
03/03/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 348
Duration: 05:25
Litir 348: Air do bhonnagan a ghaoil
Is iomadh leabhar math Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh an-uiridh. Gu dearbh, saoilidh mi gur e deagh bhliadhna a bh’ ann an 2005 airson foillseachadh Gàidhlig. Am measg nan leabhraichean a bu tarraingiche a nochd an-uiridh, bha fear a chaidh fhoillseachadh le Acair ann an Steòrnabhagh. Air a’ chiad shealladh chanadh tu, ’s dòcha, gur ann do chloinn a tha e. Ach saoilidh mi gum faigheadh mòran inbheach tlachd às cuideachd – an dà chuid fileantaich agus luchd-ionnsachaidh. Mholainn e gu sònraichte do phàrantan a tha a’ togail an cuid cloinne le Gàidhlig mar phrìomh chànan. Agus tha mi an dòchas gu bheil sin a’ gabhail a-steach a h-uile duine a bhios ag èisteachd ris a’ phrògram seo!
’S e an tiotal a th’ air an leabhar “Air do bhonnagan a ghaoil”, agus ’s e a th’ ann cruinneachadh de rannan do chloinn, a chaidh a chur ri chèile le Tormod Caimbeul à Nis ann an Leòdhas. ’S e cruinneachadh mòr a th’ ann, le faisg air dà cheud gu leth duilleag, agus dealbhan dathte brèagha an cois nan rannan. An t-seachdain seo, agus an ath-sheachdain, tha mi a’ dol a thoirt blasad dhen stuth a th’ anns an leabhar – agus tha mi an dòchas gun tèid sibh a-mach is gun ceannaich sibh fear!
Tha cuid de rannann ann a tha co-ionann ri feadhainn a nochdas ann am Beurla. Uaireannan tha e doirbh dèanamh a-mach an e eadar-theangachadh as coireach no an do dh’èirich iad gu neo-eisimeileach o chèile. Mar eisimpleir an rann Beurla:
Seagull, seagull, sit on the sand,
It’s never good weather when you’re on land
agus am fear Gàidhlig:
Fhaoileag, fhaoileag, taobh an cuan,
Na faiceam thu air talamh cruaidh:
Air talamh cruaidh ma nì thu fois,
Bidh gaoth is dìle tighinn na chois.
Canaidh mi sin a-rithist gus an greimich sibh air:
Fhaoileag, fhaoileag, taobh an cuan,
etc…
Ach seo rann a tha le cinnt na eadar-theangachadh air fear ainmeil ann am Beurla. Tha mi an dùil gum mothaich sibh cò fear a th’ ann:
Seinn port na sia sg’inn,
Mo phòcaid làn sìol-cur;
Ann am broinn a’ bhonnaich mhòir
Bha còrr is fichead druid;
Nuair dh’fhosgladh am bonnach suas
’S a sheinn na h-eòin le spìd,
Nach b’ e siud an truinnsear brèagh’,
Ga chur air beulaibh rìgh.
Bha ’n rìgh an taigh an ionmhais
A’ cunntadh suas nan sgillinn;
Bha bhanrigh anns a’ chùlaist
Ag ithe mìr is mil air;
Bha ’n t-searbhant anns a’ ghàrradh
Cur aodach air an ròp –
Nuas druid dhubh le sgreuch
Is spìon i dhith an t-sròn.
Tha mi an dùil gun do dh’aithnich sibh e. Tha e co-ionann ri “Four and Twenty Blackbirds”. Tha a’ Ghàidhlig gu math dlùth ris a’ Bheurla, nach eil? Seo agaibh a-rithist e, beagan nas luaithe, gus an glac sibh air an ruitheam. Bheir sinn sùil air feadhainn a bharrachd an ath-sheachdain:
Seinn port na sia sg’inn etc…
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: is iomadh X a chaidh fhoillseachadh: many X were published; a bu tarraingiche: the most attractive; air a’ chiad shealladh: at first sight; mholainn e gu sònraichte: I would particularly recommend it; gu bheil sin a’ gabhail a-steach a h-uile duine: that that takes in everybody; dealbhan dathte brèagha an cois nan rannan: beautiful coloured illustrations along with the verses; tha e doirbh dèanamh a-mach: it is difficult to make out; an do dh’èirich iad gu neo-eisimeileach: did they arise independently; gaoth is dìle: wind and rain; seinn port na sia sg’inn: sing the tune of the six pennies; nach b’ e siud an truinnsear brèagh’: wasn’t that a lovely plate; ga chur air beulaibh rìgh: to [being] put before the king; bha [a’] bhanrigh anns a’ chùlaist: the queen was in the parlour; mìr is mil air: bread with honey on it; nuas druid dhubh le sgreuch: down [came] a black starling with a scream; is spìon i dhith an t-sròn: and it plucked off her the nose.
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.