
02/09/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 322
Duration: 05:49
Litir 322: Ceòl cadail
Chan fhaigh duine againn cadal math ma tha fuaim ann nach còrd rinn. Ach chan eil sin fìor mu dheidhinn a h-uile fuaim. Ma tha thu a’ campachadh, cluinnidh tu a h-uile càil a tha a’ dol. Ma tha caoraich a’ mèilich no ma tha coileach a’ gairm, no ma tha do chompanach a’ dèanamh srann, chan fhaigh thu cadal math. Ach ma tha thu ri taobh uisge a tha a’ gluasad, chan ann mar sin a tha e. Gheibh thu cadal fìor mhath mar as trice.
Tha e gu h-àraidh furasta cadal fhaighinn ri taobh allt no eas. No an cois na mara. Eadhon ma tha an t-uisge ann, tha e furasta gu leòr cadal fhaighinn. Fhad ’s nach eil uisge ag ao-dion a-steach don teanta co-dhiù!
’S e ceòl cadail a tha sinn ag ràdh ri a leithid de dh’fhuaim. Ceòl cadail. Seo agaibh abairt à Beàrnaraigh Na Hearadh: ’S math an ceòl cadail e, uisge bragadaich air àirigh. ’S math an ceòl cadail e, uisge bragadaich air àirigh. Tha sin brèagha, nach eil?
Ann an dòigh tha an abairt seo car annasach. Anns a’ chuid as mò de bhothain-àirigh bhiodh am mullach air a dhèanamh de sgràthan agus fraoch no cuilcean. Agus cha chluinneadh tu mòran am broinn bothan mar sin. Cha dèanadh na boinnean uisge fuaim mòr sam bith air a’ mhullach. Cha bhiodh uisge a’ bragadaich idir air bothan-àirigh àbhaisteach. Ach buinidh an abairt seo do mhuinntir Bheàrnaraigh. Feumaidh gu robh rudeigin eadar-dhealaichte mu na bothain-àirigh acasan.
Agus bha. Bha an t-eilean ro bheag airson àirighean a bhith ann. Ach bha àirighean aig na h-eileanaich air eileanan eile ann an Caolas Na Hearadh eadar Na Hearadh is Uibhist – eileanan a bha gun sluagh. Leis gun deach iad a-null ann an eathraichean bha an-còmhnaidh rudeigin aca bhon eathar a dhèanadh mullach dhaibh. Bhiodh seòl aca no cainb-theàrra bhon eathar, agus bhiodh e furasta sin a chur an sàs mar mhullach, thairis air ballachan no tobhtaichean. Agus bidh fios agaibh cho fuaimneach ’s a tha mullach mar sin nuair a tha an t-uisge ann.
Chanadh muinntir Bheàrnaraigh gun cumadh an seòl no cainb-theàrra an t-uisge a-mach ach gun leigeadh e an ceòl a-steach. An ceòl-cadail.
Bhiodh suiridhe gu leòr a’ dol aig an àirigh san t-seann aimsir. Ach cha bhiodh cùisean cho furasta do chupallan òga nuair a bha iad air ais aig baile. Cha robh càraichean aca agus bhiodh iad a’ coinneachadh taobh a-muigh nan taighean – ri taobh nan tobhtaichean no air an t-sitig. Le “air an t-sitig” tha mi a’ ciallachadh “taobh a-muigh an taighe”.
Mar a thuigeas sibh, dh’fhaodadh an luchd-suiridhe fàs gu math fuar is fliuch. Gu tric thigeadh an cnatan, no fuachd, orra. Agus tha abairt ann a tha muinntir Bheàrnaraigh a’ cleachdadh airson tarraing à cupallan òga ma tha an cnatan orra no ma tha iad a’ casadaich: Cnatan thobhtaichean is fuachd shitigean.
Tha mi an dòchas nach fhaigh sibh fhèin cnatan thobhtaichean agus nach fhada gus am faigh sibh ceòl cadail air an oidhche.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chànain na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.