
31/03/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 351
Duration: 06:10
Litir 352: Teàrlach MacAoidh
Lorg mi seann leabhar iongantach ann an leabharlann o chionn ghoirid. Tha e air a sgrìobhadh ann am Beurla ach tha e mu dheidhinn dualchas na Gàidhlig. Bha an t-ùghdar a’ feuchainn ri dearbhadh gu robh, ’s dòcha, barrachd buaidh aig a’ Ghàidhlig air cànanan Eòrpach eile na bha fìor. ’S e an tiotal a th’ air an leabhar The Gaelic Etymology of the Languages of Western Europe and more especially of the English and Lowland Scotch and of their slang, cant and colloquial dialects. Chan e tiotal goirid a th’ ann co-dhiù!
B’ e an t-ùghdar Teàrlach MacAoidh. Bha e na bhall de Chomann Rìoghail Luchd-àrsaidheachd na Danmhairg. Agus is cinnteach gu robh ùidh mhòr aige sa Ghàidhlig. Airson tomhas a dhèanamh air na beachdan aige, tha mi a’ dol a thoirt sùil air cuid de na faclan Beurla anns an leabhar aige a tha a’ tòiseachadh le “b”.
Tòisicheamaid le bastard no neach dìolain. Tha am facal Beurla a’ tighinn bhon Fhraingis batard, agus tha a’ chuid as motha de eòlaichean dhen bheachd gu bheil sin a’ tighinn bhon fhreumh bast, a tha a’ ciallachadh “dìollaid”. Tha e a’ nochdadh anns an abairt fils de bast – mac a chaidh a ghineadh nuair a bha athair air falbh bho dhachaigh air each.
Ach dè beachd Theàrlaich MhicAoidh air a’ ghnothach? Uill, tha esan ag ràdh gun deach e don Fhraingis bho na Ceiltich, agus gun robh bast a’ riochdachadh an fhacail baos ann an Gàidhlig.
’S e an ath fhacal aig MacAoidh baste – a’ ciallachadh mar a chuireas còcaire lionn thairis air feòil nuair a tha e ga còcaireachd. Tha MacAoidh dhen bheachd gun tàinig sin à baist, baisteadh ann an Gàidhlig. Às dèidh sin tha Bastille aige – am prìosan ann am Paris a chaidh a sgrios leis an t-sluagh aig toiseach Ar-a-mach na Frainge. Tha e coltach gun robh e air ainmeachadh airson an àite anns an deach a thogail. Bha an t-àite sin na bhoglach.
A bheil an t-ainm mar sin ceangailte ri baisteadh? Uill, tha na sgoilearan a’ cumail a-mach gun tàinig an seann fhacal Frangach bastile bho fhreumh Gearmailteach, a’ ciallachadh “togail”. Ach tha ar caraid Gàidhealach a’ cur air adhart mìneachadh eile. Sgrìobh MacAoidh gu robh e a’ tighinn bhon Ghàidhlig bàs agus tiodhlaic – bàs-tiodhlaic – oir, gu dearbh, ’s e sin a bha a’ tachairt gu tric am broinn ballachan a’ phrìosain. Is iomadh duine a fhuair bàs ann agus a bh’ air a thiodhlacadh às dèidh làimh.
Tha sin gam thoirt gu bauble. San latha an-diugh, bidh daoine a’ smaoineachadh air bauble mar dhèideag bheag air nach eil luach mòr sam bith. Ach gu h-eachdraidheil bha e a’ ciallachadh “maide aig amadan cùirte”. Thàinig bauble don Bheurla bhon Fhraingis, bhon fhacal baubel ach chan eil daoine cinnteach dè an rathad a ghabh e a-steach don Fhraingis.
Tha MacAoidh ag ràdh gun tàinig e bhon Ghàidhlig bà, “a fool”, agus ball, “an instrument”. Bà-ball – bauble. Mmm. Chan eil mi cho cinnteach. Ach ’s e an rud a tha math mu dheidhinn leabhraichean mar seo gu bheil iad a’ toirt oirnn smaoineachadh air tùs fhaclan. Agus dhuibhse a tha measail air coin, bheir sinn sùil air beagle an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.