
28/10/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 330
Duration: 05:52
Litir 330: Na Cuimrich ann an Saskatchewan
Tha e coltach nach eil mòran air fhàgail an-diugh de na Cuimrich ann an Saskatchewan. Tha mi a-mach air na Cuimrich a chaidh a dh’fhuireach ann an Saltcoats ann an Saskatchewan ann an naoi ceud deug ’s a dhà (1902). Nuair a nithear rannsachadh air an eadar-lìon, feuch dualchas Cuimreach a lorg ann, gheibhear fiosrachadh mu chomann air a bheil The English/Welsh Society of Saskatoon. Is cinnteach, nan robh na Cuimrich làidir gu leòr, nach biodh iad air a dhol an co-bhuinn ris na Sasannaich airson comann a dhèanamh.
Carson a tha mi ag ràdh sin? Uill, cha robh na daoine às a’ Chuimrigh a rinn tuineachadh ann an Saskatchewan nan Cuimrich àbhaisteach. Gu dearbh, chan ann às a’ Chuimrigh a bha iad. Bha iad à Ameireagaidh a Deas.
Tha an stòiridh a’ tòiseachadh ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a còig (1865) anns a’ Chuimrigh fhèin. Sheòl ceud is seasgad Cuimreach air an t-soitheach Mimosa, a-mach à Liverpool. Bha iad a’ dol a dhèanamh dachaigh ùr Chuimreach dhaibh fhèin aig ceann thall a’ chuain.
Aig an àm sin, bha iad airson Ameireaga a Tuath a thrèigsinn, oir chunnaic iad mu thràth gu robh an cànan aca a’ dol à bith gu luath fo bhuaidh na Beurla. Chuir iad romhpa dhol gu sgìre ann am Patagonia fad air falbh bho Bhuenos Aires, far an robh riaghaltas Argentina a’ tàladh in-imrichean. Ann a sin, fad air falbh o bhuaidh na Spàinntis is buaidh na Beurla, thog iad coimhearsnachdan Cuimreach. Chuir iad siostam lagha Cuimreach air dòigh, rud nach robh anns a’ Chuimrigh fhèin. Bha a’ Chuimris uile-chumhachdach mar chànan coimhearsnachd, co-dhiù anns a’ chiad dol a-mach.
Ach anns na naochadan dhen naoidheamh linn deug, thàinig atharrachadh air na bailtean as mò anns an sgìre. Bha iad soirbheachail gu h-eaconamach agus, air sàilleabh sin, chaidh mòran choigreach a dh’fhuireach annta. Cha robh Cuimris acasan. Chan e sin a-mhàin a dh’fhàg cuid de na Cuimrich mì-thoilichte. Bha an riaghaltas ann am Buenos Aires a’ gabhail barrachd gnothaich ris na coimhearsnachdan Cuimreach cuideachd. Bha iad ag iarraidh prìomhachas airson Spàinntis anns na sgoiltean, mar eisimpleir. Thòisich cuid de na Cuimrich air sùil a thoirt a-mach a-rithist – gu dùthchannan eile far am faodadh iad a bhith saor agus Cuimreach.
Chaidh buidheann dhiubh gu Saskatchewan, far an d’ fhuair iad cead grunn sgìrean a thuineachadh. Anns a’ Chèitean naoi ceud deug ’s a dhà (1902), dh’fhàg còrr is dà cheud Cuimreach Patagonia. Sheòl iad gu ruige Liverpool – an dearbh phort às an do sheòl an sinnsearan a dh’Ameireagaidh a Deas. An uair sin, lean iad orra air soitheach eile a Chanada. Ràinig iad Quebec anns an Ògmhios, agus chùm iad orra gu ruige Saskatchewan.
Air clàr an luchd-siubhail air an t-soitheach, tha Patagonia ainmichte mar dhùthaich am breith airson a h-uile Cuimreach, ach chan urrainn gu bheil sin fìor. Feumaidh gu robh cuid dhen fheadhainn a bu shine air am breith anns a’ Chuimrigh fhèin, is gu robh iad air imrich a dhèanamh dà thuras. Car coltach ris na Gàidheil Albannach a chaidh a dh’Alba Nuadh, is an uair sin gu Astràilia is New Zealand.
O chionn trì bliadhna, ceud bliadhna às dèidh do na Cuimrich Saltcoats a ruigsinn, chomharraich muinntir an àite “Bangor Heritage Day”. Ach, eucoltach ris na Cuimrich ann am Patagonia agus anns a’ Chuimrigh fhèin, cha do ghlèidh an fheadhainn ann an Saskatchewan an cànan, a rèir choltais. ’S iomadh rud a chailleas fear na h-imrich. ’S dòcha gun do rinn Cuimrich Saskatchewan cus dhith.
Faclan na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Abairtean na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.