
29/04/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 304
Duration: 05:13
Litir 304: Teachdaire an t-Sluaigh
Tha naidheachdan sean agus nuadh
Gan sgaoileadh gach seachdain mun cuairt,
’S gach uile nì thachair an Alba no ’n Sasainn
Gan leughadh air feadh an taoibh tuath.
’S e Teachdaire an t-Sluaigh a bh’ ann
’S e Teachdaire an t-Sluaigh a bh’ ann
’S e Teachdaire an t-Sluaigh a thàinig thar chuan
Tha naidheachdan luachmhor ann.
Tha mi an dòchas gun do chòrd a’ chriomag sin de bhàrdachd ribh. Tha i à òran a chaidh a sgrìobhadh còrr math agus seachdad bliadhna air ais. Ach tha ceist agam dhuibh – càite an robh i air a sgrìobhadh, agus dè th’ ann an Teachdaire an t-Sluaigh? Uill, anns a’ chiad dol a-mach, chaidh a sgrìobhadh thall thairis – oir anns an t-sèist, tha an t-ùghdar ag ràdh “a thàinig thar chuan”. Chaidh an Teachdaire a dhèanamh ann an Alba, ach chaidh an t-òran a sgrìobhadh thall thairis – ann am Brisbane ann an Astràilia.
B’ e ùghdar an òrain Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain. Bhuineadh Iain do Gheàrrloch ach chaidh e a dh’fhuireach ann an Astràilia. Fhad ’s a bha e thall, sgrìobh e mòran duanagan is sgeulachdan goirid ann an Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh ann an cruth leabhair.
’S e Teachdaire an t-Sluaigh an dreach Gàidhlig a chuir Iain air iris air am bi cuid gu math eòlach – The People’s Journal. Là a bha seo, bha Iain a’ coiseachd air Sràid Sheòrais ann am Brisbane nuair a chunnaic e – mar a sgrìobh e fhèin – “comharradh ceannaiche” air bùth. B’ e sin sanas le ainm fear na bùtha air. Agus ’s e an t-ainm a’ bh’ air “W. Cameron”.
“Horò,” ars’ Iain ris fhèin, “’s e fear Gàidhealach a tha seo.” Bha Iain a-riamh toilichte coinneachadh ri daoine eile ris am bruidhneadh e ann an Gàidhlig. Sheall e ris an uinneig agus dè chunnaic e air an taobh thall dhith ach lethbhreac de Theachdaire an t-Sluaigh. ’S e a bha toilichte oir b’ àbhaist dha a bhith a’ faighinn a’ phàipeir sin an-dràsta ’s a-rithist bho charaid aige. Bha mòran naidheachdan ann às a’ Ghàidhealtachd ann am Beurla agus bha oisean Gàidhlig ann a bharrachd.
Chaidh Iain a-steach don bhùth agus dh’fhaighnich e de dh’fhear na bùtha an robh am pàipear sin aige ri reic. Thuirt am fear eile gu robh. An uair sin, dh’fhaighnich Iain dhen fhear eile an ann às a’ Ghàidhealtachd a thàinig e, agus fhreagair e gur ann.
“Tha Gàidhlig agaibh, a-rèist,” ars’ Iain.
“Tha gu leòr,” fhreagair fear na bùtha. Agus rug iad air làimh air a chèile. Mar a tha Iain ga aithris – “chaidh an còmhradh air adhart anns a’ chànan as sine agus as binne a bha riamh air an t-saoghal.”
’S ann às dèidh sin a sgrìobh Iain an t-òran mu Theachdaire an t-Sluaigh. Seo pìos a bharrachd bhon òran – dà rann agus sèist airson crìoch a chur air Litir do Luchd-ionnsachaidh an-diugh:
’S e oisean na Gàidhlig tha binn
Toirt eòlais air bàrdachd nan glinn
’S ag innse’ anns gach àite gun labhair sibh Gàidhlig
’S nach leig sibh gu bràth i air dhìth
Chan eil sgeulachd a chuala sibh riamh
Sna siorrachdan tuath agus siar,
Nach eil sgoilearan Gàidhlig gan cur anns a’ phàipear,
Co-dhiù tha iad breugach no fìor!
’S e Teachdaire an t-Sluaigh a bh’ ann
’S e Teachdaire an t-Sluaigh a bh’ ann
’S e Teachdaire an t-Sluaigh a thàinig thar chuan
Tha naidheachdan luachmhor ann.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chànain na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.