
24/11/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 386
Duration: 05:44
Litir 386: Ar-a-mach a’ Bhuntàta
An cuala sibh a-riamh mu “Ar-a-mach a’ Bhuntàta” ann an Inbhir Nis? Uill, ’s e mì fhìn a chuir an tiotal sin air. ’S e tachartas iongantach a bh’ ann.
Tha ceud is seasgad bliadhna air a dhol seachad bho thachair gaiseadh a’ bhuntàta. Thug e buaidh uabhasach air muinntir na h-Èireann, ach bha e dona gu leòr ann an Alba cuideachd. Fhad ’s a bha daoine ann an èiginn, gun bhiadh gu leòr, bha cuid eile a’ reic biadh is a’ dèanamh prothaid às. Bha iad eadhon a’ dèanamh às-mhalairt de bhuntàta.
Air an treas latha dhen Ghearran, ochd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1846) thòisicheadh air buntàta a chur air bòrd dà shoitheach ann an Inbhir Nis. Bha iad a’ dol gu ruige Lunnainn far am faighte prìs mhath air a’ mhargaidh. Bha fios aig muinntir a’ chinn a tuath, ge-tà, air dè bha a’ dol ann an Èirinn agus gun robh an suidheachadh a’ fàs truagh ann an Alba cuideachd.
Air an latha sin chaidh buidheann de mhàthraichean len cuid cloinne don chidhe. Bha iad air an cuideachadh le fir. Am measg nam fear bha Aonghas Siosalach, a bha na ghobha. Nuair a thàinig cairtean is eich, is na cairtean làn bhuntàta, chun a’ chidhe, chuir na daoine stad orra. Thionndaidh iad cinn nan each, agus tharraing iad na h-eich air falbh bhon chidhe.
Air an làrna-mhàireach chaidh feuchainn a-rithist na cairtean fhaighinn chun a’ chidhe. Ach a-rithist chaidh stad a chur orra. Bha an sluagh a-nise air fàs mòr. Chuala ùghdarrasan a’ bhaile mun t-suidheachadh. Rinn an t-Iar-Shiorram, am Pròbhaist, maighstirean-lagha agus poilis air a’ chidhe. Ach chaidh stad a chur orra mus do ràinig iad an cidhe. Agus chaidh poll a thilgeil orra.
An àite a bhith ag èisteachd ris na daoine, ge-tà, chuir iad fios don arm ann an Gearastan Deòrsa. Thàinig buidheann de sheachdad saighdear. Ràinig iad Caisteal Inbhir Nis air an oidhche sin.
Ach cha do chuir sin eagal air na daoine. Thàinig mìle gu leth dhiubh cruinn còmhla, a’ togail fianais. Bha iad ag iarraidh air na h-ùghdarrasan stad a chur air às-mhalairt a’ bhuntàta.
Cha robh iad buileach sìtheil, ge-tà. Bha Aonghas Siosalach air a dhol na cheannard orra. Dh’iarr e air gille òg coiseachd tro shràidean a’ bhaile, a’ bualadh a dhruma. Fhad ’s a bha iad a’ coiseachd, dh’fhàs an sluagh, a bha a’ leantainn a’ ghille, na bu mhotha ’s na bu mhotha.
Chaidh iad gu Tom a’ Chaisteil, far an robh na saighdearan. Bha iad ag èigheachd air na saighdearan. Agus chan ann modhail a bha iad. Dh’fhuirich na saighdearan am broinn a’ chaisteil, ge-tà.
An uair sin chaidh iad gu taigh aig seann phròbhaist a’ bhaile agus bhris iad cuid de na h-uinneagan aige. Rinn iad an aon rud aig taigh a’ phròbhaist. Ghluais iad sìos gu taigh aig fear dhen fheadhainn a bha a’ ruith nan soithichean a bha a’ toirt a’ bhuntàta air falbh. B’ esan Seumas Mason. Thàinig an clàrc aige a-mach le gunna na làimh. Chaidh an gunna a thoirt bhuaithe agus bha e air a ghoirteachadh anns an spàirn.
An uair sin nochd Mason fhèin. “’S e mise a bu choireach,” dh’aidich e, “ri às-mhàlairt a’ bhuntàta, ach bheir mi arbhar is buntàta gu leòr a-steach a dh’Inbhir Nis ma tha sin a dhìth.” Agus innsidh mi dhuibh dè rinn an sluagh an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.