
26/08/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 321
Duration: 05:41
Litir 321: Buidheann Cheilteach ann an California
Tha ceud bliadhna air a dhol seachad am-bliadhna bho chaidh buidheann Cheilteach a chur air chois ann an California. ’S e an t-ainm a bh’ air The Celtic Club of Los Angeles. Chaidh a stèidheachadh ann an naoi ceud deug ’s a còig (1905).
Bha an fheadhainn a chruthaich an cluba a’ cumail a-mach gum b’ e a’ chiad bhuidheann phan-Cheilteach air an t-saoghal. Bha iad a’ cur fàilte air daoine aig an robh ùidh ann an cultar nan dùthchannan Ceilteach gu lèir – Alba, Èirinn, A’ Chuimrigh, A’ Chòrn, Eilean Mhanainn agus A’ Bhreatainn Bheag.
’S e fear à Alba, Calum MacLeòid, agus fear à Èirinn, John McGroarty, a stèidhich an cluba. Am measg nan aoighean a bh’ aca aig toiseach gnothaich bha Dùbhghlas Hyde – sgoilear Gàidhlig Èireannach. An ceann greis, bhiodh e na chiad Cheann-suidhe de Phoblachd na h-Èireann. Chan eil fhios agam a bheil an cluba fhathast a’ dol. Tha amharas agam nach eil.
Chuala mi naidheachd èibhinn turas mu fhear Èireannach ann an California. Cha b’ ann an Los Angeles a bha e ach ann an San Francisco. Bha buidheann de luchd-turais eadar-nàiseanta a’ siubhal ann am bus air feadh stàitean taobh an iar Ameireagaidh. ’S e Beurla an cànan a bh’ aca anns a’ chumantas.
’S e fear Èireannach a bha gan stiùireadh. Là a bha seo, chuir fear dhen luchd-turais ceist air an Èireannach: “A bheil Gaeilge agaibh?” Gun smaoineachadh cus, fhreagair an t-Èireannach, “Tha gu leòr.” Bha fios aige nach robh Gàidhlig sam bith aig duine air bòrd a’ bhus. Ge-tà, chan e an fhìrinn a bh’ aige. Bha e air Gàidhlig na h-Èireann ionnsachadh san sgoil, ach cha robh mòran dhith aige tuilleadh. ’S dòcha dìreach ùrnaigh no dhà.
Aig a’ cheann thall, ràinig iad San Francisco. Chaidh iad a-steach gu taigh-seinnse faisg air a’ phort. Agus fhuair fear dhen luchd-turais a-mach gur ann à Èirinn a bha fear dhen luchd-obrach. “A bheil Gaeilge agaibh?” dh’fhaighnich e dhen Èireannach.
“Tha gu leòr,” fhreagair an t-Èireannach. Agus ’s e an fhìrinn a bh’ aigesan. Bha a’ Ghàidhlig aige mar chiad chànan.
“Thig don bhòrd againn, ma-thà,” thuirt am fear-turais. “Tha mi airson còmhradh a chluinntinn ann an Gàidhlig na h-Èireann.”
Chaidh am fear Èireannach a-null don bhòrd, far an robh fear-stiùiridh an luchd-turais. “Siuthadaibh!” thuirt am fear-turais. “Bruidhnibh ri chèile ann an Gaeilge.” Is iongantach mura robh eagal air an fhear bhreugach!
Mus d’ fhuair fear an taigh-sheinnse cothrom dad a ràdh, thuirt fear a’ bhus, “Ar n-Athair a tha air nèamh, gun naomhaichear d' ainm.” Choimhead am fear fileanta air mar gur e
amadan a bh’ ann. Ach an uair sin, thuig e plòigh an duine eile. “Gun tigeadh do rìoghachd,” fhreagair e. “Gun dèanar do thoil air thalamh, mar a nithear air nèamh.”
“Thoir dhuinn an-diugh ar n-aran làitheil,” thuirt a’ chiad fhear.
“Agus math dhuinn ar fiachan,” fhreagair am fear eile. Agus lean an còmhradh mar sin. Bha an luchd-turais sàsaichte gu robh Gàidhlig mhath aig an dithis.
“Agus a’ ghlòir, gu sìorraidh,” thuirt fear a’ bhàir mu dheireadh mus do leig e soraidh slàn leotha. Agus chun an là an-diugh tha e coltach nach eil fios aig an luchd-turais gur ann ag aithris Ùrnaigh an Tighearna a bha an dithis, ’s nach b’ e còmhradh ceart a bh’ ann idir!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chànain na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.