
22/07/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 316
Duration: 06:04
Litir 316: Androcles agus an Leòmhann
Tha e iongantach cho tric ’s a tha am facal “Spion” a’ nochdadh ann an ainmean-àite air feadh an t-saoghail. Bidh fios agaibh, ’s dòcha, gu bheil am facal Gàidhlig spìon a’ ciallachadh “a’ tarraing rudeigin à-mach”. Mar eisimpleir, ma bheir sinn rùsg bho chaora le bhith a’ tarraing na clòimhe dhith, an àite a bhith a’ gearradh na clòimhe le deamhais, canaidh sinn gu bheil sinn “ga spìonadh”.
Bhithinn a’ marbhadh is a’ spìonadh chearc nuair a bha cearcan agam. Cha do chòrd e rium idir. Ach ’s e an aon spìonadh a bhios mi a’ dèanamh an-diugh – spìonadh nan luibhean anns an leas. Chan eil sin a’ còrdadh rium nas mò!
’S e aon dòigh airson “eradicate” a ràdh ann an Gàidhlig – spìon às a’ bhun. Spìon às a’ bhun. Ach chan eil sin ag obair leis na luibhean anns an leas. Faodaidh mi an spìonadh às a’ bhun, ceart gu leòr, ach chan fhaigh mi cuidhteas iad a-chaoidh! Chan e eradication a bhios ann idir!
Anns a’ Mhonadh Ruadh tha cnoc creagach ann a tha ainmichte air a’ mhap mar Spion Rocks. Am measg nan ainmean Gàidhlig a tha timcheall air, mar Coire Ruairidh, Cnap Leum an Easaich agus Leacann a’ Bhothain Dhuibh, tha an t-ainm Beurla seo ann – Spion Rocks.
Dè thachair ann? An robhar a’ spìonadh chearc-fraoich ann? An robhar a’ spìonadh clòimhe chaorach ann? No an robhar a’ spìonadh fraoch airson a thoirt dhachaigh? Uill, cha chreid mi gu robhar a’ spìonadh rud sam bith. Cha chreid mi gur ann às a’ Ghàidhlig a thàinig Spion ann an Spion Rocks.
Is iomadh àite ann an Iompaireachd Bhreatainn anns an do nochd an t-ainm Spion tràth san fhicheadamh linn, oir thàinig saighdearan dhachaigh bhon chogadh ann an Afraga a Deas. Anns an Fhaoilleach anns a’ bhliadhna naoi ceud deug (1900), bha blàr fuilteach ann an àite air a bheil Spion Kop. Rinn na Boers a’ chùis air na Breatannaich ann a sin. An là an-diugh, tha Spion agus Spion Kop a’ nochdadh mar ainmean-àite ann am mòran dùthchannan. Tha bailtean ann an sgìrean cho fad’ air falbh o chèile ri meadhan Shasainn agus Cuimrigh Nuadh a Deas air a bheil “Spion Kop” mar ainm.
Bidh sibh eòlach, ma tha ùidh agaibh ann am ball-coise, air aon cheann de stadium sgioba Liverpool air a bheil “The Kop”. ’S e “The Spion Kop” a bh’ air o shean.
’S e ainm Afrikaans a th’ ann an Spion Kop. Tha e a’ ciallachadh “cnoc-faire”.’S e sin àite far am faighear sealladh dhen dùthaich timcheall. Cnoc-faire. Dh’ainmich na voortrekkers e ann an ochd ceud deug, trithead ’s a còig (1835).
Chan eil mi cinnteach dè cho tric ’s a chunnaic na voortrekkers leòmhainn. Ach tha leòmhainn gu cinnteach ann am pàirtean de dh’Afraga a Deas. A bheil cuimhne agaibh air an t-seann sgeulachd anns a bheil an leòmhann agus an tràill? Bha iad còmhla ann an raon-sabaid. Gu h-iongantach cha do mharbh an leòmhann an tràill. Carson? Bha e ga aithneachadh. Chuidich an tràill an leòmhann roimhe. ’S e Androcles an t-ainm a bh’ air an tràill. Bha e air droigheann a thoirt a-mach à spòg an leòmhainn. Bha e air an droigheann a spìonadh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chànain na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.