Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 341: Sliabh a’ Bheannachaidh, Dail a’ Mhallachaidh agus Poll na h-Iuchrach

Tha dualchas Gàidhealach air leth inntinneach aig mòran àiteachan ann an Siorrachd Obair Dheathain. Am measg nan àiteachan sin, tha an Tulaich, faisg air Bealadair. Bu mhath leam sùil a thoirt air trì ainmean àite anns an sgìre sin. Is iad sin Sliabh a’ Bheannachaidh, Dail a’ Mhallachaidh agus àite ìosal air an talchan ri taobh Uisge Dè air a bheil Poll na h-Iuchrach. Tha e coltach gu robh Poll na h-Iuchrach uaireigin mar phàirt dhen abhainn. A rèir beul-aithris, tha na h-ainmean sin uile co-cheangailte ri naomh a bha uaireigin ainmeil anns an sgìre sin.

B’ esan Nachlan. Bha e beò anns an t-seachdamh linn, agus bha e dìleas do dhualchas Chaluim Chille. Thathar dhen bheachd gur e Cruithneach a bh’ ann, gum buineadh e don sgìre sin, agus gu robh e à teaghlach beartach. Tha seann tobhta anns an Tulaich air a bheil Cill Nachlain. ’S e sin làrach na h-eaglaise a bh’ aig Nachlan o shean. Chaidh eaglais eile a thogail air an làraich o chionn fhada – agus tha sin fhèin na tobhta a-nise.

Choisinn Nachlan cliù dha fhèin mar fhear practaigeach a bha uabhasach sgileil le bhith a’ fàs bàrr. Bhiodh e a’ dol timcheall na sgìre, a’ sealltainn do dhaoine mar a b’ fheàrr a dh’fhàsadh iad bàrr dhaibh fhèin – eòrna is coirce is a leithid sin. Nuair a bhiodh e a’ fàilneachadh air daoine eile arbhar math a bhith aca, bha bàrr math an-còmhnaidh aig Nachlan. Bhiodh e a’ toirt taing do Dhia.

Bliadhna a bha seo, bha gort ann. Cha robh biadh gu leòr aig na daoine. Gu fortanach bha stòras de dh’arbhar aig Nachlan. Thug e sin do na daoine airson an cumail beò. Ge-tà, chleachd iad uiread dhen stòras aige, ’s nach robh sìol air fhàgail airson cur as t-earrach. Bha a h-uile duine a-nise ann an staing.

A rèir na sgeòil, chuir Nachlan earbsa ann am freastal Dhè. Dh’iarr e air a luchd-taic gainmheach a thoirt à Uisge Dè agus a sgaoileadh air na h-achaidhean. Nuair a bha sin dèante, chaidh Nachlan gu a ghlùinean agus bheannaich e an t-àite. Gu h-iongantach, dh’fhàs bàrr math air a’ bhliadhna sin.

As t-fhoghar, thàinig daoine cruinn còmhla airson am bàrr a bhuain. Nuair a bha iad deiseil airson tòiseachadh, dh’èirich stoirm. Shèid i an t-arbhar thairis gus an robh e na laighe air an talamh. Dh’fhàs Nachlan feargach agus choirich e Dia airson na thachair.

An ceann greis chiùinich an stoirm, agus chaidh an t-arbhar a bhuain math gu leòr. Ach bha Nachlan ga ithe fhèin airson na thuirt e ri Dia, agus mar a dh’fhàs e feargach leis. Ghabh e aithreachas, agus chuir e peanas air fhèin. Cheangail e a ghàirdean deas do chois agus chuir e glas air. Thilg e an iuchair do dh’Uisge Dè. Bha sin anns an àite ris an canar, chun an là an-diugh, Poll na h-Iuchrach. Thuirt Nachlan nach fhuasgladh e a’ ghlas gus am biodh e air tadhal air an Ròimh. Tha cuid dhen bheachd gu robh e airson maitheanas iarraidh bhon Phàp fhèin. Tha cuid eile ag ràdh gu robh e airson tadhal air na comhain aig na Naoimh Peadar is Pòl.

Nuair a bha e san Ròimh, thachair Nachlan ri balach a bha a’ reic èisg. Cheannaich an t-Albannach iasg bhuaithe agus thug e air ais e airson a dhìnnearach. Nuair a bha e ga chutadh, lorg e rudeigin meatailt na bhroinn. Dè bh’ ann? A, uill, innsidh mi sin dhuibh an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Siorrachd Obair Dheathain: Aberdeenshire; An Tulaich: Tullich; Bealadair: Ballater; naomh: saint; Nachlan: Nathalan, Nachlan; an-còmhnaidh: always; gort: famine.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Sliabh a’ Bheannachaidh, Dail a’ Mhallachaidh: the moor of blessing, the dale of cursing; air an talchan ri taobh Uisge Dè: on the haugh beside the River Dee; Poll na h-Iuchrach: the pool of the key; uaireigin mar phàirt dhen abhainn: at one time part of the river; dìleas do dhualchas Chaluim Chille: loyal to the Columban heritage; thathar dhen bheachd gur e Cruithneach a bh’ ann: it is thought he was a Pict; tha sin fhèin na thobhta a-nise: that is now a ruin; choisinn Nachlan cliù dha fhèin: Nachlan developed a reputation; mar fhear practaigeach a bha uabhasach sgileil le bhith a’ fàs bàrr: as a practical man who was extremely skilful in growing crops; eòrna is coirce is a leithid sin: barley and oats and things like that; nuair a bhiodh e a’ fàilneachadh air daoine eile: when other people failed; stòras de dh’arbhar: a store of corn; chleachd iad uiread: they used so much; ’s nach robh sìol air fhàgail airson cur as t-earrach: that there was no seed left to plant in spring; ann an staing: in a bad situation; chuir Nachlan earbsa ann am freastal Dhè: Nachlan was confident of God’s providence: bheannaich e an t-àite: he blessed the place; airson am bàrr a bhuain: to harvest the crop; shèid i an t-arbhar thairis: it blew the corn over; choirich e Dia: he blamed God; chiùinich an stoirm: the storm abated; ghabh e aithreachas, agus chuir e peanas air fhèin: he regretted it, and he punished himself; cheangail e a ghàirdean deas do a chois: he tied his right arm to his leg; nach fhuasgladh e a’ ghlas gus am biodh e air tadhal air an Ròimh: that he would not release the lock until he had visited Rome; na comhain aig na Naoimh Peadar is Pòl: the shrines of Saints Peter and Paul; airson a dhìnnearach: for his dinner; nuair a bha e ga chutadh: when he was gutting it; rudeigin meatailt na bhroinn: something metal inside it.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: a’ sealltainn do dhaoine mar a b’ fheàrr a dh’fhàsadh iad bàrr dhaibh fhèin: showing [to] people how best they could [would] grow crops for themselves. Mar a b’ fheàrr is a useful adverbial phrase – note how it is used and where it appears in the sentence. Here is another example of its use. Sheall mi dhaibh mar a b’ fheàrr a chutadh iad iasg: I showed them the best way to gut a fish. It often appears with urrainn eg dh’innis i dhomh mar a b’ fheàrr a b’ urrainn dhomh a dhèanamh (she told me how best to do it). The same sentence in English might be translated as dh’innis i dhomh mar a b’ fheàrr a dhèanainn e. Note that in all these cases, the verbs following the phrase are in the conditional.

Gnàths-cainnt na Litreach

Gnàths-cainnt na Litreach: bha Nachlan ga ithe fhèin airson na thuirt e ri Dia: Nachlan was sorely vexed (lit. “was eating himself”) about what he [had] said to God.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast