
25/08/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 373
Duration: 05:22
Litir 373: Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig
Tha mi air a bhith a’ leughadh tuilleadh dhen t-seann leabhar Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig le Iain Foirbeis, Maighstir-sgoile Chille Chuimein. Agus tha e ag innse riaghailt inntinneach mu ghràmar ann an Gàidhlig. Tha e co-cheangailte ri roimhear, no preposition. Eadar. Tha Foirbeis ag ràdh gun cleachd sinn eadar le ainmearan anns an tuiseal ainmneach no nominative case. Mar eisimpleir, canaidh sinn eadar am beul ’s an gogan – between the mouth and the dish. Eadar am beul ’s an gogan. Canaidh sinn eadar fear is bean – between man and wife. Eadar fear is bean.
Ach nuair a tha e a’ ciallachadh both, tha eadar ag adhbharachadh sèimheachadh (ged as e sèideachadh a bh’ aig Foirbeis air sèimheachadh). Tha e a’ toirt dà eisimpleir: eadar ghillean agus chaileagan (both lads and lasses). Eadar ghillean agus chaileagan. Agus eadar bheag is mhòr – both great and small. Eadar bheag is mhòr.
Tha an riaghailt seo air a dhearbhadh le Dwelly, anns an fhaclair aige. Seo na sgrìobh Dwelly: when signifying both, [eadar] does not admit the article between itself and the noun; but aspirates both its nouns. Agus thug e trì eisimpleirean: eadar bheag agus mhòr (both great and small), eadar cheann is chasan (both head and feet) agus eadar mhath is olc (both good and bad).
Dè tha na faclairean ùra ag ràdh, ma tha? A bheil iadsan ag aontachadh gu bheil an riaghailt seo fhathast ann am bith? Uill, tha am faclair Teach Yourself le Boyd Robasdan is Iain MacDhòmhnaill a’ toirt na h-eisimpleir eadar bheag is mhòr airson both large and small. Agus anns an fhaclair The Essential Gaelic-English Dictionary le Aonghas MacBhàtair, tha an coimeas a tha seo: thàinig iad, eadar bheag is mhòr – they came, both small and great. Agus tha e eadar beag agus mòr – he is between small and big/neither small nor big. Mar sin, tha an riaghailt sin fhathast ann am bith.
Agus mus fhàg sinn sèimheachadh ainmearan air sgàth roimhearan, tha Foirbeis ag innse seo dhuinn: air sometimes aspirates its noun – mar eisimpleir air thalamh (on earth). Dè air thalamh a tha a’ dol? (what on earth is happening?) Agus bidh sibh eòlach ’s dòcha air mar a chanas daoine air mhàl airson for rent, seach air màl. Fhuair mi an taigh air mhàl airson seachdain – I rented the house for a week.
Agus seo rud a dh’ionnsaich mi. Bidh fios agaibh gu bheil na roimhearan de agus do gu tric air an atharrachadh gu a. Bha mi a’ smaoineachadh gur dòcha gur e rud car ùr a bha sin, is gun do dh’èirich e ’s dòcha anns an fhicheadamh linn. Uill, tha Foirbeis a’ dearbhadh gun robh e cumanta gu leòr ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Tha e a’ toirt na h-eisimpleir punnd a dh’ìm ùr – a pound of fresh butter.
Ach tha gearan aige. Agus cluinnear an gearan sin fhathast. Tha e ag ràdh, “De, of, is often confounded with do, to or for, and it is strange to see ... when it is perfectly evident that the meaning of the one is quite the contrary of the other.” Tha e a’ toirt eisimpleirean: bheir mi a’ ghlas dhen doras (I will take the lock off the door) agus thug mi an ceann de m’ òrdaig (I took the head off my thumb). Dè bhiodh bheir mi a’ ghlas dhan doras, no thug mi an ceann dha m’ òrdaig a’ ciallachadh? Uill, fàgaidh mi sin agaibh fhèin.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.