
18/08/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 372
Duration: 05:40
Litir 372: Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig
Tha leabhar iongantach air mo bheulaibh an-dràsta. Uill, chan eil sin buileach fìor. Tha e rim thaobh. Oir tha sgàilean a’ choimpiutair air mo bheulaibh. Ach tha am buadhair a chleachd mi mun leabhar ceart – oir tha e iongantach. Gu mì-fhortanach, chan ann leamsa a tha e. Tha e le caraid dhomh, agus tha e agam dìreach air iasad.
’S e an tiotal a th’ air Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig, anns a bheil Stèidhean na Dà Chainnt Mìnichte gu Soilleir. Ann am Beurla: A Double Grammar of English and Gaelic, in which the Principles of Both Languages are Clearly Explained. B’ e an t-ùghdar Iain Foirbeis, Maighstir-sgoile Chille Chuimein. Chaidh fhoillseachadh ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a trì (1843) agus chosg e ceithir tastain.
Tha fhios nach dèanadh cuid gàirdeachas mu sheann leabhar gràmair a bhith aca! Ach tha mi fhìn rudeigin measail air gràmar, feumaidh mi aideachadh. Anns an Ro-ràdh aige, tha Iain Foirbeis ag ainmeachadh briathran sgoilear Gàidhlig: “Mar as eòlaiche a chinneas sibh air maise, air milsead agus snasmhorachd na Gàidhlig, ’s ann as taitniche a bhitheas i leibh.” Agus faodar maise, milsead is snasmhorachd fhaicinn tro bhith a’ sgrùdadh a’ chànain fhèin. Chì daoine bòidhchead ann an coille. Ach chithear cuideachd bòidhchead anns na lusan a tha a’ dèanamh coille is mar a tha iad suidhichte còmhla.
Bidh daoine a’ gearain uaireannan mu na h-atharrachaidhean a thàinig air a’ Ghàidhlig anns a’ cheud gu leth bliadhna a chaidh seachad. Ach, bho bhith a’ leughadh a’ Ghràmair Dhùbailt, tha e follaiseach gu bheil mòran ann nach do dh’atharraich. Bha ainmear aige airson noun, buadhar airson adjective and gniomhar airson verb – an ìre mhath mar a th’ againn an-diugh. Air an làimh eile, seo faclan a bh’ aig Foirbeis: cubadh, an àite litreachadh, airson spelling, pungar, an àite alt, airson article agus car, an àite tuiseal, airson case.
Sin am briathrachas, no beagan dheth. Ach dè mu dheidhinn nan riaghailtean gràmair? A bheil iad sin air atharrachadh? Uill, èistibh ri seo. Thug Foirbeis eisimpleirean de “mhì-chleachdadh” an roimheir air. Sgrìobh e gu bheil Tha e air pòsadh a’ ciallachadh he is at or on a marriage, or present at the ceremony. Ma tha thu a’ ciallachadh he has married bu chòir dhut a ràdh, no a sgrìobhadh, Tha e iar pòsadh. Bha iar a’ ciallachadh “after” – mar a tha e a’ ciallachadh ann am west. Tha an taobh an iar air cùlaibh duine a bhios a’ coimhead a dh’ionnsaigh na h-àird an ear, far an èirich a’ ghrian.
Thug Foirbeis eisimpleir eile: Bha Seumas air trusadh nan caorach – James was at the gathering of the sheep. Agus Bha Seumas iar trusadh nan caorach – James had gathered the sheep. Nise, tha a h-uile càil a tha sin air atharrachadh. Tha iar air a dhol à bith anns an t-seagh sin. ’S e air a chanas daoine anns a h-uile suidheachadh sin an-diugh.
Is toigh leam an earrann bheag dhen leabhar anns a bheil liosta de chlisgearan. ’S e clisgear, a rèir Foirbeis, “facal a nochdas mothachadh geur no gluasad grad na h-inntinn”. Rudan mar bi falbh!, mo thruaighe! agus puth! Agus – dà abairt dhuibh airson an Litir a thoirt gu crìch: airson alas, alas! – och is ochan nan och èire! Agus dhaibhsan a tha mì-riaraichte lem beatha: a shaoghail bhreugaich, bu tu ’n carraiche!
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàthsan-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.