
07/10/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 327
Duration: 05:40
Litir 327: Na Leathanaich
Bha mi a’ bruidhinn ri boireannach à Nis ann an Leòdhas o chionn ghoirid agus dh’fhaighnich mi, “Ciamar a tha thu?” “Och uill,” thuirt i, “tha mi ag èirigh ’s a’ gearain ’s a’ cagnadh an arain.” Chòrd sin rium. Tha e a’ ruith gu math, nach eil? Tha mi ag èirigh ’s a’ gearain ’s a’ cagnadh an arain.
’S iomadh adhbhar a th’ againn airson gearain, tha mi cinnteach. ’S dòcha gu bheil sinn airson gearain mun aimsir, mun riaghaltas, mun teaghlach no mun sgioba ball-coise againn. Ach smaoinich air an fheadhainn a tha a’ fulaing ana-ceartas mòr. Tha deagh adhbhar acasan a bhith a’ gearain.
An-diugh tha mi a’ smaoineachadh air an fheadhainn ann an Alba a bha nam “buidsichean” no “bana-bhuidsichean”, agus a dh’fhulaing airson sin. Tha mi a’ ciallachadh feadhainn air an deach casaid a thoirt gu robh iad ri buidseachd.
Ron bhliadhna sia ceud deug, seasgad ’s a dhà (1662), bha buidheann de Leathanaich – sin feadhainn de Chloinn ’ic Illeathain – air a bhith a’ fuireach air Oighreachd Shrath Ghlais. B’ e sin an oighreachd aig ceann-cinnidh nan Siosalach. Aig an àm sin, b’ e fear Alasdair Siosalach an ceann-cinnidh. Chaidh casaid a chur air feadhainn de na Leathanaich – no ’s dòcha a h-uile duine aca – gu robh iad ri buidseachd. Seo mar a thachair e.
Le taic bho na ministearan air an oighreachd aige, thug an Siosalach còig duine deug don eaglais ann an Cnoc Mhoire. Bha iad fo amharas gu robh iad ri buidseachd. ’S e boireannaich a bh’ ann an ceithir-deug aca. Chaidh ceathrar eile a thoirt ann le uachdaran eile. B’ e sin naoi duine deug ann an Eaglais Chnoc Mhoire fo chasaid de bhuidseachd.
Rinn fear MacPheadrais sgrùdadh air a h-uile duine aca. Bha esan air a bhith air feadh Alba, feuch buidsichean is bana-bhuidsichean a chomharrachadh le deuchainn àraidh. Bha prìne fada pràise aige. Bhiodh e an toiseach a’ maolachadh cinn nan daoine. Bhiodh e a’ toirt orra an cuid aodaich a chur bhuapa. Bhiodh e a’ suathadh a làmhan thairis air am bodhaigean (cuimhnichibh gur e boireannaich a bha sa chuid mhòir dhiubh), agus bhiodh e a’ stobadh a’ phrìne aige a-steach annta. Fad an rathaid a-steach. Mura faigheadh an duine lorg air a’ phrìne gu furasta, bhiodh MacPheadrais ag ràdh gur e buidseach no bana-bhuidseach a bh’ ann.
Ma tha sibh air an leigheas deilgneach fhaighinn, tuigidh sibh nach eil e furasta prìne mar sin a lorg annad. Chaidh mòran daoine neo-chiontach a chur gu bàs air sàilleabh na deuchainn’ a bha seo. Agus an là sin ann an Eaglais Chnoc Mhoire, tha e coltach gun do dh’fhàilnich air a h-uile duine, no cha mhòr a h-uile duine, faighinn tron deuchainn.
Bha an Siosalach toilichte. Bha e ag iarraidh gum biodh na Leathanaich a bha seo air an cur gu bàs. Dh’iarr e air a’ Chomhairle Dhìomhair ann an Dùn Èideann leigeil leis coimisean a stèidheachadh airson sùil a thoirt air a’ chùis. Chaidh cead airson sin a thoirt seachad anns an Ògmhios sia ceud deug, seasgad ’s a dhà (1662). Ach cò na buill a bh’ air a’ choimisean? A, uill, an Siosalach fhèin, a bhràthair agus dithis de na co-oghaichean aige. Bha cùisean a’ coimhead gu math dubhach do na Leathanaich. Ach bha cuideigin a’ dol a ghabhail gnothach ris a’ chùis, feuch ceartas fhaighinn dhaibh. Innsidh mi dhuibh cò bh’ ann an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.