
06/05/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 305
Duration: 05:31
Litir 305: Miss Rees
An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mu Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain ann am Brisbane, agus mar a fhuair e lorg air lethbhreac de Theachdaire an t-Sluaigh ann am bùth sa bhaile sin. Uill, oidhche bha seo, bha Iain aig cèilidh ann am Brisbane agus dh’iarr fear an taighe air a h-uile duine a bha an làthair rann no òran a ghabhail, no sgeulachd innse, air peanas bonn airgid a phàigheadh. Cha robh bonn sam bith aig Iain na phòcaid agus cha b’ urrainn dha seinn, no sgeulachd innse, ach ann an Gàidhlig. Is cha robh e an dùil gu robh aon duine an làthair aig an robh Gàidhlig.
Cha ghabhadh fear an taighe ri leisgeul agus cha robh dol-às aige. Thàinig rann beag do chuimhne – rudeigin a leugh e ann an Teachdaire an t-Sluaigh. Agus seo e:
Bha bodach am Bail’ Obair Pheallaidh
’S a thaigh air a thughadh le bealaidh,
Ach dh’èirich gaoth gheur,
’S bha an tughadh san speur,
’S thuirt a’ chailleach ‘ho-rè’, dèan taigh-geal dheth’!
Tha mi an dòchas gu bheil sibh ga thuigs’. Leis gun do dh’fhalbh an tughadh, b’ fheudar don bhodach, tha mi cinnteach, sglèatan a chur air mullach an taighe, is taigh-geal a dhèanamh de thaigh-dubh.
Bha bodach am Bail’ Obair Pheallaidh
’S a thaigh air a thughadh le bealaidh,
Ach dh’èirich gaoth gheur,
’S bha an tughadh san speur,
’S thuirt a’ chailleach ‘ho-rè, dèan taigh-geal dheth’!
Mar a thachair, bha duine san èisteachd aig an robh beagan Gàidhlig – fear aig an robh pàrantan às an Eilean Sgitheanach. Aig an àm ud, bha mòran ann an Astràilia aig an robh an cànan, gu seachd àraidh sna puirt-mhara, agus air bòrd nan long a bha a’ seòladh a’ chuain.
Nuair a bha Iain agus a bhean suas ann am bliadhnaichean, roghnaich iad turas dhachaigh a ghabhail a dh’Alba air bòrd luinge. Fhuair Iain a-mach gu sgiobalta gu robh grunnan dhen chriubha aig an robh Gàidhlig – triùir às an Eilean Sgitheanach, còignear à eileanan eile agus fear à Àrasaig. Bha fear-riaghlaidh a’ phuirt ann an Hobart (dhan deach iad an toiseach) à Geàrrloch, agus thachair Iain ri feadhainn ann am Melbourne aig an robh Gàidhlig cuideachd. Cha do ghabh e sùim sam bith de dh’Adelaide, ge-tà, oir cha b’ aithne dha aon duine anns a’ bhaile sin a bhruidhneadh ris na chànan fhèin!
Nuair a bha iad ann an sgìre Gheàrrloch bha iad a’ fuireach ann am Poll Iùbh. Bha mòran air atharrachadh anns a’ bhaile thairis air an ùine a bha Iain air a bhith ann an Astràilia. Bha na bàtaichean-smùid air sgur de bhith a’ tadhal air, agus cha robh muileann ann tuilleadh. Ach bha aon rud math ann. B’ e sin a’ bhan-lighiche, Miss Rees, air an robh na daoine uabhasach measail. Rinn i leigheas air tinneas a bha a’ bualadh air Iain fhèin, agus sgrìobh e òran dhi. Seo trì rannan dheth:
Thàinig lighiche beag don taobh tuath,
Tha anabarrach sgileil mun t-sluagh,
Chan eil tinneas no galar nach teich às a’ bhaile
Nuair a chithear a faileas mun cuairt.
Nach fhaic sibh na bodaich à Blàir,
Iain Mollach ’s an ‘Ram’ is càch,
Chan eil siataig nan casan no pian anns an stamaig,
Bhon a thàinig a’ chaileag don àite.
Ged a bhiodh an là fliuch agus fuar,
Bidh an lèigh gach madainn mun cuairt,
Cur iocshlaintean fallain an creuchdan nan cailleach,
Gan cumail air ais às an uaigh!
Sin e bhuamsa an t-seachdain seo. Beannachd leibh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Abairtean na seachdaine: cha b’ urrainn dha seinn ach ann an Gàidhlig: he could only sing in Gaelic; cha robh e an dùil gu robh aon duine an làthair: he didn’t think there was anybody present; thàinig rann beag do chuimhne: a short verse came to [his]mind; air a thughadh le bealaidh: thatched with broom; dèan taigh-geal dheth: make it into a white house [ie non-thatched]; suas ann am bliadhnaichean: at a good age; cha do ghabh e sùim sam bith de X: he didn’t think much of X; cha b’ aithne dha aon duine: he didn’t know one person; bha na bàtaichean-smùid air sgur de bhith a’ tadhal air: the steamboats had stopped calling there; [a’] cur iocshlaintean fallain an creuchdan nan cailleach: putting healthy remedies in the old women’s wounds; gan cumail air ais às an uaigh: keeping them out of the grave.
Puing-chànain na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.