
07/04/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clips
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 353
Duration: 05:33
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 353
Duration: 05:51
Litir 353: Teàrlach MacAoidh
Cò às a thàinig am facal beagle ann am Beurla? Uill, ’s dòcha gum bi cuimhne agaibh gu robh sinn a’ toirt sùil an t-seachdain sa chaidh air an leabhar le Teàrlach MacAoidh – The Gaelic Etymology of the Languages of Western Europe. Bha beachd aig Teàrlach còir air iomadach facal – agus beagle nam measg. Ach dè tha na faclairean ag ràdh? Leis an fhìrinn innse, chan eil iad cinnteach cò às a thàinig am facal. Tha cuid dhen bheachd gur dòcha gun tàinig e don Bheurla bhon Fhraingis. Ach tha MacAoidh ag ràdh gun tàinig e bhon Ghàidhlig – beag agus sùil – beag-shùil – beagle, “a dog with small eyes”.
Agus dè mu dheidhinn begin? Tha a’ chuid as motha de eòlaichean cànain ga cheangal ri biginnan anns an t-seann Ghearmailtis. A rèir MhicAoidh, faodar tùs an fhacail a lorg ann an Gàidhlig – bith (“life”) agus gin (“to procreate, produce”). Bith-gin.
’S e facal eile ann an leabhar MhicAoidh – belfry. Tha sin a’ tighinn bhon Ghàidhlig beachd (“watch, observe”) agus frith (“small, little”) – chaidh e don Bheurla, ge-tà, bhon Fhraingis beffroi.
Agus tha am facal mith-chainnteach bin aige cuideachd. Tha sin a’ ciallachadh “pòcaid le airgead ann”. Nise, tha mi a’ dol a chur seo ann am Beurla mar a sgrìobh MacAoidh e oir tha e iongantach. Tha bin a’ tighinn bhon fhacal Ghàidhlig “binn, melodious; whence by metaphor, money that chinks in the pocket with a sound melodious to the ears of the thief who wants to appropriate it.” Uill, dè chanas mi?
Agus bidh fios agaibh gur e a’ Ghàidhlig airson black – dubh. Mar sin, am biodh dùil againn gun tàinig am facal Beurla black bhon Ghàidhlig? Uill, tha Teàrlach MacAoidh ag ràdh nach eil black idir coltach ri a leithid ann an cànanan Eòrpach eile – schwartz, noir, negro is mar sin air adhart – ged a bha facal blak ann an seann Bheurla nan Sagsannach, a bha a’ ciallachadh inc. Cò às a thàinig e, ma-thà? ’S e freumh an fhacail, a rèir an leabhair – “blàthaich, to warm, make hot; blàths, warmth, heat; blàthaichte, warmed, heated, whence blackened by the heat.”
Tha mi air a bhith a’ gabhail beagan spòrs le beachdan Theàrlaich MhicAoidh. Saoilidh mi gu robh e cho measail air a’ Ghàidhlig ’s gun robh e airson “dearbhadh” gu robh buaidh mhòr aice air cànanan Eòrpach eile, eadhon ged a tha cuid de na beachdan aige annasach dha-rìribh. Ach le cuid de na faclan, bha e dìreach a’ sealltainn gu robh rudeigin sa chumantas eadar a’ Ghàidhlig agus cànanan eile – mar a rinn Alasdair MacBheathain anns an fhaclair aige, An Etymological Dictionary of the Gaelic Language. Chaidh sin fhoillseachadh ann an ochd ceud deug, naochad ’s a sia, (1896), naoi bliadhn’ deug às dèidh foillseachadh leabhar MhicAoidh.
Bu mhath leam crìochnachadh le bhith a’ toirt sùil air an fhacal Ghàidhlig bleigeard, no blaigeard. Gu mì-fhortanach, chan eil sin ann am faclair MhicBheathain ach tha daoine dhen bheachd gun tàinig e bhon fhacal Bheurla blackguard – air a sgrìobhadh mar “black-guard”. Ach an e sin a bh’ ann am blackguard bho thùs – black guard?
Uill, tha MacAoidh ag ràdh nach e facal dà-fhillteach a th’ ann idir, ach facal Ceilteach aon-fhillteach. Anns a’ Ghàidhlig, ’s e “blagair, a boaster, an impudent boaster”. Tha e a’ cumail a-mach gun do ghabh luchd na Beurla a-staigh e mar mhith-chainnt agus gun do chruthaich iad tùs Beurla dha, le bhith ga litreachadh mar “black-guard”. Chan eil mi cinnteach, ach tha sin nas coltaiche, chanainn, na bin no begin…
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: leis an fhìrinn innse: to tell the truth; tha cuid dhen bheachd gur dòcha gun tàinig e: some are of the opinion that perhaps it came; dè chanas mi?: what can [do] I say?; am biodh dùil againn?: would we expect?; nach eil X coltach ri a leithid ann an cànanan Eòrpach eile: that X is not like its equivalents in other European languages; seann Bheurla nan Sagsannach: the old Saxon language; saoilidh mi: I reckon; gu robh e cho measail air a’ Ghàidhlig: that he was so keen on Gaelic; gu robh buaidh mhòr aice air: that she had a great effect on; tha cuid de na beachdan aige annasach dha-rìribh: some of his opinions are extremely strange; gu robh rudeigin sa chumantas: that there was something in common; chaidh sin fhoillseachadh: that was published; às dèidh foillseachadh leabhar MhicAoidh: after the publication of Mackay’s book; bu mhath leam crìochnachadh: I would like to finish; facal Ceilteach aon-fhillteach: a simple [single-element] Celtic word; gun do chruthaich iad tùs Beurla dha: that they created an English origin for it.
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.