi ceud deug caogad ’s a h-ochd (1958).
Bha an togalach a’ tuiteam às a chèile agus cha robh ach aon seòmar air fhàgail ann a bha dìonach. Ach bha an talamh a-muigh bog fliuch agus bha a’ bhuidheann toilichte a bhith ann an àite tioram. Air aon bhalla bha sgeilp ann, air an robh botail is canaichean. Bha na balaich a’ gabhail srùpag nuair a thuit – gu h-obann is gun rabhadh - botal falamh, anns an robh coinneal. Bha am botal briste ann an loidhne dhìreach ceithir òirlich os cionn a bhuinn. Bha na balaich dhen bheachd gu robh sin annasach dha-rìreabh.
An uair sin, thuit seann chana meargach don làr far na sgeilp. Choimhead na balaich air an sgeilp às an tàinig e, agus iad dhen bheachd gun deach a phutadh thairis le ainmhidh beag air choreigin. Ach anns an duslach air an sgeilp cha robh comharra sam bith ann gu robh dad beò air a bhith ann. Bha cearcall slàn anns an duslach far an robh an cana roimhe ach cha robh càil eile air an duslach a bhriseadh. Agus bha deich òirlich eadar an cearcall sin agus oir na sgeilp. Chan e sin a-mhàin ach bha cana eile air an sgeilp agus cha robh sin air gluasad idir.
An uair sin dh’fhosgail uinneag bheag leatha fhèin gun ghaoth ga putadh, agus rinn i brag air a’ bhalla. B’ e sin e do na Scouts. Bha an t-eagal orra. Theich iad às an togalach agus champaich iad a-muigh, pìos beag air falbh. Bha iad dhen bheachd gu robh taibhse no bòcan a’ fuireach ann, dhen t-seòrsa ris an can sinn bòcan ùpraideach. Cha chreid mi gum bi e ann an-diugh, ge-tà, oir chan eil sgeul air a bhothan tuilleadh. Tha e air tuiteam às a chèile buileach agus is iongantach mura h-eil am bòcan air a dhol à bith leis.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chànain na seachdaine
Seanfhacal na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.