
20/05/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 307
Duration: 05:33
Litir 307: Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain
Anns na beagan seachdainean a dh’fhalbh tha mi air a bhith ag innse dhuibh mun sgrìobhadair, Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain, no Iain MacIllInnein. Bha Iain a’ fuireach ann an Astràilia. Bha e na bhàrd don Chomunn Ghàidhealach ann am Brisbane. Rugadh e ann an Geàrrloch agus ’s e Gàidhlig a bh’ aige mar chiad chànan. Agus bha e a-riamh gu math measail air a’ chànan aige.
Ged a bha Iain math air sgrìobhadh, cha robh e na sgoilear. Nuair a bhiodh rudeigin cudromach a dhìth air Comunn Gàidhealach Bhrisbane ann an Gàidhlig, dh’fheumadh iad dhol gu sgoilear. B’ e fear dhiubh sin, am ministear ann an Liosmòr ann an ceann a tuath Cuimrigh Nuaidh a Deas, an t-Urramach Ailean MacIlp, a bhuineadh do dh’Uibhist a Tuath.
Ach, ged nach robh Iain na sgoilear, bha e fìor mhath air duanagan is òrain bheaga a sgrìobhadh. Bu toigh leam crìoch a chur air na Litrichean mu dheidhinn le dàn eile aige. Agus saoilidh mi gu bheil am pìos seo gu math iomchaidh do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. ’S e an tiotal a th’ air “A’ Labhairt na Gàidhlig Rium Fhìn”.
Nise, tha mi air a bhith ag ràdh ri luchd-ionnsachaidh airson bliadhnaichean gum bu chòir dhaibh Gàidhlig a labhairt riutha fhèin cho tric ’s as urrainn. A’ gabhail fras, anns a’ chàr, a’ coiseachd a’ mhonaidh, air beulaibh sgàthan…. àite sam bith sa bheil cothrom aca.
Agus chan e labhairt a-mhàin. Dh’fhaodadh iad seinn. Tha e math do dhuine sam bith òrain ionnsachadh, eadhon mura h-eil iad math air seinn. Seo a-nise sèist an òrain seo:
Seinn, seinn, seinnidh mise a’ Ghàidhlig
Seinn, seinn, seinnidh mi dhomh fhìn,
Bho nach cluinn mi nise fuaim aig a’ mhuinntir tha mun cuairt,
Seinn, seinn, seinnidh mi dhomh fhìn.
Carson a sgrìobh Iain an t-òran seo? Uill, bha e a’ fuireach ann an àite far nach robh Gàidhlig aig mòran. Agus chum an cànan ceangal na inntinn don dùthaich dham buineadh e. Seo a’ chiad rann dhen òran:
Nuair a labhras mi rium fhìn anns a’ Ghàidhlig laghach, ghrinn,
Bidh mi ann am bruadar anns na glinn,
Chì mi Ruairidh Mòr MacLeòid is a nighean ghasta, chòir,
Seinn sa chànan sheòghn gu ceòlmhor binn.
Seinn, seinn, seinnidh mise a’ Ghàidhlig
Seinn, seinn, seinnidh mi dhomh fhìn,
Bho nach cluinn mi nise fuaim aig a’ mhuinntir tha mun cuairt,
Seinn, seinn, seinnidh mi dhomh fhìn.
Agus seo agaibh dà rann eile:
Ged a chaidh mi fad’ thar chuan, cha do thilg mi Ghàidhlig uam,
’S tric a thog i m’ aigne suas air muir is tìr,
Dlùth ri glùn mo mhàthar chaomh, nam leanaban tùsail maoth,
’S i Ghàidhlig mhodhail chiùin a dh’ionnsaich mi.
Tha i nise mòran aois, ’s i bh’ aig Adhamh measg nan craobh,
Fhuair i urram àrd an iomadh tìr,
A’ tighinn tarsainn na Roinn-Eòrp’, chùm na Gàidheil ise beò,
’S i bh’ aig Calum còir an Eilean I.
Uill, sin e a thaobh bàrdachd Iain Duibh. Ach tha ceist agam dhuibh mun sgìre anns an do thogadh Iain – Geàrrloch. Dh’fhaighnich fear dhìom turas (bha e a’ bruidhinn ann am Beurla), an robh mi eòlach air sgìre Gheàrrloch. Thuirt mi gu robh, rud beag co-dhiù. Uill, dh’fhaighnich e, “ciamar a tha measan tropaigeach a’ fàs ann?”
“Measan tropaigeach?” thuirt mi.
“Seadh,” fhreagair e, “tha tri melons ann.”
“Trì melons?!” thuirt mise.
“Gu dearbh,” thuirt am fear eile, “Mellon Charles, Mellon Udrigle agus Mellangaun.”
Uill, ’s e a’ cheist a th’ agam dhuibhse – carson a tha na “melons” seo air a’ mhap? Dè tha iad a’ ciallachadh? Innsidh mi dhuibh an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Abairtean na seachdaine: na beagan seachdainean a dh’fhalbh: the past few weeks; cha robh e na sgoilear: he wasn’t a scholar; Liosmòr ann an ceann a tuath Cuimrigh Nuaidh a Deas: Lismore in northern New South Wales; an t-Urramach Ailean MacIlp, a bhuineadh do dh’Uibhist a Tuath: Rev. Allan Mackillop, who belonged to North Uist; A’ Labhairt na Gàidhlig Rium Fhìn: Speaking Gaelic to Myself; gum bu chòir dhaibh Gàidhlig a labhairt riutha fhèin: that they should speak Gaelic to themselves; cho tric ’s as urrainn: as often as possible; àite sam bith sa bheil cothrom aca: any place they have an opportunity; chan e labhairt a-mhàin: not only speaking; seinnidh mi dhomh fhìn: I will sing to myself; bho nach cluinn mi nise fuaim: since I won’t now hear a noise; aig a’ mhuinntir [a] tha mun cuairt: from [at] the people who are around; chum e ceangal na inntinn don dùthaich dham buineadh e: it maintained a link in his mind to the country to which he belonged; seinn sa chànan sheòghn gu ceòlmhor binn: singing melodiously in the superlative language; cha do thilg mi Ghàidhlig uam: I didn’t throw Gaelic from me ie I didn’t discard it; glùn mo mhàthar chaomh: my tender mother’s knee; nam leanaban tùsail maoth: when I was a tiny soft baby.
Puing-chànain na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.