
08/07/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 314
Duration: 06:05
Litir 314: Èirig Fhinn
Halo a-rithist. Tha sinn a’ leantainn leis an t-seann sgeulachd Èirig Fhinn. Bha am fear beag ìosal lapanach ann an Rìoghachd nam Fear Mòra. Bha Fionn agus a thriùir cho-dhaltan air a dhol dhachaigh. Chuala am fear beag bho na bràithrean mu rèiseamaid shaighdearan agus mar a bhiodh cailleach le stopan draoidheil gan toirt beò a-rithist.
“An tig ach sin?” thuirt am fear beag.
“Thig rèiseamaid eile,” thuirt fear de na bràithrean ris. “Bidh cluicheadairean clàrsaich air an ceann. Cuiridh iadsan nad chadal thu.”
“An tig ach sin?” thuirt am fear beag.
“Thig bodach mòr,” thuirt bràthair eile. “Marbhaidh e thu, mura cum thu cath oidhche ris.”
“An tig ach sin?” thuirt am fear beag a-rithist.
“Thig cailleach mhòr mhòr,” thuirt an treas bràthair. “Ma gheibh i faisg ort, marbhaidh a h-anail thu.”
“An tig ach sin?” thuirt am fear beag.
“Cha tig duine eile,” fhreagair na bràithrean. Agus dh’fhalbh am fear beag.
Nuair a ràinig e an t-àite, chunnaic e rèiseamaid a’ tighinn. Chaidh e am falach. Chaidh na saighdearan seachad. Chaidh am fear beag air an cùlaibh agus mharbh e a h-uile fear aca. Thàinig a’ chailleach an uair sin. Bha stopan draoidheil aice. Laigh am fear beag am measg nan daoine marbh, mar gu robh e fhèin marbh.
Chuir a’ chailleach corrag anns an stopan. Chuir i a corrag ann am beul fear de na saighdearan, agus dh’èirich e beò. Chuir i a corrag ann am beul an fhir bhig. Thug esan a corrag dhith bho na rùdanan, le fhiaclan. Leig a’ chailleach glaodh. Leum am fear beag gu chasan agus gheàrr e dheth ceann an t-saighdeir agus ceann na cailliche.
Thàinig an rèiseamaid eile de shaighdearan. Bha cluicheadairean clàrsaich air an ceann. Thàinig sgìths uabhasach air an fhear bheag. Airson a chumail fhèin na dhùisg, chuir e ceann a’ chlaidheimh ri chois agus bàrr a’ chlaidheimh ri bhathais. A h-uile turas a bha an cadal a’ tighinn air, chum a chlaidheamh na dhùisg e. Nuair a chaidh na saighdearan seachad air, leum e a-mach orra agus mharbh e iad.
Bha aige ri feitheamh ris a’ bhodach mhòr. Rinn e toll domhainn anns an talamh. Thuit am bodach ann agus gheàrr am fear beag a cheann dheth.
An uair sin thàinig a’ chailleach mhòr mhòr. Nuair a bha i faisg air, bha a h-anail ga laigeachadh. Bha iad a’ sabaid le chèile fad na h-oidhche. Aig briseadh an là, dhùisg na bràithrean. Chaidh iad a-mach don àite far an robh am fear beag is a’ chailleach mhòr mhòr a’ sabaid.
“Cuir thusa do mheur anns an stopan,” thuirt am fear beag ri fear de na bràithrean, “agus cuir nam bheul e.” Rinn am bràthair sin agus gheàrr am fear beag ceann na cailliche mòire dhith. Thug na bràithrean am fear beag dhachaigh leotha air an guailnean.
Bha iad a’ fuireach còmhla airson ùine gu dòigheil. Ach là a bha seo bha am fear beag ìosal lapanach a-muigh air chuairt anns a’ mhonadh. Chunnaic e dubharadh froise a’ tighinn às an àird an iar-thuath. Às a sin thàinig marcaiche steud dhuibh. Thug am marcaiche ionnsaigh chruaidh air an fhear bheag. Tharraing am fear beag a chlaidheamh agus … uill, innsidh mi dhuibh dè thachair nuair a chuireas mi crìoch air an sgeulachd an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chànain na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.