
01/12/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 387
Duration: 05:42
Litir 387: Seumas Mason
Bha Seumas Mason a’ ruith soithichean a bha a’ cur buntàta a-mach à Inbhir Nis gu ruige Lunnainn. Ach bha gaiseadh a’ bhuntàta ann. Agus bha an sluagh feargach mu dheidhinn. Chuir daoine stad air Mason bho bhith a’ cur buntàta air na soithichean. Gheall Mason gun toireadh e “arbhar is buntàta gu leòr a-steach a dh’Inbhir Nis” nan robh sin a dhìth.
Ach cha robh an sluagh riaraichte. Bha fios aca gum biodh biadh mar sin fada ro dhaor dhaibh. Bhris iad na h-uinneagan anns an taigh aige. An uair sin, rinn iad air taigh fear eile a bha a’ dèanamh às-mhalairt de bhuntàta. Ach bha saighdearan ann romhpa.
Dh’fhuiling dithis lotan bho bheigleidean nan saighdearan. Chuir na saighdearan fichead duine an grèim. Mus d’ fhuair iad air ais don chaisteal leotha, thilg an sluagh tòrr chlachan orra. Bha am Pròbhaist feargach. Chanadh cuid mu dheidhinn gun dèanadh e aimhreit ann an eaglais fhalamh. Chan èisteadh e ri gearanan an t-sluaigh mu chion a’ bhìdh. An àite sin, rinn e conastabalan sònraichte de chuid de dh’fhir bheartach a’ bhaile.
Agus rinn e cùisean na bu mhiosa. Chaidh cairt làn bhuntàta a thoirt gu Taigh a’ Bhaile. Thug na h-ùghdarrasan a’ chairt tro na sràidean a dh’ionnsaigh a’ chidhe. Air an rathad, chaidh clach a thilgeil. Bhuail i am Pròbhaist. Leugh an Siorram Achd na h-Aimhreit.
Ach thàinig barrachd is barrachd dhaoine cruinn còmhla air an rathad don chidhe. Mu dheireadh, bha mu chòig mìle ann. ’S e sluagh mòr a bha sin oir cha robh ach còig mìle deug duine a’ fuireach ann an Inbhir Nis aig an àm. Chuir na daoine ruaig air na poilis le bhith a’ tilgeil clachan orra. Fhuair iad grèim air a’ chairt. Dh’fhuasgail iad an t-each agus thilg iad a’ chairt don abhainn.
Chaidh fios a chur do na saighdearan anns a’ chaisteal. Thàinig iadsan don chidhe leis na beigleidean aca ceangailte. Chuir iad còignear an grèim.
Chaidh stad a chur air daoine bho bhith a’ falbh a-mach eadar naoi uairean a dh’oidhche agus sia uairean sa mhadainn. Thairis air an oidhche, ge-tà, chaidh cuid a chur an grèim air sràidean Inbhir Nis.
Air Disathairne an seachdamh latha dhen Ghearran, ceithir latha às dèidh don aimhreit tòiseachadh, chaidh ochd làn-chairtean de bhuntàta a chur air bòrd nan long aig a’ chidhe. Bha aon duine a’ feuchainn ri stad a chur orra. Ach bha saighdearan gu leòr an làthair. Chaidh an duine a chur an grèim. Bha buaidh aig na h-ùghdarrasan.
Nochd ceannard luchd na h-aimhreit, an gobha, Aonghas Siosalach, anns a’ chùirt anns a’ Ghiblean. Bha e fhèin is feadhainn eile fo chasaid de bhith ri aimhreit. Fhuair e naoi mìosan anns a’ phrìosan.
Ach tro thìde thàinig e am follais gu robh luchd na h-aimhreit ceart mun t-suidheachadh anns a’ cheann a tuath. Rinn an gaiseadh sgrios air a’ bhuntàta air feadh na sgìre.
Chan e sin a-mhàin ach bha gainnead de dh’arbhar ann an cuid de dh’àiteachan cuideachd. A dh’aindeoin sin bha cuid fhathast a’ dèanamh às-mhalairt de dh’arbhar. Anns an Fhaoilleach ochd ceud deug, ceathrad ’s a seachd (1847) chaidh aithris gu robh daoine ann an Srath Glais a’ fulaing le cion a’ bhìdh. Agus chaidh feadhainn ann an Inbhir Nis air ais air na sràidean air a’ chiad latha dhen Ghearran, feuch stad a chur air às-mhalairt de bhiadh. Ach mhair an dàrna ar-a-mach dìreach latha, agus cha robh feum air saighdearan.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Gnàths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.