
21/04/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 355
Duration: 05:26
Litir 355: Teàrlach MacAoidh
Airson trì bliadhna anns na seasgadan dhen naoidheamh linn deug, bha Teàrlach MacAoidh stèidhichte ann an New York. Bidh cuimhne agaibh, ’s dòcha, gur e MacAoidh a sgrìobh an leabhar The Gaelic Etymology of the Languages of Western Europe. Ann an New York, bha e ag aithris do Thìm Lunnainn air a’ Chogadh Chatharra. Cha robh sin furasta dha oir bha e aithnichte mar fhear libearalach. A-nise bha e ag obair do phàipear-naidheachd nach robh cho libearalach.
Agus, ged a bha MacAoidh an aghaidh tràilleachd, cha robh e dhen bheachd gu robh e ceart do mhuinntir a’ Chinn a Tuath a bhith a’ cur cath ri muinntir a’ Chinn a Deas air a sàilleabh. Bha mòran ann an New York mì-thoilichte beachd mar sin a chluinntinn bhuaithe.
Ach fhad ’s a bha e thall, bhris e naidheachd mhòr a chuir ri a chliù mar fhear-naidheachd. B’ e sin gu robh buidheann de nàiseantaich Èireannach anns na Stàitean, agus ann an Èirinn, ag obair ann an co-fheall, feuch ar-a-mach a thòiseachadh an aghaidh Bhreatainn. Bha na Fianna, mar a ghabh iad orra fhèin, gu math làidir anns na seasgadan, ach cha do shoirbhich leotha ro mhath.
Mu dheireadh dh’fhalbh MacAoidh a dh’obair air a cheann fhèin. Bhiodh e a’ sgrìobhadh do ghrunn phàipearan-naidheachd is irisean agus, barrachd is barrachd, bha e air a thàladh a dh’ionnsaigh teangaireachd – eòlas air cànanan agus an càirdeas eadar cànanan. Bha e gu mòr dhen bheachd gu robh na h-eòlaichean Eòrpach air na cànanan Ceilteach a chur an dàrna taobh nuair a bha iad a’ coimhead air tùs fhaclan.
Bha MacAoidh dhen bheachd gu robh freumhan Ceilteach aig mòran fhaclan ann an cànanan Eòrpach. Bha beachd inntinneach aige air na sèistean beaga, nach dèan ciall, a nochdas ann an òrain ann am Beurla is Fraingis, leithid fàl, là, là, fol de rol agus hey, nonnie, nonnie (rud a tha cumanta ann an òrain Ghàidhlig). Bha e dhen bheachd gur e criomagan a bh’ annta de dh’òrain diadhaidh a bhiodh na draoidhean a’ gabhail ris a’ ghrèin dà mhìle bliadhna roimhe.
Airson còig bliadhna rinn e obair air an leabhar mhòr, The Gaelic Etymology ..., a chaidh fhoillseachadh ann an Lunnainn ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a seachd (1877). Ach chaill e airgead air. Agus dh’fhàilnich air foillsichear a lorg airson leabhar eile ann am Fraingis – “Origines Celtiques de là Langue Française”.
Thug e òraid seachad aig an dàrna còmhdhail bhliadhnail aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis, fhad ’s a bha e a’ dèanamh rannsachadh air a Gaelic Etymology. Thuirt e gu robh sinnsearachd làn-Ghàidhealach aige ’s gu robh nàire air nach deigheadh aige air Gàidhlig a labhairt.
Ach dh’aidich e rud inntinneach na òraid. Fichead bliadhna roimhe bha e air a ràdh gur ann don Ghalldachd a-mhàin cha mhòr a bhuineadh ceòl is bàrdachd na h-Alba. Bha cuideigin air sgrìobhadh do phàipear-naidheachd ann an Inbhir Nis, a’ dèanamh iomradh air sin. Bha e ciontach, dh’aidich e, ach thuirt e gur e aineolas a bu choireach. Bha e a-nise na bu shine is na bu ghlice.
Chan eil mi cinnteach an do rinn Teàrlach MacAoidh fàbhar don Ghàidhlig leis an leabhar aige. Tha e inntinneach nach do rinn Alasdair MacBheathain iomradh sam bith air anns an fhaclair aige fhèin, An Etymological Dictionary of the Gaelic Language. ’S dòcha gu robh an ùidh a bh’ aig MacAoidh sa chuspair air cron a dhèanamh air an sgoilearachd aige. Chaochail e san Dùbhlachd ochd ceud deug, ochdad ’s a naoi (1889) ann an Lunnainn.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.