
30/06/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 365
Duration: 05:26
Litir 365: Sabaid Mhòr Inbhir Ùige
Thathar ag ràdh gum b’ e am batail mu dheireadh eadar Gàidheil is Goill ann an Alba “Sabaid Mhòr Inbhir Ùige” ann an ochd ceud deug, caogad ’s a naoi (1859). ’S e gnothach uabhasach a bh’ ann às nach bi Gàidheal no Gall moiteil an-diugh. Thòisich e le ubhal – no, a rèir cuid, orainsear. Agus chrìochnaich e le aimhreit mhòr air sràidean Inbhir Ùige.
Bha na mìltean de Ghàidheil ann an Inbhir Ùige airson an iasgaich. ’S ann à Leòdhas a bha mòran aca. Air an t-seachdamh latha fichead dhen Lùnastal – ’s e Disathairne a bh’ ann – thòisich sabaid air an àrd-shràid eadar dithis bhalach. ’S ann mu dheidhinn ubhal – no orainsear – a bha an t-sabaid. B’ iad an dithis gille à Inbhir Ùige agus fear Calum MacLeòid à Bail’ Ailein ann an Leòdhas. Bha Calum ceithir bliadhn’ deug a dh’aois.
Bha gu leòr a-muigh air an t-sràid agus sgaoil an t-sabaid mar fhalaisg sa mhòintich. Taobh a-staigh dà mhionaid bha na ceudan air a dhol an amhaichean a chèile. Thàinig na poilis agus dh’fheuch iad ri eileanach a chur an grèim a bhathar a’ coireachadh airson na h-aimhreit. Ach cha leigeadh a charaidean leis na poilis a thoirt air falbh. Mu dheireadh fhuair na poilis taic bho chuid de mhuinntir an àite, agus chaidh aca air an duine a thoirt gu stèisean nam poileas.
Chuairtich na h-eileanaich an togalach. Bha iad a’ toirt rabhadh seachad gun toireadh iad fhèin an duine a-mach mura biodh e air a leigeil ma sgaoil. Bha na poilis dhen bheachd gum b’ e fear à Ceòs ann an Leòdhas, Raibeart Dòmhnallach, an ceannard aca. Thàinig iad a-mach agus tharraing iad Raibeart a-steach don togalach. A rèir aithris, chaidh a chuid aodaich a reubadh dheth anns an ùpraid.
Dh’fhàs a’ mhì-rian na bu mhiosa. Thuirt an sluagh gun leagadh iad an togalach gu làr mura leigeadh na poilis na h-eileanaich ma sgaoil. Bha mu dhà mhìle gu leth duine an làthair, ach bha dìreach mu cheud a’ gabhail pàirt san aimhreit.
Bha feadhainn a’ sadail chlachan. Chaidh trithead uinneag a bhriseadh ann an Talla a’ Bhaile agus bha feadhainn a’ toirt ionnsaigh air daoine eile a bha dìreach a’ coimhead a’ ghnothaich. Chaidh oidhirp a dhèanamh, ann an Gàidhlig is Beurla, fearg an t-sluaigh a mhùchadh, ach cha do dh’obraich e.
Cha robh an t-Àrd-chonstabal air a bhith dìomhain, ge-tà. Bha e air fios a chur don t-soitheach dìon-iasgaich, am Princess Royal, a bha anns an sgìre. Bha e cuideachd air a bhith a’ clàradh cuid de dh’fhir an àite mar chonstabalan sònraichte.
Bha dragh air na h-ùghdarrasan cuideachd mu choinneamh-ùrnaigh a bha a’ gabhail àite faisg air làimh, anns an robh mìle gu leth duine – a’ chuid a bu mhotha aca nan Gàidheil. Chaidh brath a chur don mhinistear, Mgr MacAoidh à Dùthaich MhicAoidh, iarraidh air a’ choitheanal aige dhol dìreach dhachaigh às dèidh làimh. Rinn e sin, agus chaidh a’ chuid a bu mhotha de na daoine dhachaigh gun dàil. Rinn Mgr MacAoidh fhèin air làrach na h-aimhreit agus bhruidhinn e ris an t-sluagh airson fichead mionaid, ag iarraidh orra sgaoileadh, ach cha do ghabh iad a chomhairle.
An uair sin leugh an Siorram Achd na h-Aimhreit. Agus chì sinn dè thachair an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.