
18/11/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 333
Duration: 05:33
Litir 333: An t-Urramach Tormod MacLeòid
Bha teaghlach Thormoid MhicLeòid air a dhol a dh’fhuireach còmhla ris ann an Alba Nuadh. Ach cha robh Tormod riaraichte. Tha e coltach gun d’ fhuair e cuireadh falbh gu ruige Ohio, far an robhar a’ sireadh mhiseanaraidhean Clèireach. Co-dhiù fhuair Tormod cuireadh gus nach d’ fhuair, chuir e roimhe gluasad gu Ohio. Bha e dhen bheachd gu robh Pictou a’ dol a dholaidh. Bha cus de mhuinntir an àite air an cùl a chur ri Dia. Dh’aontaich feadhainn a bha dìleas dha falbh a dh’Ohio còmhla ris.
Bha iad airson a dhol ann ann am bàta. Bha iad a’ dol a sheòladh sìos costa sear Ameireagaidh, a-steach gu Gulf Mheagsago agus an uair sin suas Abhainn Mhississippi. B’ fheudar dhaibh soitheach a thogail. Rinn iad sin ann am Pictou.
Bhiodh cuid de mhuinntir Phictou a’ dèanamh dì-meas air na Normanites, mar a chanadh iad ri luchd-leantainn MhicLeòid. Chuir iad ainm air an t-soitheach – The Ark. Agus ’s e sin an t-ainm a chuir MacLeòid is a charaidean oirre cuideachd. Dh’fhàg i Pictou le sgioba de dh’fhir as t-Sultain ochd ceud deug ’s a naoi-deug (1819).
Thachair rudeigin neònach air an t-slighe a dh’Ohio, ge-tà. Sheòl iad gu tuath an toiseach, airson deuchainn a chur air an t-soitheach. Chaidh iad seachad air ceann a tuath Eilein Cheap Bhreatainn. An uair sin bha iad anns a’ chuan mhòr. Lean iad costa Cheap Bhreatainn gu deas agus, feasgar a bha seo, stad iad airson iasgach. Ghlac iad truisg gu leòr. Bha iad aig beul bàigh agus dh’fhuirich iad an oidhche an sin.
Air an làrna-mhàireach, thug iad sùil air an àite. Bha am bàgh brèagha. Bha e air a chuairteachadh le cnuic is coilltean. Bha na h-uisgeachan làn èisg. Agus cha mhòr gu robh neach-tuineachaidh a’ fuireach ann. Chaidh iad air tìr – far a bheil Baile Anna an-diugh. Bha na fir toilichte leis na chunnaic iad agus cho-dhùin iad fuireach an sin, seach a bhith a’ cumail orra gu ruige Ohio.
Thagh gach duine aca pìos fearainn. Thòisich iad air an talamh ullachadh airson a’ chuir as t-Earrach. Thog iad bothain. An uair sin, thill iad a Phictou airson a’ gheamhraidh. Bha iad a’ dol a thilleadh an ath bhliadhna.
Nuair a thill iad a Phictou, reic iad an Ark. Thòisich gach duine aca air eathar a thogail, a bheireadh iad fhèin is na teaghlaichean aca a Bhaile Anna. Dh’fhalbh seachd eathraichean còmhla as t-Earrach. Bha cuid toilichte gu robh na Normanites a’ falbh. Bha iad sgìth dhen chàineadh a bhiodh iad a’ faighinn bho Thormod MacLeòid. Ach bha cuid eile ann nach robh cho toilichte. Bhiodh feadhainn acasan a’ leantainn orra aig a’ cheann thall.
Cha robh cùisean furasta air an t-slighe. Dh’èirich stoirm agus chaidh na bàtaichean a sguabadh far an cùrsa. Mu dheireadh fhuair a h-uile tè ach aonan tron chaolas eadar tìr-mòr Alba Nuaidh agus Ceap Breatainn. Fhuair iad fasgadh ann am Baile Pheadair ann an ceann a deas Cheap Bhreatainn.
Ach, airson greis, cha robh sgeul air an ceannard, Tormod. Bha eathar-san air a dhol air tìr ann an Eilean a’ Phrionnsa. Ann a sin, fhuair e taic is aoigheachd bhon t-sagart, Maighstir Aonghas, an t-Athair Urramach Aonghas MacEachairne. Ged a bhiodh Tormod gu tric a’ bruidhinn a-mach an aghaidh teagasg na h-Eaglaise Caitligich, bho sin a-mach cha chanadh e droch fhacal mu na sagairt innte. Mu dheireadh, ràinig e fhèin Baile Pheadair, deiseil airson an còrr dhen t-slighe a dhèanamh don dachaigh ùir aca.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.