
01/09/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 374
Duration: 05:39
Litir 374: Gràmar Dùbailt Beurla is Gàidhlig
An do mhothaich sibh a-riamh mar a tha am facal fear air a dhol rudeigin boireann ann an cuid de sgìrean? Tha mi a’ ciallachadh le sin, gum bi cuid ag ràdh an fhear, an àite am fear anns an tuiseal ainmneach. Mar eisimpleir – sin an fhear a bha mi a’ ciallachadh an àite sin am fear a bha mi a’ ciallachadh. Uill, chan e rud ùr a th’ ann. Bha e a’ tachairt anns na ceathradan dhen naoidheamh linn deug. Tha fhios a’m air sin, oir tha liosta aig Iain Foirbeis anns an leabhar aige Gràmar Dùbailt Beurla is Gàidhlig air a bheil “Seollairtean Gaelig Mi-cheart” no Improper Gaelic Phrases agus tha an fhear ud – yon fellow, that man – nam measg.
Ach tha Foirbeis uabhasach àilgheasach. Tha e ag ràdh nach eil feagal ceart is gur e eagal a bu chòir a ràdh. Tha e mì-thoilichte le Dè mar a tha sibh? is bhrist e a chas an àite bhris e a chas. Agus tha e ag ràdh gu bheil e ceàrr a bhith ag ràdh char e a-null – is gur e chaidh e a-null a tha ceart. Ach buinidh na rudan seo do dhualchainntean na Gàidhlig. Agus nach eil beairteas againn nar dualchainntean?
Èistibh ri seo: Àrdachdainn, cruinneachdainn, cinneachdainn, ceasnachdainn ... and the like are improperly used by vulgar speakers for àrdachadh, cruinneachadh, ceasnachadh etc. A-rithist, nach e rud dualchainnteach a tha sin? Agus fhad ’s a tha mi a-mach air dualchainntean, tha seo aige: The erroneous practice of pronouncing adh or eadh like ubh prevails to a great extent in Ross and Sutherlandshire; as bheirubh, chuirubh, chitu ... for bheireadh, chuireadh, chiteadh... Obh obh!
Air an làimh eile, nach robh Foirbeis ceart ann a bhith a’ cur sìos air abairtean mar tha e dependigeag ort oir tha abairtean matha Gàidhlig ann airson sin. Dè chanadh sibh fhèin airson tha e dependigeag ort? Cuiridh mi na fuasglaidhean aig Foirbeis anns an dreach sgrìobhte dhen Litir. Chì sibh sin ann am Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich, Observer Shruighlea no air làrach-lìn Ghàidhlig a’ BhBC.
Nise, bu toigh leam tòimhseachan no dhà a chur mur coinneimh. Tha liosta de dh’abairtean Frangach aig Foirbeis, agus a’ Ghàidhlig air an son rin taobh. Tha mi a’ dol a thoirt dhuibh na Gàidhlig is tha mi airson ’s gun can sibh dè an Fhraingis a th’ air gach abairt.
Seo a-nist iad: Ceann ri ceann. Ceann ri ceann – tête-à-tête. Stràc crìochnachaidh. Stràc crìochnachaidh – coup de grâce; Seòmar uaigneach mnà uaisle. Seòmar uaigneach mnà uaisle – boudoir. Gille-seòmair. Gille-seòmair – valet de chambre. Fear ionnsaichte. Fear ionnsaichte – savant. Dia ’s mo chòir. Dia ’s mo chòir – Dieu et mon Droit. Olc dhàsan a smaoinicheas air olc. Olc dhàsan a smaoinicheas air olc – honi soit qui mal y pense.
An robh sibh math orra? Bha. Très bien! Airson crìoch a chur air an Litir, tha ceist agam dhuibh. Dè a’ Ghàidhlig a th’ air irony? Ìoranas, nach e? Ach ’s e sgèigeach a bh’ aig Foirbeis. Tha e a’ sgrìobhadh Is e Sgèigeach figear anns am bheil neach ag ràdh gu sgèigeil, chan i a bheachd ach a ceart-chaochladh. Agus tha e a’ toirt eisimpleir – Their sinn ri giullan a dhìochuimhnicheas a leasan – “Gu dearbh is cùramach thu!” Beannachd leibh.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.