Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 329: Clasaichean Gàidhlig

Bha uair ann nuair a bhithinn a’ teagasg na Gàidhlig ann an clasaichean feasgair fo sgeama nàiseanta. Tha mi a’ ciallachadh le “sgeama nàiseanta” gu robhar a’ toirt seachad teisteanas. Bha agam ri cumail ri curraicealam, agus bha aig na h-oileanaich ri deuchainnean a shuidhe. Ach am b’ urrainn dhaibh còmhradh a chumail a dol ann an Gàidhlig? Bha na h-ùghdarrasan teisteanais coma mu dheidhinn sin. Ach cha robh mise.

Bha liosta agam de na sgilean a dh’fheumadh a bhith aig na h-oileanaich a chaidh tron chùrsa. Dh’fheumadh iad a bhith comasach air biadh òrdachadh agus ticead rèile a cheannach ann an Gàidhlig. Uill, chan ann tric a dh’òrdaich mi fhìn biadh ann an Gàidhlig, feumaidh mi aideachadh. Agus dè cho tric ’s a cheannaich mi ticead airson trèana sa chànan? Cha do cheannaich a-riamh. Bidh a’ chuid as mò de Ghàidheil a’ cur seachad am beatha gu lèir, chanainn, gun a bhith a’ ceannach ticead rèile ann an Gàidhlig.

’S e a’ phuing a tha mi a’ dèanamh nach bu chòir cùrsaichean airson mion-chànan mar a’ Ghàidhlig a bhith co-ionann ri cùrsa airson cànan mòr mar Spàinntis no Fraingis. Bhiodh e gu math feumail do dhuine comas a bhith aige ticead trèana a cheannach ann an Spàinntis no Fraingis, oir bidh an sgil sin riatanach ma thèid e do dhùthaich mar an Spàinnt is an Fhraing.

Air an aon dòigh saoilidh mi nach eil leabhraichean de dh’abairtean Gàidhlig stèidhichte air modal airson chànanan cèin cho feumail ri feadhainn a chaidh a sgrìobhadh a dh’aona-ghnothach airson na Gàidhlig. Tha mòran a’ nochdadh annta a tha rudeigin coimheach.

Thàinig leabhar a-mach an-uiridh bhon chompanaidh Geddes and Grosset air a bheil an t-ainm Gaelic Phrasebook. Tha dà rud math mu dheidhinn – a’ phrìs (trì not’ ach sgillinn) agus an t-ùghdar – am fear-naidheachd Sgitheanach, Màrtainn Dòmhnallach, aig a bheil Gàidhlig bhrèagha. Tha mòran rudan ann a tha sìmplidh gu leòr, agus glè mhath do luchd-ionnsachaidh. Mar eisimpleir Càite bheil iuchar an dorais seo? Nach brèagha an là a th’ ann? Agus... Tha mi uabhasach duilich –’s e coigreach a th’ annam...! A, uill, ’s dòcha nach bi am fear mu dheireadh cho feumail, ma tha thu a’ bruidhinn Gàidhlig ri fear-bùtha sna Hearadh!

B’ fheudar do Mhàrtainn teamplaid eadar-nàiseanta a leantainn, oir tha an aon dreach air an leabhran ann an iomadach cànan, agus sin far a bheil na h-annasan a’ nochdadh ann. Chan eil fhios a’m dè cho tric ’s a chanadh tu, chòrdadh bòrd rinn air a’ bharraid no dè th’ ann am marag dhubh? ach tha abairtean eile ann a tha feumail, leithid chan eil airgead gu leòr agam no bha am biadh air leth.

Bha aig Màrtainn ri bhith modhail. Airson the toilet is blocked, sgrìobh e tha na goireasan tachdte. Agus bha aige ri ceist annasach dha-rìreabh a chur ann: bheil neach-treòir le Beurla ann? Chan urrainn dhomh suidheachadh sam bith a chruthachadh nam inntinn nuair a bhiodh an abairt sin gu feum!

Ach dh’fhaodadh an earrann dhen leabhar mu dheidhinn siubhal air bàtaichean-aiseig a bhith feumail oir a rèir Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn, ma bhruidhneas tu ann an Gàidhlig ri fear no tè dhen chriutha a thuigeas an cànan, feumaidh iad freagairt ann an Gàidhlig. Ach saoil am faigheadh tu freagairt onarach do cheist mar am bi am bàta tulgadh cus ri droch shìde?!

Agus – mar a bhiodh dùil – tha an abairt seo ann a bhios gu feum ann an stèisean rèile – bileag shingilte gu Glaschu, ler toil. Bidh na h-ùghdarrasan teisteanais toilichte mu dheidhinn sin!

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: curraicealam: curriculum; teamplaid: template; bàtaichean-aiseig: ferries; Caledonian Mac a’ Bhriuthainn: Caledonian MacBrayne.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: bha uair ann nuair a bhithinn a’ teagasg: there was a time when I would teach; gu robhar a’ toirt seachad teisteanas: that a certificate was granted; coma mu dheidhinn sin: indifferent to that; na sgilean a dh’fheumadh a bhith aig na h-oileanaich: the skills the students would require; comasach air ticead rèile a cheannach: capable of buying a rail ticket; feumaidh mi aideachadh: I must admit; a’ cur seachad am beatha gu lèir: spend their entire lives; cùrsaichean airson mion-chànan a bhith co-ionann ri: courses for a minor language [should be] equivalent to ; bidh an sgil sin riatanach ma thèid e do dhùthaich mar an Spàinnt is an Fhraing: that skill will be necessary if he goes to a country like Spain or France; tha mòran a’ nochdadh annta a tha rudeigin coimheach: many [things] appear in them which are rather strange; am fear-naidheachd Sgitheanach, Màrtainn Dòmhnallach, aig a bheil Gàidhlig bhrèagha: the Skye journalist, Martin MacDonald, who has excellent Gaelic; tha mi uabhasach duilich –’s e coigreach a th’ annam...!: I’m very sorry – I’m a foreigner!; chòrdadh bòrd rinn air a’ bharraid: a table on the terrace would be good; dè th’ ann am marag dhubh?: what is a black pudding?; chan urrainn dhomh suidheachadh sam bith a chruthachadh nam inntinn: I can’t create a situation in my mind; saoil am faigheadh tu freagairt onarach?: do you think you would get an honest answer?; am bi am bàta tulgadh cus ri droch shìde?: does the boat toss a lot in wild weather?; a bhios gu feum ann an stèisean rèile: which will be of use in a railway station; bileag shingilte gu Glaschu, ler toil: a single ticket to Glasgow, please; bidh na h-ùghdarrasan teisteanais toilichte: the education authorities will be pleased.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: trì not’ ach sgillinn: [lit. three pounds, but a penny] This is the Gaelic for £2.99 – it is easier to say than “dà nota, naochad ’s a naoi sgillinn” or “dà nota, ceithir fichead sgillinn ’s a naoi-deug” and is perfectly legitimate. Here are some other examples: còig nota deug ach sgillinn (£14.99); seachd nota fichead ach sgillinn (£26.99); seachd nota ach còig sgillinn (£6.95); naoi nota deug ach còig sgillinn (£18.95).

Gnàths-cainnt na Litreach

Gnàths-cainnt na Litreach: nach brèagha an là a th’ ann?: isn’t it a fine day?.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast